Bha mi ag aithris na sgeulachd ‘Sgiobair an t-Soithich Dhuibh’. Bha an sgiobair a’ seòladh gu ruige Lochlann nuair a thuit e don mhuir. Bha a’
bhana-phrionnsa Lochlannach fhathast air bòrd.
Shnàmh e gu eilean. Bha e gu bhith marbh leis an sgìths, ach chaidh aige air a tharraing fhèin seachad air an tiùrr. Laigh e an sin gun
mhothachadh airson ùine mhòr. Dh’fhairich e cuideigin ga phutadh. ‘Èirich,’ thuirt guth.
‘Chan èirich gu bràth,’ fhreagair an sgiobair. Bha e fhathast claoidhte.
‘Thig còmhla rium. Tha geòla agam air an tràigh,’ thuirt am fear eile.
‘Ma thà, tha mi còma,’ thuirt an sgiobair. Ach mean air mhean thàinig e thuige, agus chunnaic e an geòla. Dh’fhalbh e innte leis an fhear eile. Bha am fear
eile ag iomradh aig astar iongantach. Cha b’ fhada gus an do ràinig iad cladach Lochlainn.
‘Taing mhòr,’ thuirt an sgiobair. ‘Shàbhail thu mo bheatha. Dè th’ agad orm?’
‘Dìreach seo,’ fhreagair am fear eile, ‘Gun toir thu do chiad mhac dhomh.’
‘Chan eil mi an dùil gum bi mac agam a-chaoidh,’ thuirt an sgiobair, ‘ach ma bhitheas, bheir mi dhuts’ e.’ Agus rug iad air làimh air a chèile airson am
bargan a dhaingneachadh.
Chaidh an sgiobair suas an rathad gus an do ràinig e taigh. Chuir cailleach fàilte air agus dh’inns i naidheachd dha – gun robh nighean an rìgh a’ dol a
phòsadh seanailear anns an arm. Bhiodh iad a’ dol seachad air an taigh an ceann greis ann an carbad mòr. Thuig an sgiobair gum b’ e sin an nighean a
shàbhail e san Tuirc.
Thog an sgiobair clàrsach. Bha e ga h-aithneachadh. B’ e sin clàrsach a bha e fhèin agus an nighean air cluich còmhla air bòrd an t-soithich. ‘Fàg sin,’
thuirt a’ chailleach, ‘oir ’s ann leis a’ bhana-phrionnsa a tha i. Dh’iarr i orm a cumail dhi.
An uair sin, thàinig an carbad seachad air an taigh. Thòisich an sgiobair air a’ chlàrsach a chluich. Chuala nighean an rìgh e agus dh’èigh i air an
dràibhear a’ choidse a stad. Ruith i a-steach don taigh agus thuirt i gun robh i ag iarraidh an sgiobair a phòsadh, seach an seanailear.
Cha robh iad fada pòsta nuair a bha leanabh-gille aca. Bha iad a’ coiseachd leis an leanabh ann am pram nuair a thàinig fear eireachdail thuca. ‘Uill,
a-nise,’ thuirt e ris an sgiobair, ‘a bheil thu a’ dol a thoirt do mhic dhomh?’
‘Carson,’ thuirt a bhean, ‘a bheil e ag iarraidh ar mic?’
Mhìnich an sgiobair dhi gum b’ e seo an duine a shàbhail e anns an eilean, agus gum b’ e sin an duais a dh’iarr e.
‘Uill, bidh e agad, ma-thà,’ ars a bhean.
‘Nise,’ thuirt am fear eile, ‘leis gu bheil sibh cho reusanta, agus deònach an gille a thoirt dhomh, cha toir mi idir e. An rud a rinn mi dhut, ’s ann mar
dhuais a bha e airson mo thiodhlacadh air an tràigh anns an Tuirc. Tha mi a’ falbh a-nise agus chan fhaic sibh tuilleadh mi.’
Thuig Sgiobair an t-Soithich Dhuibh gun robh e air a bhith a’ bruidhinn ri taibhs. Bho sin a-mach bha beatha fhada shìtheil aige fhèin ’s aig a theaghlach.