FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Muile-mhàgag

An itheadh sibh muile-mhàgag? Nuair a tha mi a’ meòrachadh air a’ cheist, tha sgreamh a’ tighinn orm.

Audio is playing in pop-over.

Muile-mhàgag

An itheadh sibh muile-mhàgag? Nuair a tha mi a’ meòrachadh air a’ cheist, tha sgreamh a’ tighinn orm. Ghia! Cò dh’itheadh muile-mhàgag?! Uill, a rèir beul-aithris, dh’ith fear de ghaisgich nan Gàidheal tè – agus ’s dòcha gun robh sin am measg nan adhbharan a bha e cho ... uill … gaisgeil. No an e gu feumadh tu a bhith gaisgeil airson tè ithe?!

Nise, bu chòir dhomh dhèanamh soilleir dè tha mi a’ ciallachadh le ‘muile-mhàgag’. Tha mi a’ ciallachadh toad. Ach tha fhios a’m, ann am mòran sgìrean, gu bheilear a’ cleachdadh ‘muile-mhàgag’, no facal coltach, airson frog.

Tha abairt à Siorrachd Pheairt – cha b’ ann air muileacha-màg a chaidh m’ àrach. A rèir choltais, tha sin a’ ciallachadh ‘I wasn’t raised on frogs’, seach air ‘toads’. Tha mi a’ tuigsinn gum bite ga cleachdadh airson a ràdh ri neach eile, ‘Chan eil mi faoin!’ Cha b’ ann air muileacha-màg a chaidh m’ àrach.

Airson adhbhar air choreigin, gun luaidh air cho gann ’s a tha iad, agus gum bu chòir an dìon, chan eil sinn uabhasach dèidheil air uisge-thìrich mar bhiadh, a bheil? ’S dòcha gun do dh’fheuch sibh losgann no frog. Tha na Frangaich measail orra – co-dhiù air na casan aca. Dh’fheuch mi casan losgainn aon turas, ach chan ann san Fhraing a bha e. Bha mi ann an Thailand. Tha iad measail orra an sin cuideachd, agus bidh iad ag àrach losgannan airson taighean-bìdh. Ach – muile-mhàgag – toad – ’s e sin ceist eile.

Agus cò e an seann ghaisgeach Gàidhealach a dh’ith muile-mhàgag? Cò, ach Alasdair mac Colla Chiotaich, an sàr-shaighdear a bha a-mach cuide ri Montròs ann am meadhan an t-seachdamh linn deug.

An e muile-mhàgag no losgann a dh’ith e? Chan eil mi cinnteach. Ach bha daoine a’ creidsinn gun robh clach luachmhor ann an ceann nan ainmhidhean sin. Bha sin eadhon anns an dealbh-chluich ‘As You Like It’ le Uilleam Shakespeare.

Agus sgrìobh an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd, gur e ‘a’ chlach mhuile-mhàgag molag a tha iongantach na cumadh agus a farsaingeachd de dhathan. Thathar dhen bheachd gun cuir i stad air losgadh taighe, agus cur-fodha bàta. Agus, ma bhios tè aig commandair air blàr-catha, bidh an dàrna cuid buaidh aige air an latha no bidh na daoine gu lèir aige a’ faighinn bàs sa spot.’

Chaidh stòiridh annasach a chlàradh mu mhuile-mhàgag mhòr aig Ach a’ Ghobhail ann am Morbhairne. Bha ainm sònraichte air – ‘Seid’ – agus bha e ri lorg ann am boglach air an robh ‘Lòn na Seid’ mar ainm. Dh’fheuch fear ri a glacadh – airson a’ chlach fhaighinn – air latha fuar geamhraidh nuair a bha an lòn reòite. Rinn e toll san deigh agus leig e le dòbhran, a bh’ aige mar pheata, a dhol troimhe. Dh’fhan e gus an tigeadh a’ mhuile-mhàgag suas tron toll, agus an dòbhran às a dèidh. Bha bata aige na làimh.

Ach, ’s e an dòbhran, a bha feumach air anail a ghabhail, a chuir a cheann tron toll. Gun a bhith a’ coimhead ro dhlùth, bhuail am fear e le a bhata, a’ cur às don dòbhran sa spot. Agus dè thachair don mhuile-mhàgag – chan eil fhios a’m.

Litir 849 Litir 849 Litir 851 Litir 851

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!