Dè an lus a th’ air ainmeachadh ann an laoidh nàiseanta na h-Alba? Tha mi a’ ciallachadh le sin Flower of Scotland a chaidh a sgrìobhadh le Roy
Williamson nach maireann o chionn timcheall air leth-cheud bliadhna. Uill, cha do dh’ainmich Roy lus sam bith. Tha mi dhen bheachd gun robh e a-mach air na
daoine, seach lusan, nuair a chleachd e am facal ‘flower’.
Ach, leis an fhìrinn innse, tha lus air ainmeachadh anns an òran. Fraoch. Carson a tha mi ag ràdh sin? Uill, tha dreach Gàidhlig air – agus
tha ‘fraoch’ a’ nochdadh ann. Seo a’ chiad rann dheth:
O Fhlùir na h-Albann, Cuin a chì sinn an seòrsa laoich, A sheas gu bàs ’son, Am bileag feòir is fraoich, A sheas an aghaidh, Feachd uailleil Iomhair,
’S a ruaig e dhachaigh, Air chaochladh smuain.
Tha an t-eadar-theangachadh math, nach eil? Tha mi air aon fhacal atharrachadh. Tha mi air ‘smuain’ a chur ann aig an deireadh, ged as e ‘smaoin’ a bh’
anns an eadar-theangachadh, mar gum biodh, ‘oifigeil’. Chanadh mòran ‘smuain’ ach tha an dà chuid ceart. Cuideachd, chanadh a’ chuid mhòr ‘na h-Alba’
an-diugh, seach ‘na h-Albann’, ach dh’fhàg mi sin mar a bha e. Tha fhios gur e ‘na h-Albann’ a chanadh daoine anns an treas linn deug nuair a chaidh feachd
uailleil Iomhair a ruagadh dhachaigh!
Chan eil mi ag ràdh gu bheil mi cho measail sin air an òran mar laoidh nàiseanta. Uaireigin gheibh Alba òran nas freagarraiche. Ach rinn an
t-eadar-theangair obair mhath dha-rìreabh. Tha an dreach Gàidhlig, ann an dòigh, a cheart cho iomchaidh agus tarraingeach ’s a tha an dreach tùsail ann am
Beurla.
Chan ann tric a bhios sinn a’ cluinntinn an dàrna rann dhen òran. Ach seo e ann am Beurla:
The hills are bare now, And autumn leaves lie thick and still, O'er land that is lost now, Which those so dearly held, And stood against him, Proud
Edward's army, And sent him homeward, Tae think again.
Agus seo an dàrna rann ann an Gàidhlig:
Na cnuic tha lomnochd, ’S tha duilleach Foghair mar bhrat air làr, Am fearann caillte, Dan tug na seòid ud gràdh, A sheas an aghaidh, Feachd uailleil
Iomhair, ’S a ruaig e dhachaigh, air chaochladh smuain.
Agus cò e a rinn an t-eadar-theangachadh? Uill, tha eachdraidh a’ ghnothaich gu math inntinneach agus annasach. Bha an Hearach, Iain Aonghas MacLeòid nach
maireann, a bha a’ fuireach anns an Leargaidh Ghallta, aig cèilidh ann an Dùn Dè. Bha tè Anna NicGillEathain dìreach air dreach Beurla an òrain a ghabhail.
Thuirt i ri Iain Aonghas gum bu truagh e nach robh dreach Gàidhlig air an òran. Ghabh ar laoch ris an dùbhlan agus taobh a-staigh fichead mionaid bha e air
eadar-theangachadh a dhèanamh! Dh’èirich Anna ga a casan agus ghabh i e – ann an Gàidhlig. Bha Iain Aonghas air leth sgileil mar bhàrd – agus
eadar-theangair.
A-nise an treas rann. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh ann am Beurla: Those days are past now, And in the past they must remain …
Agus seo e ann an Gàidhlig:
Tha ’n eachdraidh dùinte, Ach air dìochuimhne, Chan fheum i bhith, Is faodaidh sinn èirigh, Gu bhith nar Rìoghachd a-rìs, A sheas an
aghaidh, Feachd uailleil Iomhair, ’S a ruaig e dhachaigh, Air chaochladh smuain
.
Beannachd leibh.