Bha mi ag innse dhuibh mun leabhar aig Mìcheal Newton – ‘Seanchaidh na Coille The Memory-Keeper of the Forest’ – air fhoillseachadh le Cape Breton University Press. Chan e a-mhàin gu bheil tòrr stuth prìseil anns an leabhar, ach gu bheil an t-ùghdar a’ dèanamh mion-sgrùdadh air
àite nan Gàidheal ann an Alba, Breatainn agus san Ìmpireachd, a bharrachd air Canada fhèin. Tha e ag ràdh gun urrainn do Ghàidheil na h-Alba is Chanada a
bhith ag obair còmhla ‘by disavowing and helping to deconstruct the oppressive ideologies of imperialism that legitimated the conquest and domination of
their own homeland and those of other subordinated peoples’. Tuigidh sibh gu bheil taobh poilitigeach aig an leabhar! Tha e gu math smaoineachail.
A bharrachd air poilitigs, tha stòiridhean is eachdraidhean anns an leabhar. Nam measg, tha am fear seo. Tha e mu dheidhinn miseanairidh Clèireach air Loch
Winnipeg. Chan eilear cinnteach a bheil e fìor ach tha e a’ riochdachadh mar a bha an creideamh ùr a’ toirt buaidh air na dùthchasaich. Tha mi a’
giorrachadh an stòiridh, ach a’ cumail faisg air a’ Ghàidhlig thùsail.
Bha fear de theachdairean an t-Soisgeil a’ siubhal air Loch Winnipeg. Bha Innseanaich ga aiseag ann an canù. Bha e ann an cabhaig. Dh’iarr e air na
h-Innseanaich a dhol dìreach bho rubha gu rubha, an àite a bhith a’ cumail faisg air a’ chladach. Bha sin cunnartach. Cha robh aca ach eathar a bh’ air a
dèanamh de bhèilleag.
Dh’èirich stoirm agus cha robh nì ri dhèanamh ach a dhol an taobh a chuireadh a’ ghaoth is na tuinn iad. Dh’amais iad air eilean beag anns an loch. Bha
còignear Innseanach ann romhpa. Cha robh grèim bìdh aca. Riaraich an soisgeulaiche orra am beagan a bh’ aige fhèin, uiread is uiread do gach aon. Bha ochdnar anns an eilean.
Lean an stoirm. Air a’ cheathramh latha, cha robh biadh sam bith air fhàgail. Bha fear de na h-Innseanaich math air iasgach. Lùb e prìne air chumadh
dubhain. Fhuair e pìos de ròp tearra, agus bìdeag de dh’aodach dearg mar bhiadh. Leis an uidheam-iasgaich sin, chaidh aige air aon iasg nach robh ro mhòr a
thoirt gu tìr.
Chuir na daoine an treas cuid dhen iasg fa chomhair an t-soisgeulaiche. ‘Chan e sin an dòigh as fheàrr air a roinn,’ ars esan. Thug e sgian a-mach. Gheàrr
e an t-iasg na ochd mìrean dhen aon mheudachd. ‘Bidh an aon uiread againn uile,’ ars esan.
An làrna-mhàireach, dh’fhàs an t-sìde na b’ fheàrr agus dh’fhàg an dà bhuidhinn an t-eilean.
Beagan mhìosan an dèidh sin, nochd còignear Innseanach anns a’ bhaile bheag far an robh an soisgeulaiche a’ fuireach. Bha iad ag iarraidh dachaigh a
thogail ann. Cha robh an soisgeulaiche gan aithneachadh. ‘Carson a tha sibh ag iarraidh sin?’ thuirt e. ‘Chan fhaca mi duine agaibh anns na coinneamhan.’
‘Is sinne na fir air an do roinn sibh an t-iasg air Loch Winnipeg,’ arsa fear dhiubh. ‘Nam biodh ceannaiche-bèin ann nur n-àite, bha e air barrachd dhen
iasg iarraidh. Nuair a chunnaic sinn mar a rinn sibhse, dh’aithnich sinn gur e duine math a bh’ annaibh. Tha sinn an seo a-nise, ag iarraidh gun ionnsaich sibh dhuinn an dòigh ùr.’ Bha iad a’ ciallachadh le sin – an creideamh Crìosdail. Beannachd leibh.