Bidh mi a’ ruith chùrsaichean co-cheangailte ri nàdar agus dualchas nan Gàidheal ann an àite ann an Siorrachd Pheairt. ’S e Ionad Eòlas-nàdair Cheann Drogain a th’ air an àite mar ainm agus tha e suidhichte ann an Srath Àrdail eadar Baile Chloichridh agus Cill Mhìcheil.
Mus do thòisich mi aig Ceann Drogain, cha b’ aithne dhomh cus mu Shrath Àrdail. Bha mi na b’ eòlaiche air an ath ghleann gu sear – Gleann Sìth. Ach mar a
bu mhotha a rinn mi rannsachadh air Srath Àrdail, ’s ann a bu mhotha a thug mi an aire gu robh dualchas làidir Gàidhealach aig an sgìre. ’S iomadh
sgeulachd a th’ ann mu a deidhinn agus bu mhath leam tè dhiubh sin aithris dhuibh an-dràsta. Chan eil mi ag ràdh, ge-tà, gu bheil i a’ riochdachadh na
fìrinn!
Faisg air Ceann Drogain, tha baile beag ann air a bheil An t-Aonach Dubh mar ainm. Ann an sin, tha clach a tha a’ comharrachadh uaigh aig fear Àrdal a thug
ainm don t-Srath. A rèir beul-aithris, chaidh Àrdal a mharbhadh an sin ann an cath an aghaidh feachd de Dhànaich.
Bha triùir bhràithrean ann agus b’ e Àrdal am fear a bu shine dhiubh. Thug na gaisgich seo an ainmean don sgìre a bha iad a’ riaghladh.
Agus bha an ainmean co-cheangailte ris an fhacal ‘fuil’.
B’ e ‘Àrd-fhuil’ no ‘noble blood’ am fear a bu shine. Tha sinn eòlach air an-diugh mar Àrdal, agus b’ ann leis-san a bha Srath Àrdail. B’ e an
dàrna bràthair ‘Ath-fhuil’ no ‘next blood’ agus bha esan a’ riaghladh ann an Athall. Agus b’ e an treas fear ‘Teth-fhuil’ no ‘hot blood’
aig an robh smachd air Teimhil (no Strath Tummel).
Thug Teth-fhuil ainm do dh’Uisge Teimhil – the River Tummel – anns an dòigh seo. Bha e fhèin is companaich an sàs ann a bhith a’ togail creach air
latha fuar geamhraidh. Bha tuil san abhainn agus bha cnapan mòra deighe a’ falbh leis an t-sruth. Bha a chompanaich dhen bheachd gun robh e ro chunnartach
a dhol a-null. Ach bha an ceannard cho ‘teth na fhuil’ ’s nach robh e airson èisteachd riutha. Dh’fheuch e ri snàmh a-null. Ach bhuail pìos mòr deighe ann
agus chaidh e fodha. Bha e air a bhàthadh anns an abhainn.
Mus d’ fhuair Àrdal bàs, bha ainm eile air Srath Àrdail. B’ e sin Srath Mòr na Muice Brice. Bha muc mhòr fhiadhaich a’ fuireach ann uaireigin. Bha
saobhaidh aice aig Sròn na Muice. Agus bha i a’ dèanamh sgrios air an àite.
Ach bha sgrios na bu mhiosa a’ tighinn – na Dànaich. Aig an àm sin, bha tursa – clach mhòr sheasaimh – aig an Aonach Dhubh. Tha i ann
fhathast. Bha na h-Albannaich am falach air tulach faisg air an tursa. Bha na Dànaich a’ caismeachd gu tuath anns an t-srath. Nuair a ràinig iad an tursa,
thug na h-Albannaich ionnsaigh orra.
Bha cath mòr ann agus chaidh na Dànaich a ruagadh. Lean Àrdal agus fear eile orra ach chaidh iad ro fhaisg. Thionndaidh na Dànaich orra agus mharbh iad
Àrdal agus a charaid. Chaidh an dithis a thiodhlacadh faisg air an tursa fo leac mhòr. ’S e Uaigh Àrdail a chanas daoine ris an àite sin an-diugh, ged as e
‘Giant’s Grave’ a chithear air mapaichean an t-Suirbhidh Òrdanais.