Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh na seann sgeulachd thraidiseanta – Clann Lir. Bha a’ chlann fo gheasaibh a chuir an droch
mhuime, Aoife, orra. Airson naoi ceud bliadhna bhiodh cruth ealachan orra, ge b’ oil leotha. Bha iad air a bhith air Loch Dairbhreach ann am meadhan na
h-Èireann airson trì cheud bliadhna. Bha iad an uair sin air uisgeachan Sruth na Maoile, eadar Alba is Èirinn, airson trì cheud bliadhna. A-nise bha trì
cheud bliadhna gu bhith aca ann an Innis Gluaire far costa taobh an iar na h-Èireann. Ach, airson a bhith saor bhon gheas, dh’fheumadh iad clag Crìosdail a
chluinntinn. Nuair a rugadh iad, b’ e sin linn na pàganachd.
Thàinig seann duine chun an loch-mhara far an robh na h-ealachan a’ snàmh. ’S e duine naomh a bh’ ann. ’S e Mochua an t-ainm a bh’ air. Chunnaic e na
h-ealachan agus bha e eòlach air an t-seann sgeulachd mu Chlann Lir.
Ged a bha iad ann an cruth ealachan, bha comas labhairt agus comas seinn aig Clann Lir fhathast. Nuair a chunnaic iad an seann duine air bruach an locha,
dh’fhaighnich iad dheth gu dè an Dia a bh’ aige. ‘An Dia ùr,’ thuirt e, a’ ciallachadh Dia nan Crìosdaidhean. ‘An sibhse Clann Lir?’
Dh’aidich na h-ealachan gum b’ iad Clann Lir agus bha còmhradh aca le Mochua. Dh’inns Mochua dhaibh mun Dia ùr thròcaireach aca agus mu Naomh Pàdraig a
thug an creideamh a dh’Èirinn. Bha a’ chlann toilichte oir ’s e fuaim clag Crìosdail a bhriseadh an geas a bh’ orra. Dh’inns iad sin don t-seann duine.
Dh’fhuirich iad cuide ri Mochua airson grunn bhliadhnaichean. Chruinnich Mochua seann chlaidheamhan airson an iarainn. Leagh e an t-iarann agus rinn e clag
leis. Bha e an impis an clag a sheinn, airson Clann Lir a shaoradh bhon gheas, nuair a nochd gaisgeach. ‘Is mise Liargren, Rìgh Chonnacht,’ thuirt e. ‘Tha
mo bhean ag iarraidh gum bi na h-ealachan aice. Thoir dhòmhsa iad!’ Mura faigheadh e na h-ealachan, thuirt e ri Mochua gun losgadh e an caibeal aige gu
làr.
Thuirt Fionnuala gum falbhadh iad leis an rìgh. Ghabh Liargren iongnadh gun robh comas labhairt aice. Bha na h-ealachan air an cur ann an carbad. Mus do
dh’fhalbh iad, sheinn an clag anns a’ chaibeal. Gu h-obann, dh’èirich ceò os cionn an locha. Chaidh e timcheall na cloinne mar a thachair naoi ceud
bliadhna roimhe. Thàinig dathan a’ bhogha-froise air a’ cheò mus deach a sgaoileadh leis a’ ghaoith.
Bha an geas briste
. An dèidh naoi ceud bliadhna, bha Clann Lir ann an cruth dhaoine a-rithist. Theich Liagren sa spot agus cha do thill e a-chaoidh. Thòisich aois air laighe
air a’ chloinn gu luath, ge-tà, agus thàinig coltas bhodach is chailleachan orra. Bhaistich Mochua iad uile mus tigeadh bàs orra.
Bhuineadh Clann Lir do na seann aoisean nuair a bha diathan pàganach aig na Gàidheil. A-nise bha iad air bàs fhaighinn ann an linn na Crìosdachd.
’S e sin sgeulachd Clann Lir. Ma tha sibh nur pàrant, nach inns sibh do ur cloinn i? Nuair a chluinneas sibh fhèin, no iad fhèin, guileag na h-eala, ’s
dòcha gum bi sibh a’ cuimhneachadh air na ceithir ealachan a bha beò fo gheasaibh airson naoi ceud bliadhna.