A bheil sibh eòlach air an fhacal – co-fhacal? Synonym ann am Beurla. Tha facal na cho-fhacal air facal eile ma tha e a’ ciallachadh an
ìre mhath an aon rud ris. Tha an dà fhacal co-fhaclach no synonymous.
An tèid agad air
smaoineachadh air eisimpleir de cho-fhaclan? Uill, seo agaibh eisimpleir – glic agus ciallach. Chan eil iad buileach co-ionann, a bheil?
Ach tha iad faisg gu leòr airson a bhith nan co-fhaclan air a chèile. Dè mu dheidhinn ciallach agus toinisgeil? ’S dòcha gu bheil iadsan
beagan nas fhaisge air a chèile.
Bha mi an sàs ann am pròiseact co-fhaclaireach o chionn beagan bhliadhnaichean. Chaidh co-fhaclair a chruthachadh. ’S e sin a’ Ghàidhlig airthesaurus. Gheibh sibh grèim air a’ cho-fhaclair ann an riochd eileagtronaigeach air an làraich-lìn do luchd-ionnsachaidh – LearnGaelic.scot/thesaurus.
Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a chur cheistean oirbh a tha a’ tighinn bhon cho-fhaclair Ghàidhlig. Chì sibh cho math ’s a tha sibh air faclan a
thuigsinn!
An toiseach, rudeigin co-cheangailte ris an àrainneachd. Tha an t-uabhas de dh’fhaclan ann an Gàidhlig a tha a’ ciallachadh beinn no cnoc
no a leithid – còrr math is ceud dhiubh. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh nan co-fhaclan airson facal. Agus tha mi a’ dol a dh’iarraidh oirbh innse dè an
ceann-fhacal a th’ ann sa cho-fhaclair. Seo na co-fhaclan: cnocan, tom, stacan, tulach, tulachan, sìthean, torran, tolm, toman, meallan, stùc agus mulan.
Mmm … chan eil e furasta, a bheil?! Uill, seo e – gnoban. Agus ciall an fhacail ann am Beurla – little hill, knoll. Gnoban.
Seo eisimpleir eile. ’S e ainmear a th’ ann. Seo agaibh na co-fhaclan dha: troc, sgruibleach, smùrach, aolach, dreamsgal, sgrathal, greallach, draos,
tramasgal, treallaich agus smodal. Dè am facal air a bheil sibh a’ smaoineachadh a-nise? Uill, ’s e an ceann-fhacal airson sin anns a’ cho-fhaclair – sgudal. Rubbish, trash – sgudal.
Agus eisimpleir de bhuadhair. Seo na co-fhaclan: robach, mì-sgiobalta, riapach, liobasta, neo-chumadail, neo-ghrinn, sgraiteach, lùiristeach, leibideach
agus suarach. Tha antanaim ann air a shon cuideachd. ’S e antanaim facal aig a bheil ciall a tha calg-dhìreach an aghaidhciall a’ cheann-fhacail. Agus ’s e an t-antanaim airson seo – sgiobalta. ’S e an ceann-fhacal luideach, a’ ciallachadh shabby, untidy. Luideach.
Nise, smaoinichibh tiotan air an fhacal lùth, a’ ciallachadh strength, power. Lùth. ’S e sin an eileamaid a th’ anns an fhacal-fhillte lùth-chleas agus lùth-chleasachd. Dè na co-fhaclan a bhiodh sibh fhèin a’ comharrachadh airson lùth? Uill, seo an fheadhainn
anns a’ cho-fhaclair: lùths, cumhachd, neart, smioralas agus spionnadh. Tha faclan dàimheach ann air a shon cuideachd – daingneachd agus
spracalachd. Tha faclan dàimheach – related terms – car coltach ris a’ cheann-fhacal gun a bhith co-ionann ris.
Agus dè an t-antanaim a bhiodh sibh fhèin a’ taghadh airson lùth? Uill, seo na tha anns a’ cho-fhaclair – laigse. Ma bheir sibh sùil air laigse mar cheann-fhacal, gheibh sibh sia co-fhaclan deug, còig faclan dàimheach agus trì antanaimean. Ach chan eil lùth am measg nan
antanaimean. Obh obh. ’S dòcha gun do lorg mi laigse anns a’ cho-fhaclair! A dh’aindeoin sin, tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi e feumail do
luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail.