FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ceit Mhòr na Sròine (2)

Bha mi ag innse dhuibh na seann eachdraidh mu Cheit Mhòr na Sròine a bhuineadh do dh’Obar Gheallaidh ann am Màrr.

Audio is playing in pop-over.

Ceit Mhòr na Sròine (2)

Bha mi ag innse dhuibh na seann eachdraidh mu Cheit Mhòr na Sròine a bhuineadh do dh’Obar Gheallaidh ann am Màrr. Bha i fhèin is Dòmhnall Biorach à Athall air leth math air dannsadh còmhla. Chuir sin fearg air fir Mhàrr oir bha iad dhen bheachd gun robh iadsan fada na b’ fheàrr air dannsadh na muinntir Athall. Bha Dòmhnall is Ceit a’ dannsadh aig cuirm an dèidh banais. Bha fear mòr à Màrr agus Dòmhnall a’ dannsadh ruidhle. Thilg am fear mòr Dòmhnall don teine a dh’aona-ghnothach, agus e ag ràdh, ‘Bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad!’

Leum Dòmhnall a-steach don t-seat a-rithist, a’ dol le ruitheam a’ chiùil mar nach robh dad air tachairt. Cha do sheall e gun robh fearg air no gun robh e a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas air an fhear eile. Nuair a bha am fear mòr agus Dòmhnall an gàirdeanan a chèile a-rithist, thilg Dòmhnall am fear eile le uile neart, a’ cur a ghualainn a-mach, agus ga fhàgail na laighe fo bhòrd. Thuirt e, ‘Bodaich mhòra, bhoga Mhàrr, gun crathainn às a’ ghualainn iad!’

Bha am fear à Màrr a’ sgreuchail le pian. Tharraing e a bhiodag a-mach agus rinn e air Dòmhnall leatha. Bha an cuthach air agus bha e a’ dol a mharbhadh Dhòmhnaill. Ach leum Ceit Mhòr na Sròine eatarra. Shàbhail sin beatha Dhòmhnaill ach gu mì-fhortanach chaidh an t-sròn mhòr aig Ceit a ghearradh dheth. Bha ùpraid mhòr ann, agus daoine a’ tarraing an cuid bhiodagan. Ach chaidh aig a’ Ghòrdanach agus am Baran Ruadh air a h-uile duine a shocrachadh.

Chaidh a h-uile duine timcheall air Ceit Mhòr. Bha iad a’ sealltainn truas dhi airson a sròn a chall. Bha i fhèin troimhe-chèile. Bha i ag ràdh nach fhaigheadh i duine cèile a-nise oir bha i air a bòidhchead a chall le a sròin.

Ach cha b’ e sin beachd Dhòmhnaill. ‘Bidh thu eadhon nas fheàrr mar dhannsair a-nise,’ thuirt e, ‘agus tu às aonais do shròine mòire. Oir bidh thu nas aotruime.’ Shaoileadh tu gun robh beachd faoin mar sin air Ceit a chur troimhe-chèile buileach. Ach dh’obraich e anns an dòigh eile. Sguir i a ghal. ’S dòcha gun do thuig i gun robh nòisean aig Dòmhnall dhi.

Chaidh Dòmhnall a bhruidhinn ris a’ Ghòrdanach, an ceann-cinnidh aice. ‘Bhiodh e math dhomh,’ thuirt Dòmhnall, ‘nam biodh banarach làidir mar sin agam air an àirigh aig Cam a’ Choire, gu h-àraidh nuair a thig ceatharnaich an rathad sin.’ Thuirt an Gòrdanach gun robh Dòmhnall ceart. Dh’iarr e air an t-sagart a thilleadh.

Bha dàrna banais ann air an oidhche sin, agus rinneadh fear is bean de Dhòmhnall agus Ceit. Tha iad ag ràdh gun robh an danns an dèidh làimhe air leth math, ged a bhithinn an dùil gun robh Ceit bhochd ro ghoirt airson mòran dannsaidh a dhèanamh!

Bha pòsadh toilichte eadar Dòmhnall agus Ceit Mhòr. Gu mì-fhortanach, ge-tà, mhair e dìreach naoi bliadhna. Ann an còig ceud deug is trì-deug (1513), chaidh Dòmhnall le arm na h-Alba gu ruige Blàr Flodden ann an Sasainn. Chaidh Dòmhnall a mharbhadh an sin, cuide ri a cheann-cinnidh, Iarla Athall. Agus bha Ceit bhochd air a fàgail na banntrach.

Litir 886 Litir 886 Litir 888 Litir 888

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!