FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Spàinnteach (3)

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Spàinnteach, Iain MacDhòmhnaill à Cnòideart.

Audio is playing in pop-over.

Iain Spàinnteach (3)

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Spàinnteach, Iain MacDhòmhnaill à Cnòideart. Thachair e ri fear ann an Toirbheartan a bha an làthair nuair a chaidh mìle not a ghoid bhuaithe. Tha Iain ag innse dhuinn gun do chuir e an duine air a dhruim dìreach agus gun do theich e air ais don dùthaich aige fhèin.

Chuir e ri chèile buidheann de chòignear ghaisgeach agus thill iad do thaigh Chailein Deirg ann an dùthaich ʼic Coinnich. Ach b’ aithne do Chailean fàth a thurais agus bha ceathrad fear armaichte aige. ‘Tha an t-airgead air a chaitheamh,’ thuirt e ri Iain.

‘Ma tha an t-airgead air a chaitheamh,’ ars Iain, ‘tha duais ann dhaibhsan a chaith e.’

‘Dè an duais?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘A’ chroich,’ fhreagair Iain.

Leis a sin, dh’èirich sluagh Chailein. Bha iad a’ maoidheadh air Iain agus tharraing e a ghunna agus a bhiodag. Ach fhuair e fhèin ʼs a chompanaich air falbh gun dòrtadh-fala.

Thàinig lighiche ainmeil a thadhal air Iain ann an Cnòideart. Bha iad ag iasgach nuair a thàinig soitheach cogaidh faisg orra. Dh’iarr an lighiche air Iain a thoirt a-mach don t-soitheach, feuch bathar medigeach a cheannach bhuapa. Bha aig Iain ri bhith a’ toirt a’ chreidsinn nach robh Beurla aige, agus gur e sgalag a bh’ ann.

Gu mì-fhortanach dha, b’ e an soitheach am Porcupine, fo stiùir a’ Chaiptein Fheargasdain, fear a bha ainmeil airson a bhrùidealachd an aghaidh nan Seumasach. Bha e cinnteach gur e Seumasach cliùmhor a bh’ ann an Iain agus chuir e an grèim e. ‘Chì thu Lunnainn fhathast,’ thuirt am Fearghasdanach.

‘ʼS iomadh baile mòr Eòrpach a chunnaic mi mu-thràth,’ fhreagair Iain ann an deagh Bheurla.

Nuair a ràinig iad Caol Mhuile, chaidh Iain a chur a-null gu soitheach cogaidh eile. Ach, an àite a dhol a Lunnainn, thàinig òrdugh bhon riaghaltas Iain a chur a Ghearasdan Inbhir Lòchaidh. Chaidh a chur air bòrd eathair airson a dhol ann.

Bha an criutha Èireannach. Dh’inns iad do Iain ann an Gàidhlig na h-Èireann, nan teicheadh e orra sa Ghearasdan, gun losgadh iad air ach gun dèanadh iad cinnteach nach buaileadh peilear ann. Dh’inns iad dha cuideachd gum b’ e am fear a bhrath e an Caiptean Ailean Dòmhnallach, Ailean a’ Chnuic, às an Eilean Sgitheanach. Bha e fhèin is Iain Spàinnteach air a dhol a-mach air a chèile roimhe air gnothach pearsanta.

Cha do ghabh Iain a chothrom, ge-tà, agus bha e sa phrìosan anns a’ Ghearasdan airson naoi mìosan. Goirid an dèidh sin, bha e ann an Gleann Eilg agus thachair e ri Ailean a’ Chnuic. ‘Tha fios agam carson a bhrath thu mi,’ ars Iain. ‘Thuirt mi gun robh thu nad ghealtair. Uill, tha mi ag ràdh an dearbh rud a-rithist, agus gu bheil thu nad bhleigeard a bharrachd!’

Bha Ailean dhen bheachd gun robh Iain a’ dol ga mhurt agus theich e don ghearasdan ann an Gleann Eilg a bha làn shaighdearan aig an àm. Cha do dh’fhàg e an gearasdan an dèidh sin gun dithis shaighdearan a bhith na chois.

Ach cha do mhuirt Iain Spàinnteach e. Phòs e, chaidh e a dh’fhuireach ann an Cnòideart agus ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773), chaidh e a dh’Ameireagaidh a Tuath, far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha.

Litir 906 Litir 906 Litir 908 Litir 908

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!