FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Moireasdan, Fiosaiche Pheitidh  (1)

Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Iain Moireasdan, ministear Pheitidh aig deireadh an ochdamh linn deug.

Audio is playing in pop-over.

Iain Moireasdan, Fiosaiche Pheitidh  (1)

Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Iain Moireasdan, ministear Pheitidh aig deireadh an ochdamh linn deug. Faisg air Eaglais Pheitidh tha bàgh mòr eu-domhainn. Aig ìsle-mhara bidh tràigh mhòr làthaich ann. Bha clach mhòr air a’ chladach air an robh ‘Clach an Àbain’. Latha a bha seo – Latha na Sàbaid a bh’ ann – bha am ministear a’ searmonachadh. ‘A pheacachaibh gun ghràs,’ bha e ag èigheachd ris a’ choitheanal, ‘mura seachain sibh ur droch dhòighean, sguabaidh Dia sibh don àite far nach fhaighear tròcair. Agus mar chomharra gu bheil mi ag innse na fìrinn, thèid Clach an Àbain – mòr is trom ’s ged a tha i – thèid a gluasad pìos mòr a dh’ionnsaigh na mara gun duine a làmh a chur oirre!’

Thug e sia air fhichead bliadhna, ach thachair e. Bha an tachartas ainmeil gu leòr ’s gun do chuir an Suirbhidh Òrdanais fios mu dheidhinn air na mapaichean aca. Tha mapa air mo bheulaibh an-dràsta a chaidh a dhèanamh o chionn còrr is ceud bliadhna. Tha ‘Clach an Àbain’ comharraichte air a’ mhapa. Pìos air falbh bhuaipe, nas fhaisg’ air an tiùrr, tha seo sgrìobhte: ‘Site of Clach an Àbain AD 1799’.

Bha an dà-shealladh aig a’ mhinistear agus chunnaic e gum biodh a’ chlach air a gluasad. Thachair e air an oidhche air an fhicheadamh latha dhen Ghearran, seachd ceud deug, naochad ’s a naoi (1799). Bha i air a togail agus air a toirt air falbh bhon tìr timcheall air dà cheud is trì fichead slat.

Bha cuid ag ràdh gur e crith-thalmhainn a ghluais i. Ach tha beachd eile ann. ’S e an geamhradh a bh’ ann. Bha reothadh mòr air a bhith ann. Agus bha reòth-leac timcheall na cloiche. ’S e sin a’ Ghàidhlig air ‘sheet of ice’ – reòth-leac. Bha timcheall air troigh gu leth – faisg air leth-cheud ceudameatair – de thighead anns an deigh.

Co-dhiù, bha iad dhen bheachd gun deach an reòth-leac a thogail leis an tìde-mhara agus gun do thogadh a’ chlach leatha. Bha stoirm mhòr ann. Agus, eadar a’ ghaoth agus tràghadh na mara, chaidh a’ chlach a ghluasad thar a’ chladaich. Nuair a dhùisg daoine an ath mhadainn cha robh Clach an Àbain far an robh i air a bhith an oidhche roimhe. Agus chuimhnich iad fàidheadaireachd a’ mhinisteir. Tro thìde, bhiodh cuid ag ràdh gur e Coinneach Odhar a rinn an fhàidheadaireachd sin ach tha e coltach gur e an t-Urramach Iain Moireasdan a rinn e.

Latha a bha seo, bha crodh aig Mgr Moireasdan ag ionaltradh air Bràigh Chùil Lodair. Chuir am ministear sgalag a-mach a choimhead orra. Nuair a thill e don mhansa, thuirt an sgalag gun robh na beathaichean gu lèir ann an deagh rian.

‘Am faca tu gu lèir iad?’ dh’fhaighnich am ministear dheth.

‘Chunnaic,’ fhreagair an sgalag.

‘Uill, chan fhaca,’ thuirt am Moireasdanach. ‘Tha an gamhainn donn na laighe air a dhruim dìreach ann an leithid seo de dhìg, agus dà chois briste aige. Thoir cairt is each, agus feadhainn eile, leat agus thoir dhachaigh e. Dèan ùrnaigh agus iarr air an Tighearna maitheanas a thoirt dhut oir bha thu ag innse breug dhomh.’

Bha am ministear ceart. Bha an sgalag ag innse breug dha. Agus nuair a chaidh e don dìg, bha an gamhainn donn ann dìreach mar a ‘chunnaic’ am ministear.

Litir 873 Litir 873 Litir 875 Litir 875

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!