‘Rian is riaghailt! Rian is riaghailt!’ Cuin a bhiodh sibh an dùil na faclan sin a chluinntinn? Uill, chan eil fhios agam an robh iad riamh air an cur an
sàs, ach ’s e sin a chanadh Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba nam biodh e no i a’ bruidhinn Gàidhlig anns an t-seòmar. Tha e a’ ciallachadh ‘Order, order!’ Rian is riaghailt. Saoil an cluinn sinn na faclan sin uaireigin ann an deasbad sa phàrlamaid?
Lorg mi an abairt air làrach-lìn na pàrlamaid. Seo abairt no dhà eile air an làraich – Gearan! ‘objection’, Chan eil mi a’ dol leibh idir ‘I strongly disagree’ agus Fàilte gu Taigh an Ròid ‘welcome to Holyrood’. Agus seo abairt inntinneach: Na togaibh mi gus
an tuit mi. Na togaibh mi gus an tuit mi. Gu litreachail, tha e a’ ciallachadh ‘don’t lift me until I fall’. Ach tha e a’ seasamh airson ‘please don’t interrupt me’. Na togaibh mi gus an tuit mi.
Rinn mi beagan a bharrachd rannsachaidh air ‘Gàidhlig’ agus ‘pàrlamaid’ air an eadar-lìon. Lorg mi iomradh air fear air an robh mi car ‘eòlach’ – agus chan
ann an Alba a bha e. Bha Sir Iain MacCoinnich ainmeil mar neach-poilitigs ann an New Zealand aig deireadh an naoidheamh linn deug. Bha e na mhinistear
airson an fhearainn agus na Leas Phrìomh Mhinistear.
Rinn mi iomradh air MacCoinnich ann an Litrichean ceithir cheud, ochdad ’s a trì (483) gu ceithir cheud, ochdad ’s a còig (485). Bhuineadh e do Ros an Ear,
bha Gàidhlig aige mar chiad chànan, agus bha e ainmeil ann an New Zealand airson a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig sa phàrlamaid. Dh’fhàs mi, mar gum biodh,
‘eòlach’ air nuair a rinn mi prògram telebhisein mu dheidhinn. ’S e caractar a bh’ ann, gun teagamh.
Nochd ainm MhicCoinnich ann am Pàrlamaid New Zealand – no Paremata Aotearoa airson a h-ainm Maori a thoirt dhi – o chionn beagan bhliadhnaichean.
Bhathar a’ deasbad còraichean an t-sluaigh ann a bhith a’ coiseachd air a’ bhlàr a-muigh. Thog ball pàrlamaid bhon Eilean mu Dheas – Eric Roy – ainm is
dìleab MhicCoinnich anns an deasbad. Thuirt Mgr Roy nach robh Beurla aig MacCoinnich nuair a nochd e anns an dùthaich thall. Cha chreid mi gu bheil sin
ceart, ach tha e math gun d’ fhuair a’ Ghàidhlig aithne anns an deasbad.
Bha am ball pàrlamaid ag ràdh nach robh piseach air tighinn air an t-suidheachadh ann an New Zealand – a thaobh cead a bhith aig luchd-coiseachd a dhol air
fearann prìobhaideach – bho linn MhicCoinnich fhèin, còrr math is ceud bliadhna air ais. Bhris MacCoinnich na h-oighreachdan mòra às a chèile. Bha e air
droch bhuaidh nan uachdaran fhaicinn ann an Alba. Bha e airson ’s gum biodh New Zealand saor bho a leithid.
Co-dhiù, stèidhich New Zealand Coimisean a chumas rian air inntrigeadh do luchd-coiseachd – ged a tha e a’ coimhead coltach nach eil na cothroman aig
luchd-coiseachd cho farsaing ’s a tha iad ann an Alba. Mar eisimpleir, ’s iomadh àite prìobhaideach far nach bi cead aig daoine coiseachd ann. Agus, anns
an fharsaingeachd, chan eil cead aig a’ mhòr-shluagh a dhol a choiseachd air fearann a bhuineas – gu dùthchasach – do na Maori.
Gabhaibh mo leisgeul airson tilleadh gu Iain MacCoinnich anns an Litir. Ach, mar a chanas an seanfhacal, cha mhiste sgeul math aithris dà uair.