Faisg air an t-seann chladh ann an Geàrrloch, tha lag ann a tha nise mar phàirt de raon-goilf. Uaireigin bhiodh na ceudan a’ cruinneachadh ann airson
seirbheisean eaglaise. Bha sin aig àm a’ chomanachaidh nuair a bha cus dhaoine ann airson a dhol am broinn na h-eaglaise fhèin. Ach tha ainm annasach air
an lag, a bhuineas do linn nas sine na sin. ’S e an t-ainm – Leabaidh na Bà Bàine. Thathar ag ràdh gur e Fionn MacCumhail fhèin a rinn an lag gus gum biodh
àite-breith aig a’ bhoin bhàin aige. Leabaidh na Bà Bàine.
Bha muinntir na sgìre ag innse sgeulachdan na Fèinne airson ceudan bhliadhnaichean. Agus seo agaibh seann stòiridh à Geàrrloch – Mac Gille Mhaoil na Cruit.
Tha ‘cruit’ an seo a’ ciallachadh nàdar de chlàrsach a bhathar a’ cluich o chionn fhada.
Bha fear a bha seo a’ fuireach ann an Inbhir Àsdail air cladach Locha Iù. Bha e na Dhòmhnallach ach bha e beò ri linn nan ciad uachdaran aig Chloinn ’ic
Coinnich ann an Geàrrloch. Bha sin timcheall an t-siathamh linn deug. Bha an Dòmhnallach seo cianail fhèin measail air sgeulachdan na Fèinne.
Oidhche gheamhraidh a bha seo, bha e na shuidhe làimh ris an teine nuair a thàinig duine bochd don taigh aige. Dh’fheòraich e am faigheadh e cead fuireach
airson na h-oidhche. Thuirt an Dòmhnallach gum faigheadh. Cho luath ’s a shuidh an coigreach sìos, chuir an Dòmhnallach ceist air – ‘A bheil dad agad air
an Fhèinn?’ Thuirt an coigreach gun robh agus thòisich e air sgeulachdan innse nach cuala am fear eile riamh roimhe.
Mus deach an aithris ro fhada, dh’fheòraich fear an taighe gu dè an t-ainm a bh’ air an fhear eile.
‘Mac Gille Mhaoil na Cruit,’ thuirt an coigreach. Dh’inns an dithis stòiridhean na Fèinne do chèile fad na h-oidhche. Cha robh fear seach fear dhiubh air
taobh a-staigh na leapa fhaicinn nuair a dh’èirich a’ ghrian.
Dh’fhuirich Mac Gille Mhaoil fad a’ gheamhraidh còmhla ris an Dòmhnallach. Dh’aithris e sgeulachd ùr mun Fhèinn a h-uile oidhche. Thàinig an t-Earrach agus
obair an treabhaidh. Nuair a bha e ris an treabhadh, aig ceann gach sgrìob, bha sgeul ùr aig Mac Gille Mhaoil mun Fhèinn. Gach turas a chuala an
Dòmhnallach a leithid de stòiridh, chanadh e, ‘Is truagh nach robh mi beò ri linn na Fèinne; ’s mi a dh’fhàgadh gach nì agus a leanadh iad.’
Bhiodh an Dòmhnallach ag obair fad an latha agus bhiodh e claoidhte air an oidhche. Mar sin, ’s e Mac Gille Mhaoil a bhiodh a’ saodachadh
nan each chun a’ mhonaidh gach feasgar. Bha e a’ dol leotha cho fada ri Feadan Mòr Locha Dring – àite a bha ainmeil airson ghnothaichean os-nàdarrach agus
mar àite-còmhnaidh na Fèinne.
Gach dàrnacha oidhche, bhiodh Mac Gille Mhaoil a’ fuireach cuide ris na h-eich fad na h-oidhche mus tilleadh e dhachaigh. Agus air an latha a thilleadh e,
bhiodh sgeul ùr aige mun Fhèinn. Chanadh an Dòmhnallach mar a bu dual dha, ‘Is truagh nach robh mi beò ri linn na Fèinne; ’s mi a dh’fhàgadh gach nì agus a
leanadh iad.’
Mu dheireadh, thuirt Mac Gille Mhaoil ris, nan tigeadh an Dòmhnallach còmhla ris, gum faigheadh e sealladh air an Fhèinn. Agus chì sinn dè thachair
an-ath-sheachdain.