FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fionn, Bran agus an Cù Glas

Bha Fionn MacCumhail an impis falbh a Lochlann cuide ris a’ Ghille Mhòr.

Audio is playing in pop-over.

Fionn, Bran agus an Cù Glas

Bha Fionn MacCumhail an impis falbh a Lochlann cuide ris a’ Ghille Mhòr. Bha amadan ann. ‘Bheir mi comhairle dhuibh ma ghabhas sibh i,’ thuirt an t-amadan.

Is tric a gheibh Rìgh comhairle mhath à teanga amadain,’ thuirt Fionn.

‘Uill, ʼs i mo chomhairle,’ ars an t-amadan, ‘gun toir sibh leibh an t-slabhraidh òir aig Bran. Cha bhris sin ur cùmhnant oir cha bhi cù no caraid no ball-airm agaibh.’

‘Gle mhath,’ thuirt Fionn, agus chuir e slabhraidh òir Bhrain na phòcaid.

Ràinig Fionn lùchairt Rìgh Lochlainn, ach chan e fàilte a fhuair e. Bha an Rìgh agus uaislean a’ beachdachadh air an dòigh as fheàrr airson Fionn a mharbhadh. ‘Crochaidh sinn e,’ thuirt fear. ‘Bàthaidh sinn e,’ arsa fear eile. ‘Losgaidh sinn gu bàs e,’ thuirt treas fear.

Mu dheireadh, dh’èirich an Rìgh gu chasan. ‘Cuiridh sinn gu bàs e anns an dòigh as miosa,’ thuirt e. ‘Bheir sinn dhan Gleann Mhòr e, agus thèid ithe leis a’ Chù Ghlas.’

Thug iad Fionn don Gleann Mhòr. Chuala iad donnal a’ Choin Ghlais agus dh’fhalbh iad. Bha Fionn leis fhèin agus bha an Cù Glas a’ dlùthachadh ris. Bha a bheul fosgailte agus bha lasairean a’ tighinn às a chuinneanan. Bha an teas a’ dèanamh cron air craiceann Fhinn.

Thug Fionn slabhraidh Bhrain a-mach. Chrath e i. Gu h-obann, sheas am madadh air a bheulaibh mar chù-taighe, a’ crathadh earball. Dh’imlich e Fionn. Far an robh anail theth a’ choin air craiceann Fhinn a losgadh, rinn uisge-beòil slànachadh air. Chuir Fionn slabhraidh òir Bhrain timcheall amhaich a’ choin agus thug e sìos an gleann e.

Thàinig iad am fagus taigh aig ceann shìos a’ ghlinne, far an robh bodach is cailleach a’ fuireach. Bha a’ chailleach aig an doras mhòr agus chunnaic i Fionn leis a’ chù air taod. Ruith i a-steach don taigh. ‘Tha mi air rud iongantach fhaicinn,’ thuirt i ris a’ bhodach. ‘Am fear as àirde agus as eireachdaile a chunnaic mi riamh. Tha e a’ coiseachd sìos an gleann, agus an Cù Glas aige air taod.’

Nan toirte cruinn còmhla a h-uile duine ann an Alba is Èirinn is Lochlann,’ thuirt am bodach, ‘chan eil ann ach aon duine a dhèanadh sin – Fionn MacCumhail, agus slabhraidh òir Bhrain aige.’ Agus dh’fhalbh e a-mach a chur fàilte air Fionn.

Nuair a chuala iad an sgeulachd aig Fionn, thug iad cuireadh dha fuireach aca airson latha is bliadhna, agus ghabh Fionn ris. Aig deireadh na h-ùine sin, bha a’ chailleach a-muigh air tom faisg air an taigh. Chunnaic i sluagh air tràigh mhòr Lochlainn. Ruith i a-steach don taigh. ‘Tha sluagh mòr air an tràigh,’ thuirt i, ‘le fear ruadh aig an ceann.’

‘O,’ arsa Fionn, ‘ʼs e sin mo laoich, an Fhèinn, agus Osgar aig an ceann.’ Agus chaidh e sìos don tràigh leis a’ Chù Ghlas na chois. Chuir a h-uile duine fàilte mhòr air Fionn. Agus chuir Bran agus an Cù Glas fàilte mhòr mhòr air a chèile. B’ e an Cù Glas Sgeolan, bràthair Bhrain, a chaidh a thilgeil don mhuir nuair a bha Fionn a’ teicheadh bhon fhamhair. Bha iad nan cuileanan aig an àm.

ʼS iomadh gnothach anns an robh Fionn agus Bran an sàs. Tha iad air an cuimhneachadh fhathast am measg nan Gàidheal.

Litir 920 Litir 920 Litir 922 Litir 922

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!