Bliadhna nan Caorach. Cuin a bha sin, nise? Uill, a’ bhliadhna nuair a nochd a’ chaora mhòr air a’ Ghàidhealtachd. Agus bliadhna nuair a rinn feadhainn
strì an aghaidh nam fuadaichean a bh’ air tòiseachadh. Bliadhna nan Caorach – seachd ceud deug, naochad ’s a dhà (1792).
Faisg air Alanais ann an Siorrachd Rois, tha gleann brèagha air a bheil Gleann Mhuire. Tha e a’ faighinn ainm bho sheann chille air a bheil Cille Mhuire.
Tha i na tobhta. Tha i ri taobh loch air a bheil Loch Mhuire. Agus ’s e Frìth Chille Mhuire a chanar ris a’ mhonadh faisg air làimh – no ann am Beurla Kildermorie Forest.
Uaireigin bha sluagh cuimseach mòr a’ fuireach anns an sgìre. Ach chaidh am fuadachadh timcheall air seachd ceud deug is naochad (1790).
B’ e an t-uachdaran Sir Eachann Rothach à Taigh an Fhuamhair. Bha Gàidhlig aige ach bu choma leis suidheachadh nan daoine àbhaisteach.
Thug e còraichean air an fhearann do dhithis bhràithrean à Loch Abar – Ailean agus Alasdair Camshron – a thug caoraich a-steach.
Dìreach gu tuath air Gleann Mhuire, tha Srath Rùsdail. ’S e crodh a bh’ aig muinntir Shrath Rùsdail aig an àm. Ach bhiodh an crodh a’ dol thairis air
crìochan na h-oighreachd gu Frìth Chille Mhuire. Nuair a thachradh sin, bhiodh na Camshronaich gan trusadh is gan cumail ann an crò. Dh’fheumadh muinntir
Shrath Rùsdail airgead a thoirt seachad airson an crodh fhaighinn air ais.
Dh’fhàs iad sgìth dhen t-suidheachadh agus thàinig gnothaichean gu ceann anns a’ Chèitean ann am Bliadhna nan Caorach. Bha an crodh ann an crò ann an
Gleann Mhuire ach chuir na daoine romhpa an saoradh gun sgillinn ruadh a phàigheadh. Chuir iad fios gu muinntir Àird Rois a bha a’ buain na mònach an latha
sin. Thàinig iad agus còmhla shaoraich iad fhèin agus muinntir Shrath Rùsdail an crodh. Bha beagan de chòmhstri ann ach cha deach cron mòr a dhèanamh air
duine sam bith.
Thug na Camshronaich a’ chùis gu cùirt ann an Inbhir Nis. Bha ochdnar fo chasaid de dh’aimhreit is dochann. Ach fhuair an diùraidh neoichiontach iad.
Bha na bu mhiosa a’ tighinn, ge-tà. Air an t-seachdamh latha fichead dhen Iuchar bha muinntir Shrath Rùsdail aig banais. Thòisich na fir air còmhradh ri
chèile mu na caoraich a bha a’ gabhail thairis na dùthcha. Chuir iad romhpa na caoraich gu lèir ann an siorrachdan Rois is Chataibh iomain a-mach agus
thairis air Abhainn Fharair – crìoch Siorrachd Inbhir Nis. Chaidh an naidheachd a sgaoileadh ann an eaglaisean is taighean-òsta. An Dimàirt an dèidh sin
thàinig dà cheud duine cruinn còmhla ann an Srath Òiceall.
Chaidh iad gu ceann a-mach sgìre na Luirge agus dh’iomain iad a h-uile caora a lorg iad ach a-mhàin treud le Siorram Rois, Dòmhnall MacLeòid. Ràinig iad Na
Bothachan, sear air Gleann Mhuire, Disathairne, ach ’s ann an uair sin a thàinig an t-ar-a-mach gu ceann. Madainn na Sàbaid nochd an siorram. Bha buidheann
de shaighdearan à Gearasdan Deòrsa na chois.
Sgap luchd na h-aimhreit ach fhuair na saighdearan grèim air feadhainn dhiubh, agus bha iad air an cur gu Taigh an Fhuamhair mar phrìosanaich. Cha robh a’
chùis seachad, ge-tà. Cha b’ fhada gus am biodh na meadhanan a-mach air ‘sedition’, ‘insurgents’ agus ‘unjustifiable violence’. Tillidh sinn gu Bliadhna
nan Caorach anns an ath Litir.