FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Srath Àrdail (4)

Mus fhàg sinn Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt tha mi airson innse dhuibh mu chath eadar fineachan a tha ainmeil ann an eachdraidh na Gàidhealtachd.

Audio is playing in pop-over.

Srath Àrdail (4)

Mus fhàg sinn Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt tha mi airson innse dhuibh mu chath eadar fineachan a tha ainmeil ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Tha e a’ toirt a-steach Srath Àrdail agus Inbhir Nis.

Thachair e anns a’ cheathramh linn deug, ann an trì cheud deug, trithead ’s a trì (1333). Bha buidheann de Rothaich à taobh sear Rois a’ tilleadh dhachaigh, an dèidh dhaibh a bhith ann an Dùn Èideann. Bha iad a’ siubhal tro Shrath Àrdail agus Gleann Feàrnaid.

Champaich iad airson na h-oidhche ach cha do dh’iarr iad cead bhon uachdaran. Ghabh muinntir an àite air an t-sròin e. Thàinig iad air an oidhche agus gheàrr iad na h-earbaill far eich nan Rothach. Chun an latha an-diugh, ’s e Dail nan Earball a th’ air an àite, ged nach fhaicear sin air mapaichean an OS.

Bha na Rothaich air an uabhasachadh. Chuir an ceann-cinnidh feachd ri chèile de thrì cheud gu leth duine. Thill iad gu Srath Àrdail agus rinn iad sgrios. Mharbh iad mòran daoine agus thug iad air falbh an crodh gu lèir. ’S ann às an tachartas seo a thàinig an seanfhacal Àrdalach ‘ Cha tàinig nì math riamh on tuath, ach a’ ghaoth fhuar as t-fhoghar’.

Cha deach cùisean cho math sin do na Rothaich, ge-tà. Air an rathad dhachaigh, chaidh iad tron Mhòigh, dùthaich Mhic an Tòisich. Dh’iarr Mac an Tòisich pàirt dhen chreich – ‘staoig creich’ mar a chanadh iad aig an àm. Thabhainn an Rothach cuibhreann dhith ach bha Mac an Tòisich ag iarraidh leth dhith.

Dhiùlt na Rothaich sin agus lean iad air an slighe gun dad a thoirt seachad. Bha Mac an Tòisich feargach agus chuir e feachd ri chèile. Chaidh na Rothaich tro Inbhir Nis. Bha iad air an rathad don Mhanachainn agus ceann Poll an Ròid nuair a fhuair Clann ’ic an Tòisich grèim orra aig Clach na h-Aithrigh.

Chuir an Rothach an leth-chuid de na daoine aige dhachaigh leis an fheudail. Thionndaidh càch airson cath a chur ri Clann ’ic an Tòisich. Bha bàs uabhasach ann. Bha ceann-cinnidh nan Rothach air a dhroch leòn agus chaill Mac an Tòisich a bheatha. Tha an cath sin fhathast ann an cuimhne nan daoine ann an Inbhir Nis.

Ged nach eil Dail nan Earball, far an do thòisich an sgeul seo, comharraichte air na mapaichean, tha fios againn far a bheil e. Faodaidh sinn a bhith taingeil airson sin do Theàrlach MacFhearghais à Srath Àrdail, a sgrìobh mu dheidhinn airson Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.

Tha Teàrlach ag innse dhuinn gun do bhruidhinn e ri seann daoine anns an sgìre, feuch faighinn a-mach cà’ robh Dail nan Earball. Airson aon bhliadhn’ deug, dh’fhàilnich air agus bha e an amharas gun robh an t-eòlas sin air chall.

An uair sin, fhuair e litir bhon t-seann mhaighstir-sgoile aige ann an Cill Mhìcheil, fear Moireasdan. Dh’inns am Moireasdanach dha gun robh e air a bhith a’ bruidhinn ri bodach, Raibeart Fleming ann an Gleann Sìth. Bha Fleming a’ fuireach ann an Gleann Feàrnaid nuair a bha e òg. Bha e eòlach air Dail nan Earball.

Tha e gu tuath air a’ Chreig Loisgte, air bruach tuath Allt Feàrnach aig bonn tom cruinn, agus le alltan beag a’ lùbadh troimhe. Leis an fhiosrachadh sin fhathast beò, tha ar stòiridh slàn.

Litir 844 Litir 844 Litir 846 Litir 846

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!