FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Coire Bhreacain (1)

Tha mi a’ dol a dh’aithris dhuibh sreath ainmean-àite.

Audio is playing in pop-over.

Coire Bhreacain (1)

Tha mi a’ dol a dh’aithris dhuibh sreath ainmean-àite. An aithnich sibh an t-eilean anns a bheil iad? Cnoc an t-Sabhail, Port an Tiobairt, Port an Droighinn, Maol Eilean, Coire Bhreacain.

Tha mi cinnteach gun robh glè bheag agaibh eòlach air na h-ainmean ann am meadhan an t-sreath. Ach an fheadhainn aig gach ceann dheth – ʼs dòcha gun do dh’aithnich sibh iad – Cnoc an t-Sabhail agus Coire Bhreacain. Tha iad uile ann an – no faisg air – Eilean Dhiùra – air cladach an ear-thuath an eilein. Tha Cnoc an t-Sabhail nas aithnichte do dhaoine le dreach na Beurla air – Barnhill. Tha e ainmeil a chionn ʼs gur ann an sin a bha Eric Arthur Blair a’ fuireach nuair a sgrìobh e an nobhail aige 1984. Bha ainm-pinn aig Blair – George Orwell.

Agus an t-àite eile? Coire Bhreacain. Tha sibh eòlach air sin, nach eil? Mura h-eil sibh eòlach air an àite, bidh sibh eòlach air a chliù. ʼS e Coire Bhreacain an cuairt-shruth as ainmeile ann an Alba, agus an treas fear as cumhachdaiche anns an t-saoghal. Tha e gu tuath air Diùra, anns a’ chaolas eadar Diùra agus Sgarba. Tha e na chunnart do mharaichean.

Tuigidh sibh, tha mi an dùil, gur e whirlpool a tha mi a’ ciallachadh le ‘cuairt-shruth’. Tha faclan eile airson na leithid ann an Gàidhlig – ioma-shruth, cuairt-shlugan, cuairt-linn, slug-pholl, cuan-choire, saobh-choire, coingheall agus faochag-linne. Tha facal eile ann cuideachd, ach tha mi a’ dèanamh dheth nach eil e freagarrach airson Coire Bhreacain. ʼS e sin cuinneag-thuathail. Carson nach eil e freagarrach? Uill, fhad ʼs as aithne dhomh, bidh an t-uisge ann an Coire Bhreacain a’ cuartachadh deiseil.

Tha e inntinneach mar a tha cuid de na h-ainmean stèidhichte air sruth ‘current’, slug ‘swallow’ agus coire ‘cauldron’. Am bi Coire Bhreacain dha-rìribh a’ slugadh mharaichean, gan toirt don aigeann? Uill, a rèir aithris a leugh mi air an eadar-lìon, rinn sgioba filmidh deuchainn. Thilg iad corp fuadain le seacaid-sàbhalaidh agus inneal-tomhais doimhneachd air a-steach a Choire Bhreacain.

Chaidh a shlugadh leis an t-sruth agus chaidh e don aigeann. Nuair a nochd e a-rithist air uachdar, bha e pìos air falbh, agus sheall an t-inneal-tomhais doimhneachd gun robh e air a dhol sìos gu ochd ceud troigh fo uachdar na mara! Nise tha a’ chairt-mhara agam ag innse dhomh nach eil an doimhneachd a’ dol seachad air dà cheud meatair. Co-dhiù, a rèir choltais, chaidh an corp fuadain a shlugadh don aigeann.

Bliadhna no dhà air ais, thuirt mo mhac rium gun robh e a’ dol a shnàmh ann an Coire Bhreacain. Tha e gu math comasach a bhith a’ snàmh ann an àiteachan a tha, mar gun canadh tu, ‘dùbhlanach’. Ach tha Coire Bhreacain tuilleadh is dùbhlanach. Mus d’ fhuair mi cothrom ceist a chur air, thuirt e, ‘Aig àm an eadar-shruth a bhitheas e!’ Ach cha mhair an t-eadar-shruth fada. ʼS e an sruth-lìonaidh as cunnartaiche, gu h-àraidh aig àm an reothairt. Nochdaidh a’ chuairt-shruth, agus muir gharbh agus sruth-mara a tha a’ dol aig ochd mìle-mara san uair.

Tha Coire Bhreacain dìreach sia cilemeatairean air falbh bhon taigh anns an robh George Orwell a’ fuireach. Agus aon latha samhraidh, cha mhor nach do chaill an sgrìobhadair ainmeil a bheatha ann. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

Litir 921 Litir 921 Litir 923 Litir 923

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!