Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Faolan. Chaidh e gu àite air an robh ‘An Srath’ ann an ceann shuas Ghleann Dochard Bha làrach air a comharrachadh an sin
airson eaglais a thogail. Bha torc-nimhe air a bhith a’ cur dragh air na daoine ann ach dh’iomain Faolan agus a chù beag air falbh e. Tha an stòiridh seo
inntinneach dhomh oir tha an sgìre sin gu mòr co-cheangailte ri sgeulachdan na Fèinne. Am measg sin, tha ‘Diarmad agus Gràinne’ anns a bheil torc-nimhe.
Co-dhiù, fhad ʼs a bha Faolan a’ togail na h-eaglaise, chaidh na daimh aige fhuasgladh bho na cairtean a bha iad a’ tarraing. Air an oidhche, thàinig
madadh-allaidh. Dh’ith e fear de na daimh.
Anns a’ mhadainn dh’aithnich Faolan gun robh e gann de dhamh. Rinn e ùrnaigh do Dhia gun tilleadh an aon mhadadh-allaidh agus gum biodh e soitheamh,
socair. ʼS e sin a thachair. Leig am madadh-allaidh le Faolan a chur ri crann mar gur e damh a bh’ ann. Dh’obraich e mar dhamh fhad ʼs a bhathar a’ togail
na h-eaglaise. An dèidh sin, dh’fhalbh am madadh-allaidh agus chaidh e air ais mar a bha e.
Rinn Faolan iomadh mìorbhail eile agus bha gràdh aig muinntir an àite air. Chaochail e mu dheireadh air an naoidheamh latha dhen Fhaoilleach. Agus ʼs e
Srath Fhaolain a chanadh daoine ris an t-srath bho sin a-mach.
Chanainn dà rud mun sgeul. Tha am facal Faolan a’ ciallachadh ‘madadh-allaidh beag’. Agus ’s e am Faoilleach – mìos a’ mhadaidh-allaidh – mìos a bhàis.
Co-dhiù tha an dà rud sin cudromach ann an dòigh sam bith, chan urrainn dhomh a ràdh.
Thàinig an sgeulachd sin à Breviarium Aberdonense – The Aberdeen Breviary a dh’ainmich mi an t-seachdain sa chaidh. Cuiridh mi crìoch air an Litir
le sgeulachd eile bhon dearbh leabhar. ʼS ann mu dheidhinn Naoimh Ma-ruibh a tha i – naomh le ceangal sònraichte don Chomraich, an dùthaich agam fhìn.
Thàinig Dànaich don Chomraich. Tha amharas agam gur e Nirribhich a bh’ annta ach tha an leabhar ag ràdh gur e Dànaich a bh’ annta. Canaidh mi
‘Lochlannaich’ riutha. Bha iad a’ dèanamh sgrios air a’ Ghàidhealtachd. Dh’inns na pearsaichean-eaglais dhaibh gun robh an dùthaich sin na comraich airson
sia mìle air gach àird bho Eaglais a’ Chlachain. Bha sin air sgàth buadhan Ma-ruibhe.
Ach bha na Lochlannaich coma. Cha do ghabh iad sùim dhen dualchas eaglaiseil aig muinntir an àite. Ghoid iad tòrr stuth, sprèidh nan daoine nam measg.
Thill iad do na bàtaichean aca. Tha neach-aithris an sgeòil ag innse dhuinn nach robh na Lochlannaich air dad òl no ithe fhad ʼs a bha an casan air tìr.
Chaidh iad air bòrd nan soithichean aca. Chuir iad na siùil an-àirde. Bha iad a’ falbh air chùrsa a bha a’ coimhead
fàbharach dhaibh. Ach feumaidh gun robh beachd eile aig Dia. Ged nach robh fairge mhòr sam bith ann, gu h-obann shluig a’ mhuir iad uile agus bha iad air
am bàthadh.
Ged a fhuair Maolrubha fhèin bàs anns an Eilean Dubh, tha fios aig muinntir na Comraich eadhon an-diugh far an robh e air a thiodhlacadh ann an Cladh a’
Chlachain. Agus tha an cunntas anns a’ Bhreviarium ag innse dhuinn gur e an naomh fhèin a dh’iarr gum biodh a dhust air a ghiùlan don Chomraich.