FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Srath Àrdail (2)

Bha sinn ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt

Audio is playing in pop-over.

Srath Àrdail (2)

Bha sinn ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt an t-seachdain sa chaidh, agus sin far am bi sinn a’ fuireach an-diugh. Tha e coltach gun robh am madadh-allaidh pailt anns an sgìre sin uaireigin. Tha madaidhean-allaidh air an ainmeachadh ann an cuid de dh’ainmean-àite, leithid Creag a’ Mhadaidh faisg air Cill Mhìcheil. Bha saobhaidh aca faisg air sin.

Tha Gleann Feàrnaid ceangailte ri Srath Àrdail. Aig ceann shuas a’ ghlinne, air a’ chrìch eadar fearann Àrdail agus fearann Athall, tha Beinn Bhùirich. Bha cuideigin a’ faighneachd dhìom o chionn ghoirid mun ainm. Dè bhiodh a’ bùirich ann? Thuirt mi gur iad na daimh a bu choltaiche.

Ach, a rèir choltais, bha mi ceàrr. Anns an t-seann dàn Athallach, Òran nam Beann, tha Beinn Bhùirich air a h-ainmeachadh mar seo:

Chì mi Beinn Ghlò nan eag, Beinn Bheag ’s Airgead-bheann, Beinn Bhùirich nam Madadh Mòr ’s Allt Nid nan Eun ri a taobh...

’S iad na madaidhean-allaidh a bha ainmeil airson a bhith ri bùirich ann, seach na daimh!

Aig bonn Ghleann Feàrnaid, tha clach mhòr ann. Cha bhuin a’ chlach sin don sgìre. Tha seòrsa eile de chloich innte bhon fheadhainn a bhuineas don t-srath fhèin. Bhiodh cuid ag ràdh gun robh i air a gluasad ann le deigh o chionn nam mìltean bhliadhnaichean. Canaidh sinn ‘clach iomrallach’ no glacial erratic ri a leithid.

Ach bha stòiridh eile aig na seann daoine. Tha e a’ dol air ais don linn nuair a b’ iad na Cuimeanaich uachdarain Bhàideanach. Bha ceann-cinnidh nan Cuimeanach airson caisteal mòr a thogail. Bhiodh e cho daingeann ’s nach biodh comas aig armailt sam bith a thoirt bhuaithe.

Mar sin, an àite a bhith a’ dol gu luchd-togail no clachairean, chaidh an Cuimeanach a bhruidhinn ri bana-bhuidseach ainmeil ann am Bàideanach. Dh’aontaich ise, airson duais mhòr, caisteal mòr daingeann a thogail dha. Bhiodh i a’ giùlan nan clach na h-aparan.

Thòisich i le bhith a’ coimhead airson dà chloich mhòir a bha co-ionann ann an àirde is meudachd. Bhiodh iad nan seasamh air gach taobh de gheata a’ chaisteil. Ach, beannaich mi, ged a rùraich i thall ’s a-bhos, a latha ’s a dh’oidhche, air feadh Alba, cha do lorg i dà chloich a bha freagarrach.

Oidhche a bha seo, bha i a-muigh nuair a thachair i ri bana-bhuidseach eile. Bhuineadh an tè seo do dh’Eilean Mhanainn – àite far an robh buidseachd ainmeil! Agus dh’inns i don tè à Bàideanach gun robh dà chloich fhreagarraich ann an Eilean Mhanainn.

Lorg an tè Albannach na clachan agus thog i tè dhiubh na h-aparan. Bha i anns na speuran a’ dèanamh air an taigh air oidhche shoilleir nuair a chunnaic sealgair i os cionn Srath Àrdail. Thuirt an sealgair, ‘Dhia, glèidh mise!’ Leis na faclan sin, bhriseadh cumhachd na bana-bhuidsich, bhris sreanga a h-aparain, agus thuit a’ chlach gu talamh. Tha i fhathast na laighe far an do thuit i.

Cha d’ fhuair a’ bhana-bhuidseach sreanga aparain eile a bha làidir gu leòr, agus cha deach caisteal nan Cuimeanach a thogail. Agus, tha iad ag ràdh, air gach ceann-bliadhna bhon latha a thuit a’ chlach gu talamh, bidh taibhse na bana-bhuidsich air ais, a’ feuchainn ri a togail ’s a gluasad. Tha e a cheart cho math do mhac an duine an t-àite a sheachnadh air an oidhche sin!

Litir 842 Litir 842 Litir 844 Litir 844

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!