Bha mi ag innse dhuibh mu Mhunnu, seann naomh Ceilteach. B’ e Finten
ainm-baistidh. Dhiùlt Aba Ì, Baithéne, Finten a ghabhail mar mhanach.
Thuirt e gun robh Calum Cille nach maireann air a ràdh ris gun tigeadh fear
Finten mac Thalchain às Èirinn. ‘Bidh e ag iarraidh a bhith na mhanach
dhut,’ thuirt e, ‘ach chan fhaod e. Tha e an dàn dha a
bhith na aba, seach na mhanach – fear a bhios a’ stiùireadh dhaoine eile a
dh’ionnsaigh rìoghachd Dhè.’
Chan e sin a-mhàin a thuirt Calum Cille ri Baithéne. ‘Na leig le Finten
fuireach ann an Ì,’ thuirt e. ‘Cuir air ais a dh’Èirinn e ann an sìth. Leig
leis manachainn a thogail ri taobh na mara. An sin, bidh e na bhuachaille
do threud chaorach aig Crìosd agus bheir e na h-uibhir de dh’anaman gu
ruige an dachaigh ann an Nèamh.’
Nuair a chuala e na briathran seo, thug Finten taing do Chrìosd. Sheòl e a
dh’Èirinn. Thàinig an cunntas sin à Beatha Chaluim Chille, a chaidh a
sgrìobhadh le Eònan, naoidheamh aba Ì.
Tha cunntasan againn mu Fhinten, feadhainn às Èirinn. Nuair a bha e na
ghille, bha e ri buachailleachd. Ach bhiodh e a’ fàgail a chruidh anns a’
choille fhad ʼs a bha e ag ionnsachadh aig manachainn. Agus bha a’ choille
làn mhadaidhean-allaidh.
Thug athair trod dha. ‘Na biodh eagal oirbh, athair,’ thuirt Finten. ‘Ma
leigeas sibh leam a bhith ag ionnsachadh an cois searbhantan Dhè, cha
chaill sibh gin dhen chrodh agaibh do na madaidhean-allaidh.’ Agus air an
làrna-mhàireach, chunnaic athair Fhinten dà mhadadh-allaidh anns a’
choille. Bha iad a’ coimhead às dèidh a’ chruidh mar a bhiodh dà chù
dròbhaidh!
Ged a chuir e seachad a’ chuid mhòr de a bheatha ann an Èirinn, tha Finten
– àno Munnu – air a chuimhneachadh cuideachd ann an Alba. Tha e a’ nochdadh
ann an ainmean pearsanta, mar eisimpleir. Anns an t-seann aimsir, ghabh
feadhainn an t-ainm Gille Mhunnu mar urram dha. Mar sin, nochd an t-ainm
cinnidh Mac Gille Mhunnu. Ann an dreach na Beurla, tha sin a’ nochdadh anns
na seann làmh-sgrìobhainnean mar a leanas: Macelmwyn, Makilmone, Mckilmoun,
Makmun, Vellnund agus M’Ilfun.
Anns an latha an-diugh, tha na h-ainmean-cinnidh MacMunn agus Munn cumanta
gu leòr. ʼS ann à MacMhunnu a thàinig iad. Bidh sibh a’ cuimhneachadh gum
b’ e Finten – no Fintan – ainm-baistidh an naoimh. Mar sin, nochd an t-ainm
Gille Fhintain mar urram dha – agus an t-ainm-cinnidh Mac Gille Fhintain.
Às a sin, thàinig na h-ainmean-cinnidh a th’ againn an-diugh – MacClinton
agus McAlinden. Tha dùil cuideachd gu bheil MacClintock – Mac Gill’
Fhionntaig – a’ comharrachadh an dearbh dhuine. Ma dh’fhaodte gu bheil
McLentick agus McIllandag a’ tighinn bhon aon fhreumh – agus gun deach
ainmean dhen t-seòrsa seo a ghiorrachadh gu Lindsay cho tràth ris an
t-seachdamh linn deug.
An do mhothaich sibh do dh’aon rud? Tha an t-ainm MacClinton – agus Clinton
– a’ cuimhneachadh Finten. Mar sin, tha ainm an naoimh Ghàidhealaich seo
air a chuimhneachadh anns an tè a bha a’ strì o chionn ceithir mìosan
airson ceannas nan Stàitean Aonaichte. ʼS dòcha gur e Hillary Nic Gill’
Fhiontain a bu chòir dhuinn a bhith a’ gabhail oirre ann an Gàidhlig!