O chionn ghoirid chaidh mi seachad air eas air a bheil ‘Victoria Falls’ mar ainm. ‘O, nach math dhut, a Ruairidh,’ tha sibh ag ràdh, ‘a bhith thall ann an
Afraga ann am meadhan a’ gheamhraidh.’ Nise, a chàirdean, chan ann mar sin a bha e idir. Cha robh mi ann an Afraga. Gu dearbh, cha do dh’fhàg mi Alba.
Càite a bheil Victoria Falls ann an Alba, ma-tha? Uill, tha eadar Ceann Loch Iù agus Geàrrloch ann an Ros an Iar. Tha e ann an Abhainn Garbhaig faisg air
Slèiteadal ri taobh Loch Ma-ruibhe.
Ach carson fon ghrèin a tha eas le ainm Beurla ann am meadhan dùthaich far a bheil na h-ainmean-àite cha mhòr gu lèir ann an Gàidhlig no
Lochlannais? Uill, tha e a’ cuimhneachadh cuspair an ainm – a’ Bhanrigh Bhictoria – agus turas a rinn i don sgìre ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a
seachd (1877).
Chan eil e uile-gu-lèir soilleir carson a chaidh a’ Bhanrigh ann. Bha i measail air a’ Ghàidhealtachd, ceart gu leòr, agus bhiodh i a’ cur seachad mòran
ùine ann am Both Mhoireil. Agus as t-Sultain ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877), dh’fhàg i Both Mhoireil. Chaidh i fhèin, is buidheann bheag air
an trèana gu ruige Obar Dheathain, an uair sin Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus mu dheireadh a dh’Ach’ na Sìne.
Bha dhà no thrì cheud duine a’ feitheamh rithe ann an Ach’ na Sìne. ’S e sluagh mòr a bha sin ann an sgìre far nach robh mòran a’ fuireach. Ach
cuimhnicheamaid gum b’ e Bhictoria Banrigh na h-Ìmpireachd agus Ban-ìmpire nan Innseachan. Bha i rudeigin ainmeil!
Chaidh a’ bhuidheann a thoirt ann an coidse le eich gu ruige Ceann Loch Iù, far an d’ fhuair iad eich ùra aig an taigh-seinnse. Bha fhathast deich mìle aca
ri dhol chun a’ chinn-uidhe aca. Ach b’ e sin am pìos a bu bhòidhche dhen turas – mar a tha an-diugh. A bheil àite nas brèagha ann an Alba na Loch
Ma-ruibhe, leis na beanntan àrda is coilltean àlainn? Chunnaic a’ Bhanrigh bogha-froise dùbailte os cionn an locha. ’S beag an t-iongnadh gun robh i air a
beò-ghlacadh leis an àite.
Ràinig a’ Bhanrigh Taigh-òsta Thealldhadal goirid an dèidh seachd uairean feasgar. Rinn iad glè mhath oir bha iad air Both Mhoireil fhàgail air a’ mhadainn sin fhèin, goirid an dèidh naoi uairean. Bha na rathaidean-iarainn air diofar mòr a
dhèanamh don ùine a thug e a bhith a’ siubhal bho àite gu àite.
Airson beagan làithean bha a’ Bhanrigh stèidhichte ann an Taigh-òsta Thealldhadal, ged a thug i coidse timcheall na sgìre gu bailtean eile – leithid
Gheàrrloch agus Thoirbheartain. Agus thug i turas air bàta a dh’Eilean Ma-ruibhe air Loch Ma-ruibhe. Ach rinn i mearachd an latha sin. ’S e Latha na Sàbaid
a bh’ ann agus bha mòran anns an sgìre gu math mì-thoilichte gun robh i, nam beachd-san, a’ briseadh na Sàbaid.
Am biodh a’ Bhanrigh toilichte gun deach a h-ainm a chur air an eas air Abhainn Garbhaig goirid an dèidh a turais? Chan eil fhios a’m. A rèir choltais,
thuirt i nach robh e cho drùidhteach idir ris na h-easan aice fhèin aig Both Mhoireil! Biodh sin mar a bhitheadh e. ’S e ‘Victoria Falls’ a th’ air an eas
chun an latha an-diugh.