Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach – seachd ceud deug, naochad ’s a dhà (1792). Bha muinntir Rois is Chataibh ag obair an aghaidh nan caorach
a bha a’ sìor ghabhail àite nan daoine air a’ Ghàidhealtachd. A rèir cunntas ann am pàipear-naidheachd ann an Dùn Èideann, chaidh trì mìle caora aig aon
‘duin-uasal’ a bhàthadh. Chaidh teine a chur ri cuid de choilltean cuideachd. Bhathar a’ tomhas gun robh ceithir cheud de luchd-aimhreit ann.
Thòisich na h-uachdarain air seasamh nan aghaidh – ann an Siorrachd Inbhir Nis a cheart cho math ri Ros is Cataibh. Fhuair iad taic bho
shaighdearan à Gearasdan Deòrsa – trì companaidhean dhen dàrna rèisimeid thar an dà fhichead. Tha iad nas aithnichte dhuinn mar ‘Am
Freiceadan Dubh’.
Fhuair na saighdearan grèim air ceannardan na h-aimhreit agus chuir iad don phrìosan ann an Inbhir Pheofharain iad. Ach tron oidhche, nochd gràisg taobh
a-muigh a’ phrìosain. Bhris iad a-steach agus shaoraich iad na prìosanaich. Cha do chuir na saighdearan stad orra agus thuirt cuid gun robh iad air an
doras fhàgail fosgailte. Saoil a bheil clann Rois an Ear ag ionnsachadh mu dheidhinn rudan mar seo anns na clasaichean eachdraidh aca?!
Cha robh na h-uachdarain no na mòr-uaislean riaghlaidh a’ dol a ghèilleadh, ge-tà. Bha an t-eagal orra gun leanadh na Gàidheil eisimpleir na Frainge far an
robh an t-ar-a-mach soirbheachail agus an guillotine trang.
Ged as e ‘luchd na h-aimhreit’ a chanadh daoine ris na Gàidheil a bha a’ seasamh an còraichean àrsaidh, cha robh cus de dh’aimhreit ann. Sgrìobh
fear-naidheachd à Inbhir Pheofharain nach do mharbh iad aon chaora airson biadh, ged a bha iad a’ fulang gu mòr le acras.
Ach an do thuig na h-uachdarain gun robh iad a’ sparradh ana-ceartas air na daoine àbhaisteach? A rèir choltais, cha do thuig. Sgrìobh Siorram Rois,
Dòmhnall MacLeòid, gum b’ urrainn treudan chaorach a thoirt a-steach don Ghàidhealtachd gu maith nan daoine bochda, a bharrachd air na h-uachdarain. Bha
fearann monaidh air feadh Siorrachd Rois, thuirt e, nach robh gu feum ach do chaoraich. Dh’fhaodadh an sluagh a dhol am meud agus toileachas nan daoine cho
math. Aidh, uill, ’s dòcha gun robh e ga mhealladh fhèin.
Ach b’ fheudar do chuid de luchd na h-aimhreit teicheadh bhon sgìre aca. Mar eisimpleir, bha triùir à Srath Rùsdail anns a’ phrìosan ann an Inbhir Nis ach
rinn iad an dol-às. B’ iad sin Iain Aird, Ùisdean Breac MacCoinnich agus Ailean Dòmhnallach. Chaidh Iain am falach sa mhonadh faisg air Srath Rùsdail. Ach
mus do thòisich an geamhradh, dh’fhalbh e gu Moireibh agus dh’fhuirich e an sin airson a’ chòrr de a bheatha. Chaidh Ùisdean am falach ann an toll fon
taigh aige. Dh’fhalbh esan a Mhoireibh cuideachd agus cha do thill e dhachaigh. Agus chaidh Ailean a dh’fhuireach ann an Cille Chuimein.
Nam biodh na h-ùghdarrasan air grèim fhaighinn air Iain is Ùisdean bha iad air an cur a-null thairis airson seachd bliadhna. Ach cha d’ fhuair iad grèim
orra. No bha iad sàsaichte nach biodh an dithis an sàs ann an ar-a-mach a-rithist.
Tha an aimhreit a’ dearbhadh gun do sheas cuid de ar sinnsirean an aghaidh ana-ceartas. Ach, aig a’ cheann thall, ’s iad na h-uachdarain agus na caoraich a
bhuannaich. Ann an Srath Rùsdail an-diugh, tha na caoraich pailt agus tha na daoine gann.