Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu chreutairean
macmeanmnach na mara – an Cìrean Cròin agus an Cionaran-crò. Tha iad – no
bha iad – le chèile uabhasach fhèin mòr. Bha iad cho mòr ʼs gun robh iad ag
ithe mhucan-mara. Thug mi an rann seo dhuibh|:
Seachd sgadain sàth bradain,
Seachd bradain sàth ròin,
Seachd ròin sàth muc-mhara bheag,
Seachd mucan-mara beaga, sàth muc-mhara mhòr,
Seachd mucan-mara mòra, sàth Cionarain-crò,
Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain.
Fhuaireadh cunntas dhen Chionaran-crò bho fhear ann an Nis ann an Leòdhas,
Aonghas Gunnach. Ged a bha e ochdad ʼs a ceithir bliadhna a dh’aois, bha
Aonghas fhathast làidir na cheann ʼs na bhodhaig. Fad ùine mhòr, bha e a’
fuireach ann an Rònaigh, eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas. Bha
tòrr sgeulachdan aige. Seo agaibh tè dhiubh.
O chionn fhada, thàinig Naomh Rònan a Leòdhas airson na daoine a thoirt gu
Crìosd. Thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh far am biodh e ag
adhradh agus a’ dèanamh ùrnaigh. Ach cha robh ùidh aig na daoine anns an
obair aige. Bhiodh na fir a’ connsachadh ri chèile mun a h-uile rud agus
bhiodh na mnathan a’ connsachadh ri chèile mu ghnothaichean suarach nach b’
fhiach. Bha Rònan troimhe-chèile agus cha b’ urrainn dha an soisgeul a
sgaoileadh no eadhon ùrnaighean a dhèanamh dha fhèin.
Bha e a’ fàs seachd searbh dhen t-suidheachadh agus rinn e
ùrnaigh don Tighearna a bhith air a thoirt air falbh bho mhuinntir
Eòropaidh. Thàinig aingeal Dhè agus dh’iarr e air Rònan a dhol a-bhàn don laimrig far an robh an Cionaran-crò a’
feitheamh ris. Rinn Rònan air an laimrig na dheann. Cha tug e leis ach
‘pollaire’ – satchel – leis an Leabhar na bhroinn – am Bìoball,
tha mi a’ ciallachadh. Agus an sin bha an Cionaran-crò, le a dhà shùil a’
deàrrsadh mar rionnagan anns an iarmailt.
Chaidh Rònan air muin a’ Chionarain-chrò agus dh’fhalbh e leis ag astar
thar na mara os cionn nan stuaghan. Ach cha robh mòran stuaghan ann – bha
a’ mhuir iongantach ciùin. Ann am priobadh na sùla ràinig an Cionaran-crò
Eilean Rònaigh. Aig an àm sin bha an t-eilean làn nathraichean beumnach,
ghrìbheanan ìneach agus leomhann beucach. Seadh – ʼs e tèarmann nàdair a
bhiodh ann an-diugh, gu cinnteach!
Co-dhiù, cha do mhair na beathaichean annasach sin ann fada. Theich iad ron
fhear naomh (gun luaidh air a’ Chionaran-chrò!), agus chaidh iad thar nan
creagan chun na mara. ʼS e sin a dh’fhàg gu bheil sgrìoban air na creagan
ann an Rònaigh. ʼS iad na creutairean sin a dh’fhàg na sgrìoban len ìnean,
agus iad ann an cabhaig teicheadh. Bha an t-eilean a-nise sìtheil agus thog
Rònan cealla ann dha fhèin, far am biodh e ag adhradh ann an sìth.
Gu mì-fhortanach, chan eil an stòiridh ag innse dhuinn dè thachair don
Chionaran-chrò. Saoilidh mi gun deach e air ais don chuan mhòr. Agus dè mun
chreutair eile anns an rann? Seachd Cionarain-crò, sàth Mial Mhòr a’ Chuain. Mo
chreach – feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach fhèin mòr is
làidir is acrach. ʼS dòcha gu bheil e a cheart cho math nach fhaca duine tè
dhiubh ann an uisgeachan na h-Alba airson ùine mhòr!