Dè an t-àite as fheàrr air beinn airson fois a ghabhail? Air a’ mhullach? Aig a’ bhonn? No air cùl creige far nach eil a’ ghaoth ro làidir? No dè mu
dheidhinn air leabaidh? ’S dòcha gu bheil a’ cheist car gòrach ach tha grunn ‘leabannan’ rin lorg air a’ Ghàidhealtachd anns a’ mhonadh. Chan eil mi a’
ciallachadh leabannan le bobhstairean is cluasagan is plaideachan, ach ainmean-àite anns a bheil ‘leabaidh’ a’ nochdadh.
Bha mi air leabaidh anns a’ mhonadh o chionn beagan bhliadhnaichean – Leabaidh an Daimh Bhuidhe. Air na mapaichean, ’s e sin ainm an torra air mullach
Beinn Athfhinn air taobh sear a’ Mhonaidh Ruaidh – Leabaidh an Daimh Bhuidhe. Ainm annasach, nach e? Tha mi an dùil gu bheil e co-cheangailte ri
sgeulachdan na Fèinne, ach tha am fios air tùs an ainm air chall. Ma tha sibh eòlach air stòiridh mun Fhèinn anns a bheil ‘Damh Buidhe’, nach cuir sibh
fios thugam.
Bha mi a’ leughadh ann an leabhar mun ainm-àite agus bha an t-ùghdar dhen bheachd gum b’ e ‘Leabaidh an Daimh Bhuidhe’ an t-ainm ùr air an
tòrr as àirde air mullach Beinn Athfhinn. Agus gum b’ e an seann ainm air a’ mhullach – Stob Dubh Easaidh Mòr. Saoilidh mi gun robh am fear seo ceàrr. ’S e
Stob Dubh Easaidh Mòr an t-ainm a bu chòir a bhith air a’ mhullach fhathast. Faisg air làimh tha tòrr eile a tha nas ìsle air a bheil Stob Dubh Easaidh
Beag – ged a tha e anns an àite cheàrr air mapaichean an OS, le ainm ceàrr air – ‘Stob Dubh an Eas Bhig’.
Chan e ‘leabaidh’ a bu chòir a bhith air an stob air mullach na beinne oir bidh ‘leabaidh’ a’ seasamh airson lag no glac, chan ann airson mullach, ged a
bhios ainm coire uaireannan a’ gluasad chun a’ mhullaich faisg air làimh. Tha mi an dùil gur e a bh’ ann an Leabaidh an Daimh Bhuidhe an lag ri taobh a’
mhullaich.
Thòisich mi air sùil a thoirt air mapaichean airson ‘leabannan’ eile. Agus tha feadhainn ann. Tha Leabaidh Fhèidh na lag anns a’ mhonadh faisg air Srath
Òiceall. Tha Leaba Bhaltair deas air Gleann Chailbhidh agus faisg oirre tha Leaba Bhruic. Air cladach an Rubha ann an Leòdhas, tha Leabaidh a’ Mhinisteir.
Tha cuid de na ‘leabannan’ car coltach ri uamh ach chan eil iad cho domhainn ri uamh. ’S e lagan a th’ annta, far am biodh daoine a’ dol am falach. Agus
bhiodh creag ann far am faigheadh an duine fasgadh is dìon bhon uisge. ’S e ‘leabannan-dìonaidh’ a chanadh daoine riutha anns an t-seann aimsir. Tha tè
dhiubh ann an Raineach air a bheil Leaba Dhonnacha Dhuibh a’ Mhonaidh.
Bha Donnchadh Dubh na Chamshronach agus na Sheumasach. Chaidh e am falach anns an ‘leabaidh’ aige an dèidh Blàr Chùil Lodair. Bha na saighdearan dearga a’
coimhead air a shon agus bha iad faisg air grunn tursan, ach chan fhac’ iad e, agus e am falach anns an leabaidh aige.
Bha Donnchadh ainmeil. Nuair a bha armailt Theàrlaich Òig a’ cur sèist ri Caisteal Shruighlea, chaidh Donnchadh a chur don Ghearasdan air
gnothach a’ Phrionnsa. Bhathar ag ràdh gun do ràinig e an Gearasdan taobh a-staigh aon latha – sin ochdad ’s a h-ochd mìle. Tha fhios gun robh e feumach
air leabaidh cheart an dèidh sin!