Rugadh am bàrd Deòrsa mac Iain Deòrsa air an ochdamh latha dhen Dùbhlachd, naoi ceud deug is còig-deug (1915). Mar a bha mi ag ràdh an t-seachdain sa
chaidh, thogadh Deòrsa ann an Tairbeart Loch Fìne. Thog e a chuid Gàidhlig bho sheann daoine anns a’ bhaile agus bho a mhàthair is
càirdean eile.
Nuair a bha e deich bliadhna a dh’aois, chaidh e gu Colaiste John Watson agus an uair sin Colaiste Fettes ann an Dùn Èideann. Fhuair e sgoilearachd, mar
mhac aig ministear a bh’ air bàs fhaighinn. Anns na làithean-saora aige, bhiodh e ag obair air eathar-iasgaich air Loch Fìne, agus ’s e Gàidhlig a bhiodh
na h-iasgairean a’ bruidhinn ri chèile. Bha e math air cànanan ionnsachadh. Bha e fileanta ann an Dànais is Greugais, agus bha e comasach air mòran
chànanan a leughadh, leithid Fraingis, Tìlis agus Gàidhlig na h-Èireann.
Ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir (1934) chaidh Deòrsa gu Colaiste Corpus Christi ann an Oxford. Ach, eucoltach ri mòran Albannach a th’ air a
dhol gu oilthighean Oxbridge, cha do dh’fhàs e na bu Bhreatannaiche.
’S ann air an rathad eile a chaidh a phoilitigs. Bha e na nàiseantach Albannach. Ach cha b’ e nàiseantach ‘àbhaisteach’ a bh’ ann. Bha e cho daingeann ’s
gun do sgrìobh e gun robh e coma ged a bheireadh na Natsaich Ghearmailteach buaidh air Sasainn. Agus bha e coma ged a bhiodh gort ann an Sasainn mar a bha
ann an Èirinn anns an naoidheamh linn deug – fhad ’s a bhiodh Alba saor. Air sgàth sin, cha bhi a h-uile duine a tha measail air bàrdachd a’ comharrachadh
a bheatha.
Leis nach robh e deònach a ghabhail ri a ghairm don arm, theich e. Bhon Dàmhair naoi ceud deug is ceathrad (1940) bha e am falach airson seachd mìosan ann
am monaidhean Earra-Ghàidheal. Mu dheireadh thall, fhuair na h-ùghdarrasan grèim air agus chaidh a chur don phrìosan airson greis. Ghabh e ri a ghairm an
dèidh sin air sgàth a mhàthar.
Chuir e seachad an còrr dhen chogadh
mar chlàrc anns an Royal Army Ordnance Corps. Bha e an toiseach ann an Sasainn, an uair sin ann an Algeria, Tunisia agus san Eadailt. Bha e ag
obair mar eadar-theangair anns an Eadailt. Chòrd e ris a bhith a’ cabadaich le Arabaich agus prìosanaich-chogaidh Eadailteach. Dh’ionnsaich e mu na
cultaran aca. Agus sgrìobh e tòrr bàrdachd.
Aig deireadh a’ chogaidh, an dèidh fòrladh ann an Alba, dh’fhuirich e anns an arm – ann an Roinn an Fhoghlaim. Agus chaidh a chur don Ghrèig. Ann a sin,
bha e an sàs ann an ùpraid eadar feadhainn air an làimh dheis de phoilitigs agus feadhainn air an làimh chlì. Dh’fhuiling Deòrsa tinneas-inntinn an dèidh
sin agus fhuair e peinnsean bhon arm. Cha do dh’obraich e làn-thìde a-rithist.
Lean an trioblaid-inntinn aige airson a’ chòrr de a bheatha. Chuir e bliadhnaichean seachad ann an ospadal airson tinneas-inntinn ann an Dùn Èideann. Ged a
thill e airson greis don Tairbeart, bha an t-àite na bhriseadh-dùil dha. Cha robh an t-iasgach mar a bha agus bha a’ Ghàidhlig a’ bàsachadh. Chaochail e
ann an Dùn Èideann ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1984). Ach tha a bhàrdachd – ann an Gàidhlig, Albais is Beurla – beò fhathast, agus ’s
fhiach a leughadh.