FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ceit Mhòr na Sròine (1)

Bu mhath leam seann stòiridh – seann eachraidh – aithris dhuibh anns an Litir seo.

Audio is playing in pop-over.

Ceit Mhòr na Sròine (1)

Bu mhath leam seann stòiridh – seann eachraidh – aithris dhuibh anns an Litir seo. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna còig ceud deug is ceithir (1504). Tha e mu dheidhinn Ceit Mhòr na Sròine à Obar Gheallaidh ann am Bràigh Mhàrr. Tha an stòiridh a’ cur nar cuimhne cho cudromach ’s a bha danns do ar sinnsirean.

Bha fear Iain MacDonnchaidh, am Baran Ruadh, a’ fuireach ann an Srath Loch ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt. Bha e a’ suirghe le tè de nigheanan a’ Ghòrdanaich, uachdaran Obar Gheallaidh. Gach turas a rachadh e a Chaisteal Obar Gheallaidh, bhiodh danns ann. Bha muinntir Mhàrr dhen bheachd gum b’ iad na dannsairean a b’ fheàrr ann an Alba.

Aon oidhche a bha am Baran Ruadh ann, thuirt an Gòrdanach ris nach robh gin anns an domhan a bha na b’ fheàrr air danns na fir Mhàrr, ach a-mhàin na h-ainglean agus na sìthichean. Agus, thuirt e, gheibheadh am Baran Ruadh mar thochair – sin an tiodhlac-bainnse – rud sònraichte. Bhiodh fir à Màrr a’ dol a Shrath Àrdail airson sgilean dannsaidh a theagasg do na fir an sin.

Cha robh am Baran Ruadh ro thoilichte a bhith ag èisteachd ri bòstadh a’ Ghòrdanaich. Nuair a thàinig latha na bainnse, cha tug e leis a cho-ogha mar fhleasgach, mar a bha dùil. Thug e na àite fear eile – Dòmhnall Biorach. B’ e coltas aodainn a bu choireach ris an fhar-ainm aige. Bha Dòmhnall ainmeil mar an dannsair a b’ fheàrr ann an Athall. Ged a bha e air meadhan-aois’ a ruigsinn, cha robh e pòsta.

An dèidh na bainnse, thòisich an danns ann an talla mhòr a’ chaisteil. Chùm Dòmhnall sàmhach greis. Bha e dìreach a’ coimhead air na boireannaich a bha a’ dannsadh. Roghnaich e an tè a b’ fheàrr – banarach mhòr àrd a bha làidir is fèitheach. Bha sròn mhòr oirre. Bha i aithnichte do dhaoine mar Cheit Mhòr na Sròine. Coltach ri Dòmhnall, cha robh i pòsta.

Dh’ iarr Dòmhnall air Ceit a dhol a dhannsadh leis. Abair gur e cupall math a bh’ annta. Bha iad a’ gluasad gu sgiobalta, gleusta timcheall ùrlar an dannsaidh. Mhothaich a h-uile duine cho math ’s bha iad air dannsadh còmhla. Bha cuid ag ràdh nach fhaca iad a-riamh dannsadh cho math. Thionndaidh an Gòrdanach ri a bhean agus thuirt e, ‘B’ fheàrr leam na mo chrò ghobhar, gum b’ e am fleasgach fear na bainnse’.

’S dòcha gu bheil e math nach cuala am Baran Ruadh sin! Bha esan toilichte leis mar a bha cùisean a’ dol. Ach cha b’ ionann e do chuid de dh’fhir Mhàrr. Bha iadsan feargach. Chuir iad romhpa an car a thoirt à Dòmhnall Biorach. Bha fear mòr à Màrr agus Dòmhnall le chèile a’ dannsadh ruidhle. Bha na fir a’ tionndadh a chèile len gàirdeanan. Chuir am fear mòr Dòmhnall timcheall gu luath agus gu h-obann leig e dheth e. Chaidh Dòmhnall a thilgeil don teine. Thuirt am fear eile, ‘Bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad!’

Cha do sheall Dòmhnall idir gun robh fearg air. Leum a-steach don t-seat a-rithist. Bha e a’ dol le ruitheam a’ chiùil agus an dannsa mar nach robh dad air tachairt. Agus dè thachair an uair sin? Uill, innsidh mi sin dhuibh an-ath-sheachdain!

Litir 885 Litir 885 Litir 887 Litir 887

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!