FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Raibeart Sibbald

As t-fhoghar an-uiridh chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Teàrlach Withers.

Audio is playing in pop-over.

Raibeart Sibbald

As t-fhoghar an-uiridh chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Teàrlach Withers. Tha e na àrd-ollamh de Chruinn-eòlas ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Chaidh ainmeachadh an-uiridh mar Chruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba.

Nise, cha robh a leithid againn airson greis mhòr. Am fear mu dheireadh a bha na Chruinn-eòlaiche Rìoghail, bha an t-urram air a bhuileachadh air leis a’ Bhanrigh Bhictoria. Cha b’ ann an-dè a bha sin!

Dè bhios Cruinn-eòlaiche Rìoghail a’ dèanamh? Uill, bidh e na thosgaire airson Cruinn-eòlas aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Faodaidh e a bheachd a thoirt air blàthachadh na cruinne, goireasan siubhail, mapaichean, in-imrich, teagasg cruinn-eòlais agus eile. Agus cha dèan e cron air a’ Ghàidhlig gu bheil an inbhe sin air Teàrlach Withers. Tha e gu math fiosrachail mu eachdraidh agus cruinn-eòlais a’ chànain. ’S e a sgrìobh an leabhar ‘Gaelic in Scotland 1698-1981: The Geographical History of a Language’.

Chaidh an dreuchd – Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba – a chruthachadh o chionn còrr is trì cheud bliadhna nuair a bha Teàrlach II air a’ chathair rìoghail. B’ e a’ chiad duine san dreuchd Sir Raibeart Sibbald. Bhuineadh Sibbald do Dhùn Èideann agus dh’èirich e gu bhith na Àrd-ollamh (a’ chiad fhear) ann an Eòlas-leigheis ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e am measg stèidheadairean na dà chuid – Colaiste Rìoghail nan Lighichean ann an Dùn Èideann agus an Lios Luibheach Rìoghail anns an aon bhaile. Bha ùidh agus eòlas aige air lusan, ainmhidhean, eachdraidh – agus cruinn-eòlas.

Ann an sia ceud deug, ochdad ’s a dhà (1682), chaidh an tiotal Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba a bhuileachadh air. Bhathar an dùil gun sgrìobhadh Sibbald trì leabhraichean. Bhiodh a’ chiad fhear – Scotia Illustrata – mu dheidhinn nàdar. Agus bhiodh dà leabhar ann mu chruinn-eòlas – Scotia Antiqua agus Scotia Moderna. Tuigidh sibh fhèin an diofar eatarra! Ach, gu mì-fhortanach, ’s e Scotia Illustrata a-mhàin a thàinig a-mach ann an clò. Chleachd feadhainn eile obair Sibbald, ge-tà, mar bhun-stèidh do na leabhraichean aca fhèin.

Rinn Sibbald aon rud a tha fìor chudromach dhuinn an-diugh. Fhuair e grèim air cuid de na mapaichean a rinn Timothy Pont aig deireadh an t-siathamh linn deug. Chaidh na pàipearan aige, agus stuth Phont nam measg, do Leabharlann an Luchd-tagraidh nuair a chaochail e agus mar sin tha iad againn ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Abair gu bheil iad prìseil!

Mar a bha mi ag ràdh, bha ùidh mhòr agus ùghdarras mòr aig Sibbald a thaobh nàdar. Rinn e a’ chiad thuairisgeul saidheansail dhen mhuic-mhara ghuirm. Chaidh an creutair – am fear as motha san t-saoghal – ainmeachadh an toiseach mar Sibbaldus. An-diugh tha e anns an genus Balaenoptera. Tha genus luis ann air a bheil Sibbaldia. ’S e sin an t-ainm a th’ air iris bhliadhnail a tha Lios Luibheach Rìoghail Dhùn Èideann a’ foillseachadh.

Agus tha sin gam thoirt gu rudeigin nach eil cho math a rinn Raibeart Sibbald. Co-dhiù bidh daoine ga choireachadh air a shon. Tha eun air am bi sibh eòlach, ma tha sibh air a bhith a’ coiseachd nam beann ann an Alba – an tàrmachan no tormachan. Tha an t-ainm ciallach. Ach cha do thuig Sibbald gur ann bhon Ghàidhlig a thàinig ainm Beurla an eòin. Agus sgrìobh e e le ‘p’ aig an toiseach – ptarmigan. ’S iomadh rud math a rinn e, ach cha b’ e sin fear dhiubh!

Litir 860 Litir 860 Litir 862 Litir 862

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!