Bha mi ag innse dhuibh seann stòiridh à Geàrrloch – ‘Mac Gille Mhaoil na Cruit’. Bha e a’ fuireach cuide ri Dòmhnallach ann an Inbhir Àsdail. Thug Mac
Gille Mhaoil cuireadh don Dòmhnallach thighinn taobh Locha Dring airson sealladh fhaighinn air an Fhèinn.
Feasgar na h-ath-oidhch, chaidh iad a-mach còmhla, a’ saodachadh nan each chun a’ mhonaidh. Dh’fhàg iad na h-eich ann an àite ris an canar Achadh na Fèithe
Dìrich. Agus lean iad fhèin orra cho fada ris an Fhèith Mhòir. Air dhaibh suidhe, thuirt Mac Gille Mhaoil ris an Dòmhnallach, ‘Nise, tha eagal orm gu bheil
thu cho lag nad inntinn ’s nach seas thu ri ’m faicinn.’ Fhreagair an Dòmhnallach gur e a sheasadh.
Thuirt Mac Gille Mhaoil, ‘Leig sìos do cheann agus ceanglaidh mi e.’ Agus cheangail e a cheann le bann gu teann, tèarainte. An uair sin, thug e a-mach
feadag agus leig e sgal. B’ e sin an sgal! Shaoil an Dòmhnallach gun deach a cheann na mhirean!
Dh’fheòraich Mac Gille Mhaoil am b’ urrainn dha a cheann a thogail. Thuirt e gum b’ urrainn. Le sin, leig e sgal eile. Mar an ceudna, tèile gus an robh
ceann an Dòmhnallaich cha mhòr spealgte. Dh’iarr Mac Gille Mhaoil air a cheann a thogail.
Thog an Dòmhnallach a cheann agus ’s ann aigesan a bha an sealladh! Sìos an leathad a bha fa chomhair, chunnaic e daoine a’ tighinn fo làn armachd. Bha
coin aca. Nuair a bha iad faisg air, thòisich e air fannachadh. Chaill e a mhothachadh agus thàinig cadal trom air. Bha an sealladh cho mòr ’s nach robh e
na chomas a bhith ga ghiùlan.
Nuair a dhùisg e às a shuain, cha robh duine aige ach Mac Gille Mhaoil. Bha e na aonar os cionn an Dòmhnallaich. Bha e a’ gal agus a’ dòrtadh uisge air
aodann an fhir eile.
‘A dhuine bhochd,’ thuirt Mac Gille Mhaoil, ‘is tu a chaill air nach b’ urrainn thu seasamh ri labhairt ris na fir ud! Siod agad na gaisgich nach till air
comharradh corraige dhutsa no dhòmhsa.’
Dh’èirich an dithis agus chaidh iad dhachaigh. Bha Mac Gille Mhaoil na Cruit troimhe-chèile. ‘A dhuine bhochd,’ thuirt e a-rithist ’s a-rithist. ‘A dhuine
bhochd nach b’ urrainn seasamh ri còmhradh a chumail ris na fir ud. Bha thu air buadhan ann an còmhradh agus sealg a thogail bhuapa. B’ fheàirrde tu fhèin
is do shliochd sin.’
Taobh a-staigh beagan làithean, chaochail Mac Gille Mhaoil. Mus d’ fhuair e bàs, chaidh e anns a’ mheud mhòir. Bha a cheann a’ ruigheachd
aon cheann dhen t-sabhal (far am biodh e a’ dol a laighe), agus a chasan an ceann eile. Mar sin, bha e do-dhèante a thoirt a-mach as an t-sabhal slàn. B’
fheudar a ghearradh na cheathramhan airson a thoirt a-mach agus a thiodhlacadh.
Nuair a chuala Uachdaran Gheàrrloch mun chùis, thuirt e nam biodh fios aigesan gun do chaochail e, gun rachadh barrachd cosgais a dhèanamh mu thimcheall a
thiodhlacaidh. Agus thug e ainm ùr dha – Biolair Uasal mac Fhinn.
A rèir aithris, bha Mac Gille Mhaoil na Cruit air a thiodhlacadh ri taobh cnocan air fearann an t-seann taigh-sgoile ann an Inbhir Àsdail. Agus ’s e
Tobhtag Mhic Gille Mhaoil a chanadh daoine ris a’ chnocan bho sin a-mach.