FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bliadhna nan Luch 

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach. Ach cuin a bha Bliadhna nan Luch? Cha chuala sibh riamh oirre? Uill, gu o chionn ghoirid, cha chuala no mise.

Audio is playing in pop-over.

Bliadhna nan Luch 

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach. Ach cuin a bha Bliadhna nan Luch? Cha chuala sibh riamh oirre? Uill, gu o chionn ghoirid, cha chuala no mise.

B’ e Bliadhna nan Luch – the year of the mice – ochd ceud deug is còig-deug (1815). Ach cha robh i aithnichte mar sin ann an Alba. Bha, ge-ta, ann an Alba Nuaidh ann an Canada. Anns a’ bhliadhna sin, nochd an t-uabhas de luchan. Bha iad nam plàigh. An toiseach, anns a’ Mhàrt, nochd seòrsa a bha mòr agus car tapaidh, le earball geàrr. Cha robh fios aig duine cò as a thàinig iad no carson a bha iad cho pailt.

An toiseach bha iad cho lìonmhor ʼs gun robh iad a’ cruadhachadh an t-sneachda len casan. Agus cho luath ʼs a bha a’ chruithneachd air fàs suas, agus ceann math oirre, fhuair na tuathanaich a-mach gun robh na luchan air sgrios a dhèanamh air na freumhaichean. Ach gu h-annasach, nochd seòrsa eile de luch, a bha na bu lugha na ʼn tè mhòr, agus thòisich an dà sheòrsa air sabaid le chèile, agus lughdaich sin na h-àireamhan de na dhà.

Chaidh dàn a sgrìobhadh ann an Gàidhlig mu dheidhinn Bliadhna nan Luch, oir tuigidh sibh gun tug na creutairean beaga sin droch bhuaidh air na daoine. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

Is iomadh creachadair an taobh-sʼ

Am measg na tuathadh:

Mathain, marsantan is maoir,

A’ sìor thoirt uatha:

Tha luchaidhean ann cho lìonmhor

ʼS nach fhàg iad sìol air bàrr sguaibe;

Is am beagan a thèid fo dhìon dheth

Is bochd a bhrìgh ’n àm a’ bhualaidh.

Chan eil fios le cinnt cò am bàrd a sgrìobh an dàn ach nochd e fon ainm pinn ‘I.P.’ anns an iris ‘An Cuairtear Òg Gàidhealach’ anns a’ Mhàrt ann am Bliadhna nan Luch. ʼS dòcha gur e fear a bh’ ann – Iain ‘Pìobaire’ MacGhilleBhrath.

Tha am bàrd a’ leantainn leis a’ chàineadh. Anns an ath earrainn, tha e a’ guidhe bàs air na luchan agus tha e ag ainmeachadh Àirc Nòa:

Mallachd bhuan o shluagh gach dùthcha

Lughdachadh cunntais an t-seòrs’ ud;

Neasgaidean, cait, clamhain, dùldachd,

Bàs is fanntachadh ʼs gach dòigh dhuibh;

Is leibh gamhlas uile shliochd Adhaimh

ʼS chan eil bàigh aig neach a tha beò ribh,

Is duilich leam nach deach ur bàthadh

Mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa.

Tha sin car cruaidh air na creutairean beaga, nach eil? Chan eil bàigh aig duine beò riutha. Agus – is duilich leam nach deach ur bàthadh mun d’ fhuair sibh san Àirc aig Nòa. Tha an t-ùghdar ag ràdh gum b’ fheàrr leis gun robh na luchan air am bàthadh leis an tuil mhòir mus d’ fhuair iad cothrom a bhith air an sàbhaladh le Nòa.

Chan eil fhios a’m cia mheud duine a tha a’ cuimhneachadh Bliadhna nan Luch an-diugh ach ʼs e Mìcheal Newton a thug a’ chùis gu m’ aire-sa. Tha cunntas aige mun dàn seo anns an leabhar aige a thàinig a-mach an-uiridh – ‘Seanchaidh na Coille: The Memory-Keeper of the Forest’. ʼS e a th’ ann cruinneachadh de litreachas Chanada ann an Gàidhlig. Tha an leabhar tomadach agus làn neamhnaidean culturach. Agus tha e a’ dearbhadh cho prìseil ʼs a tha dualchas Gàidhlig Chanada. Innsidh mi tuilleadh mun leabhar seo an-ath-sheachdain.

Litir 877 Litir 877 Litir 879 Litir 879

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!