FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Naomh Comhghall & Naomh Coinneach

O chionn mìle, ceithir cheud is caogad bliadhna, bha turas ainmeil tarsainn Alba bhon taobh an iar chun an taoibh an ear.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Comhghall & Naomh Coinneach

O chionn mìle, ceithir cheud is caogad bliadhna, bha turas ainmeil tarsainn Alba bhon taobh an iar chun an taoibh an ear. Seo liosta de na daoine a bha an sàs ann: Baithene, Cobthach, Ernan, Diormit, Rus, Fechno, Scandal, Luguid, Echoid, Tochannu, Cairnan agus Grillan. Bha dusan ann.

Bha an sguad seo cuide ri Calum Cille nuair a shiubhail e tron Ghleann Mhòr bho Eilean Ì gu ruig’ Inbhir Nis – anns a’ bhliadhna còig ceud, seasgad ’s a còig (565). ’S e Naomh Adamnan a thug an liosta dhuinn anns an làmh-sgrìobhainn Laidinn aige, Vita Columbae, ‘Beatha Chaluim Chille’.

Ach an robh feadhainn eile anns a’ bhuidhinn nach eil air an liosta? Dè mu dheidhinn Lugne Mocumin a tha ainmichte ann an co-cheangal ri uilebheist na h-aibhne – a’ chiad turas a tha Niseag a’ nochdadh ann an litreachas na h-Alba? ’S dòcha gum b’ esan an ‘Luguid’ – Luguid mocu-Theimne – air an liosta.

Tha cunntas eile ag innse dhuinn gun robh dithis naomh eile ann an cuideachd Chaluim Chille nuair a chaidh e a thadhal air Rìgh Brùd nan Cruithneach ann an Inbhir Nis. Tha Adamnan a’ cumail sàmhach mun deidhinn-san. An e gun robh e ag iarraidh gum biodh an t-urram air fad airson iompachadh an rìgh – mas e sin a thachair – aig Calum Cille?

Bha Naomh Comhghall à Bangor ann an ceann a tuath na h-Èireann. A rèir cunntas a bheatha, bha e fhèin agus caraid dha còmhla ri Calum Cille air an turas. B’ e a charaid Naomh Cainneach, no Coinneach mar a chanas sinn an-diugh, a bhuineadh do dh’Achadh Bhó ann an Contae Laoise. A rèir a’ chunntais, chaidh iad ann oir bha Cruithnis aca agus bhiodh iad comasach air còmhradh ri Cruithnich na h-Alba. Cha robh an cànan sin aig Calum Cille. Ann am Beatha Chomhghaill, ’s iad an triùir naomh a rinn na mìorbhailean anns a’ Ghleann Mhòr. Anns a’ chunntas aig Adamnan, ’s e Calum Cille a-mhàin a rinn na mìorbhailean.

Bha Comhghall mu chòig bliadhna na bu shine na Calum Cille. Bhuineadh e do Chruithnich na h-Èireann. A rèir cuid, bha na Cruithnich Èireannach air an cànan a chall. Ma bha Cruithnis aig Comhghall, ’s dòcha gun do dh’ionnsaich e i nuair a bha e a’ fuireach ann an Tiriodh, far an do thog e manachainn. Cha do mhair a’ mhanachainn fada, oir chaidh a sgrios le daoine a bha fo stiùireadh dhraoidhean. Agus feumaidh gun robh e luath gus cànan ionnsachadh, oir thàinig e a dh’Alba ann an còig ceud, seasgad ’s a ceithir (564), dìreach bliadhna mus deach Calum Cille a dh’Inbhir Nis.

Bha Coinneach ceithir bliadhna na b’ òige na Calum Cille agus bha e gu math beag. Bha athair na bhàrd à Doire Chaluim Chille. Bha Coinneach air a bhith na phears-eaglais ann an grunn mhanachainnean, an dà chuid ann an Èirinn agus sa Chuimrigh. Bha e ag obair greis am measg nan Cruithneach ann am Muile.

’S dòcha gur e gun robh Cruithnis aig an dithis a bu choireach gun robh iad ann an cuideachd Chaluim Chille air a thuras mhòr. Air an làimh eile, bha an triùir naomh nan caraidean do chèile; ’s dòcha gun robh Calum Cille dìreach ag iarraidh a bhith air a chuairteachadh le caraidean Crìosdail nuair a rinn e a shlighe tro gharbh-chrìochan nam pàganach.

Litir 846 Litir 846 Litir 848 Litir 848

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!