FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Deòrsa mac Iain Deòrsa (1)

Gu deas air Tairbeart Loch Fìne tha allt ann air a bheil Allt Beithe mar ainm.

Audio is playing in pop-over.

Deòrsa mac Iain Deòrsa (1)

Gu deas air Tairbeart Loch Fìne tha allt ann air a bheil Allt Beithe mar ainm. Chan eil mi eòlach air mi fhìn ach tha e a’ coimhead snog far a bheil e air na mapaichean. Agus tha e ainmeil ann am bàrdachd na Gàidhlig.

Rugadh am bàrd Gàidhlig Deòrsa mac Iain Deòrsa o chionn ceud bliadhna agus bu mhath leam a bheatha a chomharrachadh anns an Litir. Bha Allt an t-Siùcair aig Mac Mhaighstir Alasdair, agus bha an t-Allt Beithe aig Deòrsa mac Iain Deòrsa, no George Campbell Hay, mar a bh’ aca air ann am Beurla. Seo agaibh a’ chiad rann dhen dàn aige ‘Còmhradh an Alltain’.

Na h-aibhnichean mòra, ge mòrail, mall, leathann iad

Taimis is Tìobar, ’s an Nìl, ge aost’ a seanchas,

Na chunnaic mi nam thuras de shruthan mòra ’s meadhanach,

Hamìz agus Harrais is Safsaf Sgiogda eatarra,

Seabùs is Buidìma is Picentìno eabarach,

Meidearda Chruimìri, Forni, Irno ’s Sele leo,

Remel fo Chonstantìna, is Lìri a dhearg ar fleasgaichean –

Mas brèagh’ iad ’s fheudar dhaibh gèilleadh don Allt Bheithe sin,

Ge cian iad no ainmeil, is balbhain gun cheileir iad.

Cha chreid mi nach robh Deòrsa a’ togail air rudeigin a chomharraicheas uillt na Gàidhealtachd – cho fuaimneach ’s a tha iad. Uill, leis an uiread de dh’uisge a bhios againn, ’s beag an t-iongnadh, ’s dòcha! Cha robh anns na h-aibhnichean eile a dh’ainmich e ach ‘balbhain’.

Seo earrann eile dhen dàn:

Cha teirig cainnt no duain dha, ’s a’ ghrian ’s an cuan a’ solar dha,

Le ’n àlach neòil a’ cumail fileantachd am filidheachd a choilleagan –

Na neòil bheaga ’s na baidealan, le frasan a’ cur dheoch thuige…

Aidh, tha e math gu bheil sìde fhliuch againn, nach eil?!

Leis na dh’ainmich e de dh’aibhnichean, tuigidh sibh gun robh am bàrd air a bhith ann an grunn dùthchannan agus thig sinn gu eachdraidh a bheatha fhathast. Bhuineadh athair do Thairbeart Loch Fìne agus thogadh Deòrsa anns a’ bhaile sin, co-dhiù nuair nach robh e air falbh aig sgoil-chòmhnaidh. Dh’fhàs e eòlach air na sgìrean timcheall Loch Fìne, agus air na seann daoine aig an robh Gàidhlig na sgìre fhathast.

Mar a bha mi ag ràdh, rugadh Deòrsa ann an naoi ceud deug is còig-deug (1915). Bha athair na mhinistear ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù aig an àm. Bha e air a bhith roimhe sin na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Lìonail ann an Nis ann an Leòdhas. Bha buntanas aig a bhean, màthair Dheòrsa, do dh’Ìle, Cnapadal agus Tairbeart Loch Fìne. Bha a h-athair-se na mhinistear anns an Eaglais Shaoir agus bha i fhèin leth-fhileanta ann an Gàidhlig.

Gu mì-fhortanach, chaochail athair Dheòrsa nuair a bha Deòrsa fhèin dìreach ceithir bliadhna a dh’aois. ’S iongantach mura tug sin buaidh mhòr air beatha Dheòrsa – agus thig sinn gu tuilleadh air sin an-ath-sheachdain.

Airson crìoch a chur air an Litir an t-seachdain sa, seo agaibh an rann mu dheireadh dhen dàn Còmhradh an Alltain:

Òran buan a’ teàrnadh, gach ràith às na coireachan,

Uair le dùrdan dùsail, uair le bùirich dhoineannaich;

Ag èigheach ’s a’ ceasnachadh, ’s ga fhreagairt fhèin na chonaltradh,

A’ brìodal chun na tràghad, a’ tàladh ’s a’ coiteachadh,

A’ tilleadh don mhuir chèir o a chèilidh aig na monaidhean,

Am beòshruth beag as fheàrr na gach sàr abhainn thostach leam.

Litir 847 Litir 847 Litir 849 Litir 849

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!