Tha am facal rathad inntinneach. Tha am faclair Teach Yourself Gaelic a’ toirt dhuinn na leanas mar chiall air an fhacal: road, route, way. Tha MacBheathain, anns an Etymological Dictionary of the Gaelic Language ag ràdh gun tàinig am facal bhon Bheurla
Mheadhanaich roade – le ‘e’ aig an deireadh – a’ ciallachadh ‘road’. ’S dòcha gur e as coireach gun tugadh a-steach facal-iasaid bhon
Bheurla gun deach rathaidean a leasachadh ann an dùthaich na Beurla mus deach an leasachadh ann an Garbh-chrìochan na h-Alba.
Tha ‘rathad mòr’ a’ ciallachadh main road, trunk road, highway. Aig aon àm bhiodh na Gàidheil a’ gabhail ‘rathad mòr an rìgh’ air na rathaidean as
motha eadar sgìrean. A bharrachd air sin, ’s e ‘rathad-iarainn’ a bhathar a’ gabhail air railway line, ged as e ‘loidhne-rèile’ a chanas daoine
mar as trice an-diugh.
Tha ‘rathad’ air a chleachdadh ann an grunn ghnàthasan-cainnt, gun a bhith a’ ciallachadh road. Mar eisimpleir, canaidh sinna-mach às mo rathad no teich às mo rathad airson get out of my way. Ma tha cuideigin air bàs fhaighinn, dh’fhaodamaid a ràdh, ‘ Chaidh e às an rathad’. Air an làimh eile, ma chanas sinn ‘Chan eil e às an rathad’, tha e a’ ciallachadh it’s not too bad.
Leis gu bheil rathad a’ ciallachadh route, way, a bharrachd air road, bidh sinn ga chleachdadh ann an Gàidhlig ann an dòigh
eadar-dhealaichte bho road ann am Beurla. Anns an t-seann aimsir, ge-tà, bhiodh daoine ag eadar-theangachadh rathad gu road nam
biodh iad a’ bruidhinn ri luchd na Beurla.
Nam biodh iad, can, air ceum-coiseachd eadar dà bhaile bheag air a’ Ghàidhealtachd, bhiodh iad a’ gabhail ‘rathad’ air. B’ e an Làirig Dhrù, mar
eisimpleir, an ‘rathad’ eadar Rat Mhurchais ann an Srath Spè agus Màrr. ’S e rathad-dròbhaidh a bh’ ann, a bharrachd air a bhith na phrìomh rathad
coiseachd tron Mhonadh Ruadh. Eadhon an-diugh, cha chleachdadh tu am facal road ann am Beurla co-cheangailte ris an Làirig Dhrù. Walking track no walkers’ route ’s dòcha. Ach chan e road.
Carson a tha mi a’ beachdachadh air road agus rathad? Uill, bha mi a’ leughadh mu dheidhinn turas a rinn an Caiptean Edmund Burt air a’
Ghàidhealtachd anns an ochdamh linn deug. Bha Burt na mhaor don t-Seanalair Wade a thog mòran rathaidean air a’ Ghàidhealtachd. Rathaidean ceart. Agus
sgrìobh Burt rudan inntinneach mun Ghàidhealtachd.
Dh’fhalbh e air chuairt le eich – fear-paca agus fear a bha e fhèin a’ marcachd. ’S iomadh rud a bha a’ cur dragh air mu a thuras. Cha robh mòran àiteachan
far am faigheadh e biadh. Bha aige ri a dhol tro bhoglaichean, agus bha na h-eich Shasannach aige ro throm. Chaidh iad an sàs gu domhainn anns na
boglaichean. Cha robh cùisean cho dona, ge-tà, do na gearrain Ghàidhealach. Agus bha e duilich do Bhurt a rathad fhèin – agus sin agaibh am facal a-rithist
– a dhèanamh tro na boglaichean anns na bòtannan mòr’ aige.
Ach an rud a bu mhotha a chuir dragh air – b’ e sin gun robh a luchd-iùil a’ gabhail road air na frith-rathaidean air an robh iad a’ coiseachd.
Bha iad ag eadar-theangachadh ‘rathad’ gu road. Agus do dh’Edmund Burt, chan e roads a bh’ annta! Dh’fheumte feitheamh ris an t-Seanalair
Wade gus am biodh a leithid ann air a’ Ghàidhealtachd!