Ann am Mòrar, anns na Garbh Chrìochan, tha lochan air a bheil ainm car annasach – Lochan Tàin Mhic Dhùghaill. Tha e gu h-àrd anns a’ mhonadh tuath
air Loch Beòraid, agus deas air Loch Mhòrair. Tha eilean anns an lochan. ’S e Meòbal am baile as fhaisge air – agus tha Meòbal gu math beag. Saoil ciamar a
fhuair an lochan ainm mar sin?
Ma tha sibh eòlach air eachdraidh is dualchas nan seann Ghàidheal, bidh sibh air cluinntinn mun sgeulachd Tàin Bò Cuailgne – The Cattle Raid of Cooley ann am Beurla. Tha e stèidhichte ann an Èirinn. Tha tàin a’ ciallachadh ‘plunder’, ‘driving off’ is a
leithid sin. Lochan Tàin Mhic Dhùghaill –‘ the lochan of the plundering of MacDugald’?
Tha e coltach gu bheil an t-ainm ceangailte ri seann sgeulachd. Bha Calum I MacGill-Eain am measg na feadhainn a chruinnich i agus bha muinntir nan Garbh
Chrìochan gu math eòlach oirre. ’S e an t-ainm a th’ oirre Cù Glas Mheòbail agus bu mhath leam a h-aithris dhuibh. Chan eil i ach goirid.
O chionn bhliadhnaichean mòra, bha fear a’ fuireach ann am Meòbal. Bhuineadh e do Dhòmhnallaich Mhòrair. ’S e Clann Dhùghaill a chanar riutha ann an
Gàidhlig. Bha mial-choin aig an fhear a bha seo. Bha iad glas. Cha bhi sin na iongnadh dhuibh, oir ’s e ‘greyhound’ a chanar ri
mial-chù ann am Beurla.
Dh’fhalbh am fear seo a-null thairis. Mus do dh’fhalbh e, dh’fheuch e ri lorg fhaighinn air a h-uile gin de na mial-choin aige – airson cur às dhaibh. Ach
dh’fhàilnich air grèim fhaighinn air aon ghala. Bha ise beò fhathast nuair a dh’fhalbh e.
An dèidh dha falbh, chaidh a’ ghala suas don lochan anns a’ mhonadh. Shnàmh i a-mach don eilean. Agus, air an eilean, rugadh grunn chuileanan dhi. Bha na
mial-choin seo beò air toradh a’ mhonaidh agus cha do chuir iad dragh air duine.
Thachair gun do thill ar caraid – MacDhùghaill – a-null don sgìre. Nuair a ràinig e a sheann dachaigh ann am Meòbal, dh’innseadh dha gun robh a’ ghala agus
a cuileanan beò, agus gun robh iad a’ fuireach air an eilean anns an lochan.
Chaidh an duine suas chun an lochain airson na coin fhaicinn dha fhèin. Rinn e fead mar a bhitheadh nuair a bha a’ ghala òg. Dh’fhairich a’ ghala e, agus
shnàmh i gu tìr. Rinn i sogan an duine fhaicinn, agus bha e fhèin air a dhòigh cuideachd. An ceann tacain, ge-tà, shnàmh trì de na
cuileanan aice a-null. Bha iad air tighinn gu ìre agus bha iad mòr is làidir. Chan eil fhios carson, ach stiall iad an duine às a chèile sa spot. Cha robh
na coin òga ga aithneachadh mar charaid.
Agus chun an latha an-diugh, nuair a tha fear no tè de Chloinn ’ic Dhùghaill Mhòrair an impis bàs fhaighinn, chì iad, no cuideigin a tha faisg orra, cù
glas mar mhanadh a’ bhàis. No ’s e sin a chanas iad co-dhiù.
Tha ainmean eile air Lochan Tàin Mhic Dhùghaill. Bidh cuid ag ràdh Lochan Mhic Dhùghaill no Lochan a’ Choin Ghlais. Ach tha seann ainm eadar-dhealaichte
air a’ chiad eagran de mhapaichean an OS – Lochan Fèith a’ Mhath-ghamhna ‘the lochan of the bog of the bear’. Tha amharas agam gu bheil stòiridh
eile ceangailte ri sin!