Tha ainm-àite ann an Comhghall a tha gu math inntinneach. ʼS e sin Cill
Mhunnu, no Kilmun, àite a bha co-cheangailte ri Munnu, seann naomh
Ceilteach. Ach cò bh’ ann am Munnu? Uill, bha far-ainm aig mòran de na
naoimh. Bha sin eadar-dhealaichte bhon ainm-bhaistidh aca. B’ e Finten
ainm-baistidh Mhunnu.
Tha an sgoilear Gilbert Márkus air leabhran inntinneach a dhèanamh air
eachdraidh is dualchas Mhunnu. ʼS e Brilliant Flame ainm an
leabhrain. Tha e a’ cur nar cuimhne cho cudromach ʼs a bha Earra-Ghàidheal
ann an eachdraidh nan Gàidheal, gu h-àraidh ann an co-cheangal ri
sgaoileadh an t-soisgeil.
Tha iomradh air Munnu ann am Beatha Chaluim Chille a chaidh a
sgrìobhadh le Eònan, naoidheamh aba Ì. Chan e Munnu a chanas Eònan ris an
naomh, ach Finten – ainm baistidh.
Rugadh is thogadh Finten ann an Èirinn. Bha e air a ghairm le Dia gus a
dhol a dh’Eilean Ì mar eilthireach. Bha e airson coinneachadh ri Calum
Cille. Chaidh e gu seann duine airson a chomhairle fhaighinn mun chùis.
Fhad ʼs a bha iad a’ bruidhinn, thàinig dithis mhanach às Eilean Ì
a-steach.
‘A bheil a h-uile càil gu math le ar n-athair naomh, Calum Cille?’
dh’fhaighnich an seann duine.
‘Gu cinnteach, tha,’ fhreagair na manaich. Bha na deòir a’ sruthadh sìos an
gruaidhean. ‘Tha e air a dhol gu Crìosd anns na beagan làithean a
dh’fhalbh.’
Nuair a chuala e an naidheachd seo, thuit Finten don làr. Bha e a’
caoineadh. An dèidh greis, dh’fhaighnich e, ‘Cò dh’fhàg Calum Cille às a
dhèidh mar fhear-leantainn?’
‘Baithéne, dha robh e na oide,’ fhreagair na manaich.
‘Ma cheadaicheas an Tighearna,’ thuirt Finten, seòlaidh mi gu ruige
Baithéne, am fear naomh is glic. Ma ghabhas e rium, bidh e na aba dhomh.’
Gun dàil sam bith, rinn Finten deiseil. An ceann greis, ràinig e Ì. Thuirt
e ris na manaich gun robh e ag iarraidh coinneachadh ris an aba. Nuair a
bha e air beulaibh Bhaithéne, chaidh e air a ghlùin. Dh’iarr an t-aba air
èirigh gu a chasan. Chuir e ceistean air an fhear òg.
Dh’aithnich an t-aba gum b’ e seo an duine air an robh Calum Cille air a
bhith a’ dèanamh fàidheadaireachd. ‘Tha mi a’ toirt taing do Dhia gun
tàinig thu,’ ars an t-aba. ‘Ach, gu dearbh, cha bhi thu nad mhanach an
seo.’
Rinn an naidheachd sin Finten brònach. ‘Tha e coltach nach eil mi airidh air a bhith nam mhanach,’ thuirt e.
‘Chan eil mi math gu leòr.’
Chaidh an t-aba às àicheadh sin. ‘Chan e nach eil thu airidh air a bhith
nad mhanach, a mhic,’ thuirt an seann duine. ‘Ach chan urrainn dhomh a dhol
an aghaidh stiùireadh Chaluim Chille naoimh. Bhruidhinn an spiorad naomh
troimhe. Aon latha, nuair nach robh ann ach an dithis againn, thuirt e
rium, “Èist rium gu dùrachdach. Goirid às dèidh dhomh an saoghal seo
fhàgail, thig bràthair às Èirinn – fear Finten mac Thalchain. Bidh e ag
iarraidh a bhith na mhanach dhut. Ach chan fhaod e a bhith na mhanach
dhut.”’ Carson a thuirt Calum Cille sin, agus dè thachair do dh’Fhinten, no
Munnu? Innsidh mi dhuibh an ath sheachdain.