FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Coire Bhreacain (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Choire Bhreacain, an cuairt-shruth ainmeil eadar Sgarba agus Diùra.

Audio is playing in pop-over.

Coire Bhreacain (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Choire Bhreacain, an cuairt-shruth ainmeil eadar Sgarba agus Diùra. Tha e faisg air Cnoc an t-Sabhail, an t-àite ann an Diùra far an do sgrìobh George Orwell an nobhail aige 1984. Ach cha mhòr nach deach Orwell a bhàthadh ann an Coire Bhreacain mus robh 1984 deiseil aige. Seo mar a thachair e.

B’ e a’ bhliadhna 1947. Bha càirdean aig Orwell air a dhol a dh’fhuireach còmhla ris as t-samhradh. Agus latha a bha seo, thug Orwell cuireadh dhaibh falbh còmhla ris ann am bàta. Bha a phiuthar agus a cuid cloinne ann, a’ gabhail a-steach an fhir as òige, Ricky, nach robh ach trì bliadhna a dh’aois. B’ e ainm ceart Orwell ‘Eric Blair’ agus bha a’ chlann gu math measail air ‘Uncail Eric’.

Tha e coltach gu robh Orwell eòlach air bàtaichean. Ach ʼs dòcha nach robh e toinisgeil gu leòr. Dh’fhàg e an taigh gun fios a bhith aige mun tìde-mhara agus cuin a bhiodh an sruth-mara cunnartach. Agus cha robh seacaidean-sàbhalaidh air duine aca. Nuair a ràinig iad an caolas, bha suaile mhòr ann agus bha am bàta a’ tulgadh gu dona. Chunnaic iad Coire Bhreacain. Bha an t-uisge a’ dol mun cuairt mar an donas.

A bharrachd air Coire Bhreacain fhèin, tha cuairt-shruthan eile timcheall a’ chaolais. Agus tha iad fhèin làidir. Ged a bha einnsean outboard air a’ bhàta, cha robh e neartmhor gu leòr, agus ghabh cuairt-shruth grèim orra. Chaidh am bàta mun cuairt mar aodach ann an inneal-nighe agus ghabh a h-uile duine air bòrd eagal am beatha.

Bha am bàta air a thilgeil suas is sìos le neart. Bha na tuinn mu dheich troighean a dh’àirde. Gu h-obann, leum an t-einnsean far deireadh a’ bhàta. Agus sìos leis don aigeann. Bha iad a-nise gun einnsean agus ann an cunnart am beatha. ‘Dh’fhalbh an t-einnsean,’ thuirt Uncail Eric ri càch gu socrach. ‘Feumaidh sinn na ràimh a thoirt a-mach. Chan urrainn dhomh mòran a dhèanamh, tha eagal orm.’ Feumaidh gun robh e a’ ciallachadh nach robh e làidir gu leòr airson am bàta iomradh. Mar sin, ʼs e Eanraig, mac a pheathar, a thog na ràimh.

Fhuair iad faisg air eilean beag creagach agus leum Eanraig a-mach le ròp-toisich a’ bhàta na làimh. Fhad ʼs a bha e a’ dèanamh air talamh tioram, thug am bàta car. Bha a h-uile duine eile a-nise fo shlige a bhàta, a bha bun-os-cionn. Ach fear an dèidh a chèile, nochd a h-uile duine air uachdar. Cha robh aca ach am bàta, aon ràmh agus slat-iasgaich.

Gu fortanach an dèidh uair a thìde gu leth, chunnaic bàt’-iasgaich iad. Bha iad ag iasgach ghiomach. Chaidh iad faisg air an eilean, agus thilg an criutha ròp gu tìr. ʼS ann air an ròp a fhuair Orwell agus a chàirdean don bhàt’-iasgaich. Thug Orwell Ricky air a dhruim.

Tha beachd ann gun do ghiorraich an gnothach beatha Orwell. Goirid an dèidh na tubaist ann an Coire Bhreacain, ghabh e a’ chaitheamh agus b’ fheudar dha dhol don ospadal. Thill e a Dhiùra agus chuir e crìoch air 1984 anns an Iuchar 1948. Tha saoghal an litreachais taingeil nach d’ fhuair Orwell bàs ann an Coire Bhreacain a’ bhliadhna roimhe.

Litir 922 Litir 922 Litir 924 Litir 924

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!