FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (1)

Saoilidh mi gu bheil seann togalaichean Oilthigh Obar Dheathain uabhasach fhèin brèagha.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Elphinstone, Easbaig Obar Dheathain (1)

Saoilidh mi gu bheil seann togalaichean Oilthigh Obar Dheathain uabhasach fhèin brèagha. Bha mi ann as t-samhradh, a’ leughadh à leabhar a sgrìobh mi. Am measg nan oileanach anns an èisteachd bha tè à Bulgairia, tè às an Fhraing agus fear às a’ Ghearmailt. Bha e math a bhith a’ faicinn eadar-nàiseantachd na Gàidhlig anns an latha an-diugh!

Co-dhiù, ghabh mi ùine coiseachd timcheall nan seann togalaichean. Taobh a-muigh Caibeal Cholaiste an Rìgh, chunnaic mi ìomhaigh umha a bha mòr agus brèagha. Bha e follaiseach gun robh i a’ comharrachadh gaisgeach air choreigin. Ach cha b’ e ceatharnach a bh’ ann. Bha an ìomhaigh a’ riochdachadh pears-eaglais. Easbaig.

ʼS e seann Easbaig Obar Dheathain a th’ air a chuimhneachadh anns a’ charragh-chuimhne – fear Uilleam Elphinstone a rugadh ann an ceithir cheud deug, trithead ʼs a h-aon (1431). ʼS e a chuir air bhonn Oilthigh Obar Dheathain.

Ach bha rud car annasach ann. Thug mi sùil air an sgrìobhadh timcheall air, a bh’ air a shnaigheadh ann an umha. Bha e doirbh a leughadh ach bha e a’ coimhead coltach dhòmhsa gur e seann Ghàidhlig a bh’ ann – Gàidhlig a bhuineadh do na meadhan-aoisean ʼs dòcha.

Bhuineadh Elphinstone do Ghlaschu. Tha fhios gun robh Gàidhlig fhathast anns a’ bhaile sin anns a’ chòigeamh linn deug. Ach chan eil mi cinnteach an robh Gàidhlig aige fhèin mar chainnt.

Mar sin, carson agus ciamar a tha Gàidhlig air a’ charragh-chuimhne a tha ga chomharrachadh? Uill, thig mi gu sin an ceartuair. An toiseach, feumaidh mi rudeigin a ràdh mu dheidhinn Elphinstone fhèin, oir ʼs e duine ainmeil a bh’ ann.

Fhuair Elphinstone a chuid foghlaim ann an Oilthigh Ghlaschu a bh’ air ùr-fhosgladh. Cha robh ach ceithir oilthighean ann am Breatainn aig an àm sin – Oxford is Cambridge ann an Sasainn agus Cill Rìmhinn is Glaschu ann an Alba. Bha Uilleam na shagart ann an Glaschu. An uair sin, fhuair e obair mar òraidiche ann an lagh na h-Eaglaise anns an Fhraing, ann an Oilthigh Pharis. Dh’fhuirich e bliadhnaichean anns an Fhraing, an toiseach ann am Paris, agus an uair sin ann an Orléans, far an robh e cuideachd a’ teagasg anns an oilthigh.

Nuair a bha e mu cheathrad bliadhna a dh’aois, thill e a dh’Alba. An toiseach bha e ann an Glaschu, ag obair eadar an t-oilthigh agus a’ Chathair-eaglais. Deich bliadhna an dèidh sin, bha urram easbaig air a bhuileachadh air – Easbaig Rois. Bha e cuideachd na bhall-pàrlamaid. Ach ghluais e a dh’Obar Dheathain airson a bhith na Easbaig sa bhaile sin anns a’ bhliadhna ceithir cheud deug, ochdad ʼs a trì (1483).

Cha robh Elphinstone a-mhàin an sàs ann an gnothaichean na h-Eaglaise. Bha e ainmeil airson a chuid eòlais air an lagh, agus a sgilean mar neach dioplomasach. Mar sin, chuir Rìgh na h-Alba, Seumas III, e gu ruige an Fhraing agus Sasainn airson Alba a riochdachadh anns na cùirtean riaghlaidh.

Ach ʼs e an obair a bu mhotha a bh’ aige anns na bliadhnaichean sin a bhith a’ cur oilthigh air bhonn ann an Obar Dheathain. Aig an àm sin, cha robh ann an Obar Dheathain ach baile beag. Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain mar a stèidhich Elphinstone oilthigh ann, agus mar a fhuair e carragh-cuimhne le Gàidhlig sgrìobhte air.

Litir 898 Litir 898 Litir 900 Litir 900

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!