Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi a’ bruidhinn mu Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain. Bu mhath leam aon rud eile a ràdh mu dheidhinn.
Thug an Rìgh, Seumas IV, cead do dhithis ann an Dùn Èideann uidheam clò-bhualaidh a bhith aca. B’ iadsan Bhaltair Chepman agus Anndra Myllar. Dh’iarr an
Rìgh orra laghan na h-Alba is achdan na pàrlamaid fhoillseachadh agus aon rud cudromach eile – cunntas de ‘na h-uirsgeulan co-cheangailte ri naoimh na
h-Alba’.
ʼS ann air Uilleam Elphinstone a bha an t-uallach airson am fiosrachadh a chur ri chèile mu na naoimh. ʼS e obair mhòr a bh’ ann. Chan ann a-mhàin air na
h-uirsgeulan a bha aire an easbaig, ach air fiosrachadh eile air na naoimh – an làithean fèille, ùrnaighean is laoidhean dhaibh is mar sin air adhart. ʼS e na dh’èirich às a’ phròiseact leabhar uabhasach prìseil. Bha e air fhoillseachadh ann an Dùn Èideann. Ach,
leis gur e Easbaig Obar Dheathain a chuir ri chèile e, ʼs e Breviarium Aberdonense – The Aberdeen Breviary – a th’ air an leabhar mar thiotal. Tha
e sgrìobhte ann an Laideann nam meadhan-aoisean.
Tha na cunntasan mu na naoimh anns a’ Bhreviarium gu math inntinneach. Bu mhath leam criomagan dhiubh a thoirt dhuibh. Mar eisimpleir, tha Fèill
Chentigearna, naomh boireann a tha co-cheangailte ri Loch Laomainn, air an t-seachdamh latha dhen Fhaoilleach. Bha mac aig Centigearna a tha cuideachd
ainmeil mar naomh – Faolan.
Bha Faolan air a bhreith le clach na bheul. Air sgàth sin, dh’òrdaich athair, fear Fearadach, gum biodh a mhac air a thilgeil do loch airson a bhàthadh.
Nuair a chuala Centigearna an naidheachd, rinn i ùrnaigh do Dhia airson Faolan a shàbhaladh.
Airson bliadhna, bha Faolan fo chùram ainglean Dhè. An uair sin, bha easbaig, fear Ibar, air an rathad a thadhal air Centigearna. Chunnaic e Faolan beò fon
uisge. Cha robh a’ chlach na bheul tuilleadh. Thug e Faolan do a mhàthair agus chaidh an gille a bhaisteadh mar Chrìosdaidh.
Tha an cunntas cuideachd ag innse dhuinn mu Innis Cailleach air Loch Laomainn. Tha an t-eilean co-cheangailte, ann am beul-aithris, ri cailleachan dubha a
bhuineadh do Chentigearna, agus a bha a’ fuireach air an eilean còmhla rithe. Ach ʼs dòcha nach robh na mnathan-cràbhaidh ann aig an aon
àm ri Centigearna. Tha an cunntas ag innse dhuinn gun robh ise a’ fuireach ann an Innis Cailleach leatha fhèin mar aonaran. Chaochail i agus chaidh i gu
Nèamh air an t-seachdamh latha dhen Fhaoilleach.
Tha dà sgeul iongantach mu mhìorbhailean a rinn Faolan anns a’ Bhreviarium. Bha e a’ fuireach ann am manachainn agus ag obair ann an cealla a thog e fhèin.
Chunnaic sgalag e tro bhriseadh beag anns a’ bhalla. Bha Faolan a’ sgrìobhadh anns an dorchadas. Bha solas a’ tighinn bho a làimh chlì fhad ʼs a bha e a’
sgrìobhadh le a làimh dheis. Dh’aithris an sgalag an rud iongantach seo do na manaich.
Bha Faolan feargach nach robh a’ chùis dìomhair tuilleadh. Dh’iarr e air corra-mhonaidh a bha na peata aig na manaich sùilean a’ bhalaich a chur às. Ach
ghabh e aithreachas agus chuir e sùilean a’ bhalaich air ais mar a bha iad aig an toiseach. Tha a’ mhìorbhail eile a rinn Faolan nas iongantaiche buileach.
Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.