Bha Eòghann Mac a’ Ghobhair agus an seann bhoireannach Oighrig fhathast ann am Poll Iù nuair a nochd soitheach mòr san loch. Dh’inns Oighrig a h-eachdraidh
don chaiptean agus dh’iarr i air an toirt gu ruige Eilean Donnain. Ach mhothaich an caiptean don trusgan sgàrlaid is claidheamh aig a’ ghille, agus bha
amharas aige gur e mac rìgh a bh’ ann. Chuir e roimhe an toirt don cheann-cinnidh aige fhèin, Cailean Mòr.
Chuir Cailean fàilte air an dithis. Bha Eòghann a’ fuireach anns a’ chaisteal far an do dh’ionnsaich e mu bheatha nan uaislean. Bha Oighrig a’ fuireach ann
an taigh faisg air a’ chaisteal. Nuair a bha Eòghann ochd bliadhn’ deug a dh’aois, thuirt Cailean gum faigheadh e cothrom a ghaisgeachd a dhearbhadh. Bha
iad gu bhith a’ cur cath air rìoghachd eile.
Ann an Cinn Tàile, bha Coinneach air Fionnghal a phòsadh. Dh’inns i dha mu a beatha. Bhuineadh i do na h-uaislean ach bha i na dìlleachdan. Bha an aon
phiuthar aice air rìgh a phòsadh ann an rìoghachd eile faisg air làimh. Rugadh leanabh dhi agus b’ e sin Eòghann. B’ e mac rìgh a bh’ ann, gun teagamh.
Ach bha ar-a-mach ann. Chaidh an rìgh a mharbhadh. Thugadh a bhean – màthair Eòghainn – am bruid. Theich Fionnghal leis an leanabh oir bha esan ann an
cunnart a bheatha. Thug i an trusgan sgàrlaid agus claidheamh leatha, eagal ʼs nach biodh cothrom aice uaireigin dearbhadh gur e mac rìgh a bh’ ann. Bha
iad air allaban airson ùine mus d’ fhuair iad lorg air an uaimh taobh Loch Ma-ruibhe.
Thàinig clàrsair a dh’Eilean Donnain agus thug e naidheachd leis. Bha an rìoghachd dham buineadh Eòghann is Fionnghal a-nise gun rìgh agus gun oighre. Ach
bha an t-seann bhanrigh – piuthar Fionnghail – fhathast beò. Chuir Fionnghal roimhpe a dhol a chèilidh oirre.
Chaidh i fhèin is Coinneach ann, agus chuidich iad an t-seann bhanrigh ann a bhith a’ faighinn a h-àite air ais air a’ chathair rìoghail. Ach cho luath ʼs
a thachair sin, fhuair iad droch naidheachd. Bha Cailean Mòr a’ cur cath orra. Chuir iad feachd ri chèile agus fhuair iad taic bho Mhorair Caisteal
Donnain. Ruaig iad sluagh Chailein Mhòir. Ghabh iad feadhainn mar phrìosanaich. Nam measg bha triùir mhac Chailein agus Eòghann.
Bha iad a’ dol a chur às don cheathrar a bha sin mar pheanas airson cath a chur orra gun adhbhar. Chuir Eòghann a thrusgan sgàrlaid air, agus a
chlaidheamh, deiseil airson a dhol gu a bhàs. Thugadh e air beulaibh na banrigh.
‘O,’ thuirt Fionnghal, ‘seall air a thrusgan agus a chlaidheamh – agus a falt bàn is sùilean gorma. An e e fhèin a th’ ann?!’
‘Dè an t-ainm a th’ ort agus cò leis thu?’ dh’fhaighnich a’ bhanrigh.
‘Chan eil fhios agam cò leis mi,’ fhreagair Eòghann, ‘ach ʼs e Eòghann Mac a’ Ghobhair a chanas iad rium.’
‘Mac a’ Ghobhair – seadh – ʼs tu fhèin a th’ ann!’ thuirt Fionnghal. ‘Nach eil thu a’ faicinn, a phiuthar – seo do mhac fhèin!’
Cha robh a’ bhanrigh cinnteach. ‘Tha a thrusgan is a chlaidheamh coltach ri feadhainn a bh’ aig an duine agam nach maireann,’ thuirt i, ‘ach ciamar as
urrainn dhomh a bhith cinnteach gur e seo mo mhac?’
Agus bheir mi an stòiridh gu ceann an-ath-sheachdain.