FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Eòghann Mac a’ Ghobhair (3)'

Bha mi ag aithris na seann sgeulachd ‘Eoghann Mac a’ Ghobhair’.

Audio is playing in pop-over.

Eòghann Mac a’ Ghobhair (3)'

Bha mi ag aithris na seann sgeulachd ‘Eoghann Mac a’ Ghobhair’. Chaidh an t-uachdaran, Morair Caisteal Dhonnain, a-steach gu taigh Oighrig. Chunnaic e Fionnghal. ‘Cò th’ ann a seo?’ dh’fhaighnich e.

‘ʼS i mo bhean,’ fhreagair Eòghann. ‘Tè de na daoine agaibh fhèin.’

‘Chan eil mi gad chreidsinn,’ ars an t-uachdaran. ‘Nam buineadh tè cho bòidheach ris a’ chinneadh agamsa, bhiodh fios agam. Tha mi cinnteach gum buin i do dh’uaislean air choreigin ann am badeigin eile.’

Mhothaich e don ghille òg. ‘Cò dhà a bhuineas an creutair beag seo?’ dh’fhaighnich e.

‘ʼS e sin mo mhac,’ fhreagair Coinneach.

‘Chan e no do mhac,’ thuirt am morair. ‘Tha thu a’ cleith rudeigin bhuam. Tha mi a’ dol a thoirt na dithis seo don chaisteal agam air Eilean Donnain.’

‘O, Mhic a’ Ghobhair, dè thachras dhut?’ thuirt Coinneach ris a’ ghille.

‘Mac a’ Ghobhair, thuirt thu?’ ars an t-uachdaran. Chlisg e. Bha e a’ cuimhneachadh fàidheadaireachd mìle bliadhna a dh’aois mun chinneadh aige – gun gabhadh fear air an robh ‘Mac a’ Ghobhair’ thairis an dùthaich aige.

Ghabh Fionnghal grèim air Eòghann agus thug i sgian a-mach. ‘Ma bheir sibh orm falbh cuide ribh gu ruige Eilean Donnain,’ thuirt i, ‘cuiridh mi às dhomh fhìn ʼs don ghille.’

Ghèill am morair, ach dh’fhàg e fear-cinnidh dìleas aige, Eachann Dubh MacCoinnich, a’ fuireach aig Àird Làir airson dèanamh cinnteach nach teicheadh iad. Chùm Eachann sùil gheur air Coinneach.

Beagan làithean an dèidh sin, nuair a thill Coinneach agus Eachann bho bhith a’ sealg, cha robh sgeul air Oighrig, Fionnghal no Eòghann anns an taigh. Cha robh sgeul air a’ ghobhair, Earba, na bu mhotha. Bha Eachann feargach, agus bha e gu math amharasach mun deidhinn, ach cha robh fios aig Coinneach far an robh iad.

An ath mhadainn, chaidh iad a-mach a lorg chàich. Bha Coinneach an dòchas gun robh iad san uaimh. Cha robh duine sam bith ach iad fhèin eòlach air an uaimh sin. Nuair a bha e faisg air beul na h-uamha, fhuair e fios gur ann na broinn a bha iad. Chan fhaca is cha chuala Eachann dad.

Bha Eachann a’ gabhail dragh mun uachdaran. Cha bhiodh esan toilichte nan cailleadh e Fionnghal. Gun guth a ràdh, dh’fhalbh Eachann a bhruidhinn ri Morair Caisteal Dhonnain. Chunnaic Coinneach e a’ falbh agus chaidh e suas don uaimh. Bha e fhèin, Fionnghal, Eòghann, Oighrig agus Earba còmhla a-rithist ach cha b’ urrainn dhaibh fuireach fada anns an uaimh. An dèidh beagan làithean, chuir iad romhpa teicheadh. Choisich iad gu ruige Poll Iù.

Bha long mhòr air acair ann an Loch Iù. ʼS dòcha gum faigheadh iad air falbh gu sàbhailteachd! Thàinig eathar far na luinge. Chaidh Coinneach is Fionnghal gu ceann shìos a’ chladaich agus smèid iad air a’ chriutha. Ach, mo chreach, cò bh’ air bòrd ach Eachann Dubh fhèin! Bha e a’ tilleadh air ceann feachd.

Gu fortanach, bha Eòghann agus Oighrig am falach. Ach chaidh Fionnghal agus Coinneach a chur an grèim agus chaidh an toirt gu Eilean Donnain. Bha am morair toilichte Fionnghal fhaighinn ach bha e mì-thoilichte nach robh an gille òg còmhla rithe. Bha Eòghann agus Oighrig fhathast ann am Poll Iù far an d’ fhuair iad taic bho mhuinntir an àite.

Litir 893 Litir 893 Litir 895 Litir 895

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!