FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tòmas Sinton

An t-seachdain sa chaidh, bha sinn a’ toirt sùil air dàn leis a’ bhàrd Uilleam Ruighe ’n Uidhe.

Audio is playing in pop-over.

Tòmas Sinton

An t-seachdain sa chaidh, bha sinn a’ toirt sùil air dàn leis a’ bhàrd Uilleam Ruighe ’n Uidhe. Bha Uilleam mion-eòlach air a’ Mhonadh Ruadh. Fhuair mi grèim air an dàn anns an leabhar The Poetry of Badenoch leis an Urr. Tòmas Sinton.

Nuair a nochd an leabhar, bha Sinton na mhinistear ann an Dubhras, taobh Loch Nis. Ach bhuineadh e do Bhàideanach. Rugadh is thogadh e ann an Obar Àrdair taobh Loch Lagain. Bha e aithnichte mar sgoilear Gàidhlig agus bha e cuideachd na bhàrd. Sgrìobh e mu dheidhinn Loch Lagain agus dualchas nàdarrach na sgìre.

’S e fear de na h-eòin a b’ fheàrr a chòrd ris – an tàrmachan. Bu mhath leam earrannan a leughadh dhuibh à dàn a sgrìobh Sinton mun tàrmachan. Seo rann a tha a’ dèanamh tuairisgeul dhen eun agus cho comasach ’s a tha e a bhith a’ seasamh ri droch shìde a’ gheamhraidh anns na beanntan:

Ged bhrùchdas na chathadh,

An sneachd le clach-mheallain,

Cha chuir e ort farann

No smàl air do shùil;

Air dìonadh bho chunnart,

Ri gean ’s fearas-chuideachd,

Geal-doimhneachd na cuithe

Gur dùnadh mun cuairt.

Tha sin a’ togail dealbh, nach eil? ’S toigh leam an loidhne – Geal-doimhneachd na cuithe gur dùnadh mun cuairt.

Is toigh leam an siathamh rann dhen dàn seo, oir tha am bàrd ag ainmeachadh lusan nam beann a bhiodh na tàrmachain ag ithe. Tha e ag ainmeachadh dearcagan-fithich – crowberries – agus oighreagan – cloudberries. Seo an rann:

Bu mhiann leat ’bhith criomadh

Feur-creachainn bu mhilis

Nan dearcagan-fithich

’S nan oighreagan maoth;

’S gun toir thu sgrìob ealamh

Air tòir nan lus ainneamh

’S na glacagan ’s aithn’ dhut

Air leacainn an fhraoich.

Sgrìobh Sinton dàn cuideachd air a bheil an tiotal ’N Coille Chnò Taobh Loch Lagain. Tha ‘coille chnò’ a’ ciallachadh ‘hazel wood’ – far am faighear cnothan-calltainn. Bha Sinton measail air bòidhchead nàdair. Anns an dàrna rann, tha am bàrd ag ainmeachadh trì beanntan – Beinn Eallair (no Ben Alder) fada gu deas air Loch Lagain, agus na Binneanan a tha ri taobh an locha air an taobh a deas. ’S iad sin am Binnean Shuas agus am Binnean Shìos. Ann am Bàideanach tha shuas a’ ciallachadh ‘westerly’ agus tha shìos a’ ciallachadh ‘easterly’. Bhiodh na daoine a’ dol ‘suas gu siar’ agus ‘sìos gu sear’. Co-dhiù, seo an dàrna rann:

Bha Beinn Eallair fada thall,

Ann an sàmhchair na madainn;

Bha na Binneanan le ’n crann’,

’Snàmh gu fann fo Loch Lagain.

Agus seo agaibh an treas agus ceathramh rann còmhla. Tha am bàrd a’ dèanamh tuairisgeul dhen adhar, lusan agus caoraich sa mhonadh:

Breac a’ mhuiltein air an speur,

’S an uisge rèidh ’laigh gun mhilleadh;

Na h-eòin bhuchlach feadh nan geug,

’Cheileir fhèin aig gach ribheid.

Caochan beag ri ciurlan mìn,

Lus bhan-sìth leth ga fhalach;

Bha an fheudail air an fheur,

Bha na caoraich sa mhonadh

Uaireannan tha seann bhàrdachd feumail ann a bhith a’ toirt fiosrachadh dhuinn mun àrainneachd aig an àm a chaidh a sgrìobhadh. Tha coilltean brèagha fhathast timcheall Loch Lagain agus far an robh Tòmas Sinton air a thogail, tha tèarmann nàdair nàiseanta ann a-nise. Tha mi an dùil gum bi coille chnò taobh Loch Lagain airson ùine mhòr fhathast.

Litir 881 Litir 881 Litir 883 Litir 883

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!