FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Adhamh MacFhearghais

‘Tha an cinne daonna, nuair a tha e a’ fàs meathach, agus a’ dol a dholaidh – agus nuair a tha e a’ dol am feabhas agus a’ buannachd cho math, a’ gluasad air adhart le ceumannan beaga nach gabh tomhas.

Audio is playing in pop-over.

Adhamh MacFhearghais

‘Tha an cinne daonna, nuair a tha e a’ fàs meathach, agus a’ dol a dholaidh – agus nuair a tha e a’ dol am feabhas agus a’ buannachd cho math, a’ gluasad air adhart le ceumannan beaga nach gabh tomhas. Nuair a tha e smiorail, tha e a’ ruigsinn ìre de mhòrachd ris nach biodh eadhon an duine a bu ghlice an dùil ro làimh. Aig amannan de shocrachadh is laigse, bidh e a’ fulang olc a bhathar a’ smaoineachadh a bha air a sguabadh air falbh le soirbheachas agus beartas.’

Chan e mi fhìn a chruthaich na smuaintean sin. Rinn mi eadar-theangachadh – car libearalach – dheth bhon Bheurla. Ach bha Gàidhlig aig an fhear a chruthaich e. Duine ainmeil a bh’ ann. Agus tha ceann-bliadhna aige am-bliadhna. Cò th’ ann? Innsidh mi dhuibh ann an tiotan.

Chuir mi crìoch air an Litir an t-seachdain sa chaidh leis an t-seanfhacal cha mhiste sgeul math aithris dà uair. Tha an seanfhacal a cheart cho freagarrach an t-seachdain seo oir tha mi a’ tilleadh gu bhith a’ bruidhinn mu fhear air an do rinn mi iomradh ann an Litrichean dà cheud (200) agus dà cheud ’s a h-aon (201). B’ esan am feallsanaiche agus eachdraiche Adhamh MacFhearghais, a bha mar phàirt de Shoillseachadh na h-Alba – The Scottish Enlightenment. Thathar ga aithneachadh mar ‘Athair an Eòlais Shòisealta’.

Rugadh MacFhearghais ann an seachd ceud deug, fichead ’s a trì (1723) ann an Lag an Ràith ann an Siorrachd Pheairt.Bha Gàidhlig aige bhon ghlùin. Chaidh e a dh’Oilthigh Chill Rìmhinn. Bha e na leabharlannaiche do Roinn an Luchd-tagraidh, no Faculty of Advocates, ann an Dùn Èideann. Bha e na fhear-teagaisg prìobhaideach do mhic uaislean. Agus bha e na Phroifeasair de Fheallsanachd Nàdarrach agus cuideachd Feallsanachd Mhoralta aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Agus dè an ceann-bliadhna a th’ aige am-bliadhna? Uill, chaochail e ann an ochd ceud deug is sia-deug (1816), dà cheud bliadhna air ais.

Bha MacFhearghais ainmeil ri a linn. Bha e na charaid aig Daibhidh Hume agus Adhamh Mac a’ Ghobhainn. Bha e eòlach air Voltaire. Sgrìobh e an earrann air ‘Eachdraidh’ anns an dàrna eagran de Encyclopaedia Britannica. Bha e na bhall de choimisean aig Riaghaltas Bhreatainn a dh’fheuch ri rèite a dhèanamh leis na reubaltaich ann an Ameireagaidh aig àm Cogadh na Neo-eisimeileachd. Agus ’s ann san dachaigh aige fhèin a thachair Bhaltair Scott agus Raibeart Burns ri chèile – an aon turas a thachair iad ri chèile fhad ’s as aithne dhuinn.

Am measg nan rudan a sgrìobh e, bha aiste – An Essay on the History of Civil Society. Tha e furasta a lorg air an eadar-lìon. ’S ann às an aiste sin a thàinig an earrann a thug mi dhuibh aig toiseach na Litreach.

Bha MacFhearghais na Chrìosdaidh – agus na Chlèireach. Bha e a’ creidsinn ann an adhartas a’ chinne-daonna gu ruige foirfeachd – air a phiobrachadh le fèin-bhuannachd gach duine. Ach bha e dhen bheachd – leis gun tug Dia saor-thoil do mhac an duine – gum biodh amannan ann nuair a tha comann mhic an duine a’ dol an deireadh – mar a thachair le bàs Ìmpireachd na Ròimhe. B’ fheàrr leam gun robh e fhathast còmhla rinn an-diugh, agus cothrom aige a bheachdan a chur an cèill air Radio nan Gàidheal!

Litir 888 Litir 888 Litir 890 Litir 890

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!