Bha Eòghann Mac a’ Ghobhair air a thoirt air beulaibh na banrigh – a mhàthair – far an do dh’aithnich a piuthar, Fionnghal, e. ‘Seo do mhac fhèin!’ thuirt
Fionnghal ri a piuthar.
Bha feadhainn eile ag ràdh, ‘Seadh, tha e coltach ris an t-seann rìgh nach maireann, gun teagamh.’ Bha iad a’ gabhail ‘MacCoinnich Mòr’ air agus bha iad a’
dèanamh gàirdeachas. Cha robh a’ bhanrigh cinnteach. ‘Tha a thrusgan is a chlaidheamh coltach ri feadhainn a bh’ aig an duine agam nach maireann,’ thuirt
i, ‘ach feumaidh mi a bhith cinnteach gur e seo mo mhac mus toir mi a’ chathair rìoghail dha.’
Thàinig Coinneach air adhart. ‘ʼS urrainn dhomh fhìn dearbhadh co-dhiù ʼs e seo Mac a’ Ghobhair. Nuair a bha e òg, agus sinn a’ fuireach ann an Àird Làir
taobh Loch Ma-ruibhe, bha e a’ cluich leis an sgithinn agam. Gheàrr e a ghàirdean clì leatha. Ma tha an làrach ri a faicinn air a ghàirdean chlì, faodaidh
sinn a bhith cinnteach gur e Eòghann Mac a’ Ghobhair a th’ ann.’ Choimhead e air an fhear òg. ‘Cuir do mhuinichill chlì suas,’ dh’òrdaich e.
Chuir Eòghann a mhuinichill suas agus bha làrach na tubaist ri a faicinn gu soilleir. Dh’èirich a’ bhanrigh agus chuir i a gàirdeanan timcheall a mic. Rinn a h-uile duine gàirdeachas. Bha Eòghann a-nise na rìgh orra.
Bha Eòghann ga ghiùlan fhèin le fèin-urram is uaisle fhad ʼs a bha seo a’ dol air adhart. ʼS e a’ chiad rud a rinn e mar rìgh ʼs gun do leig e na
prìosanaich uile mu sgaoil. Mhìnich e do a mhàthair mar a bha Cailean Mòr air a thogail mar mhac, agus chaidh sìth a stèidheachadh eadar rìoghachd Chailein
agus rìoghachd Eòghainn.
Chaidh Coinneach agus Fionnghal a dh’fhuireach ann an rìoghachd Eòghainn agus thug iad taic dha ann a bhith a’ riaghladh na dùthcha. Chuir e fios do a
mhàthair, Oighrig, a bha a-nise gu math sean. Thàinig ise a dh’fhuireach còmhla riutha agus bha iad uile sona còmhla.
Agus Eòghann? Uill, cha robh rìgh na b’ fheàrr no na bu ghlice na esan. Bha gràdh aig an t-sluagh air. Ach dè mun t-seann fhàidheadaireachd – mìle bliadhna
a dh’aois – a chuir eagal air Morair Caisteal Donnain? B’ e sin gum biodh fear air an robh ‘Mac a’ Ghobhair’ mar ainm a’ gabhail na dùthch’ aige thairis.
Uill, thachair e, ach tro phòsadh seach tro chogadh. Phòs Eòghann an aon nighean aig Morair Caisteal Donnain. Leis a sin, bha Eòghann a-nise mar uachdaran
air rìoghachd mhòr a bha a’ dol tarsainn na Gàidhealtachd an Iar.
Thòisich mi air an sgeulachd seo aithris le bhith ag innse dhuibh mar a fhuair mi lorg air Uamh Mac an Rìgh taobh Loch Ma-ruibhe. Sin an t-àite far an robh
Eòghann a’ fuireach nuair a bha e na leanabh, agus e beò air bainne gobhair, mus d’ fhuair Coinneach às Àird Làir lorg air.
Uill, an dèidh mo thurais, nuair a bha mi fhìn ʼs mo chompanaich a’ tilleadh don chàr, fhuair sinn sealladh math air trì gobhair fhiadhaich. Bha iad
fhathast a’ fuireach anns an sgìre far an robh Earba – an gobhar a chùm Eòghann beò – a’ fuireach uaireigin. ʼS dòcha gun robh iad càirdeach dhi. Bha e
furasta a bhith a’ creidsinn gun robh an sgeulachd fìor!