Fhuair Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain, cead bhon Phàp airson oilthigh a stèidheachadh sa bhaile ann an ceithir cheud deug, naochad ʼs a còig
(1495). Ceithir bliadhna an dèidh sin, thug Rìgh na h-Alba, Seumas IV, cùmhnant dha – agus beagan airgid – airson a phròiseict. Bha Obar Dheathain
cuideachd air a dhèanamh na bhaile rìoghail. Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh faisg air Cathair-eaglais Naomh Mhachair.
An toiseach, chan e ‘Oilthigh Obar Dheathain’ a bh’ air, ach ‘Colaiste Moire’. Chaidh an t-ainm atharrachadh gu ‘Oilthigh agus Colaiste an Rìgh’. Thathar
a’ smaoineachadh gu bheil an t-ainm a’ comharrachadh na taice a fhuair am pròiseact bho Sheumas IV. Tha an t-ainm ‘Colaiste an Rìgh’ glèidhte fhathast mar
phàirt dhen oilthigh.
Bha Elphinstone cliùiteach agus bha e furasta dha luchd-obrach comasach fhastadh. Thòisich iad air Caibeal Cholaiste an Rìgh a thogail. Taobh a-staigh
deich bliadhna, bha trithead ʼs a sia duine ann, eadar luchd-obrach agus oileanaich.
Bhon toiseach, bha farsaingeachd mhòr de chuspairean air an teagasg ann. Bha sin a’ gabhail a-steach Lagh Catharra (a bharrachd air lagh na h-Eaglaise)
agus Eòlas-leigheis. B’ e Obar Dheathain a’ chiad oilthigh ann am Breatainn anns an robhar a’ teagasg Eòlas-leigheis.
Tha mi airson tilleadh don charragh-chuimhne aig Elphinstone a tha suidhichte taobh a-muigh Caibeal Cholaiste an Rìgh. Bidh cuimhne agaibh gun tuirt mi gu
bheil sgrìobhadh Gàidhlig air.
Chaochail Elphinstone ann an còig ceud deug is ceithir-deug (1514). Chaidh an dust aige a thiodhlacadh air beulaibh na h-altarach anns a’
chaibeal. Ach chaidh an tuam aige à fianais aig àm an Ath-leasachaidh. Beagan ron bhliadhna naoi ceud deug is ceithir-deug (1914), chuir ceannardan an
oilthigh romhpa carragh-cuimhne ùr a thogail dha mar chomharra air a’ cheithir cheud bliadhna on a chaochail e. ʼS e an dealbhadair Eanraig MacUilleim a
fhuair an cùmhnant airson a thogail.
Ge-tà, tuigidh sibh mar a chaidh dàil a chur air a’ phròiseact nuair a thòisich an Cogadh Mòr. ʼS ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a h-aon (1931) a
chaidh an carragh-cuimhne a stèidheachadh mu dheireadh – ann an Caibeal an Rìgh. Ach bha e ro mhòr an sin. Còig bliadhn’ deug an dèidh sin – an dèidh an
Dàrna Cogaidh – chaidh a ghluasad don làraich far a bheil e an-diugh – air rèidhlean taobh a-muigh a’ chaibeil.
Airson a’ chòrr dhen chunntas agam, tha mi gu mòr an comain Cholm Ò Baoill, a bha uaireigin a’ teagasg ann an Roinn na Ceilteis san
oilthigh, a sgrìobh mu dheidhinn anns an iris Gath. Thòisich an t-oilthigh air Gàidhlig a theagasg ann an naoi ceud deug is sia-deug (1916). ʼS e fear Iain
Friseal à Gleann Urchardain a bha ga teagasg. Sgrìobh esan dà rann ann an seann Ghàidhlig airson a’ charraigh-chuimhne. Anns a’ chiad phàirt tha e ag ràdh
seo, ach ann an seann Ghàidhlig: Àite-laighe ar n-oide naoimh, am fear Elphinstone, sgoilear nan Gàidheal ...
Uill, a-nise, an e sin freagairt mo cheist? An robh fiosrachadh aig an Fhrisealach gun robh Gàidhlig aig Elphinstone? No an robh adhbhar eile aige airson
sin a sgrìobhadh? Chan eil fhios a’m, ach tha fhios a’m air seo – ʼs e duine air leth a bh’ ann an Uilleam Elphinstone agus nach math gu bheil ar cànan
co-cheangailte ris.