FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gille Dubh Thangusdail

Till an crodh, Dhòmhnaill, ’s gheibh thu bean bheadarach, Till

Audio is playing in pop-over.

Gille Dubh Thangusdail

Till an crodh, Dhòmhnaill, ’s gheibh thu bean bheadarach,

Till an crodh, Dhòmhnaill, ’s gheibh thu bean bhòidheach,

Till an crodh, fair an crodh, ruaig an crodh, lean an crodh,

Till an crodh, Dhòmhnaill, ’s gheibh thu bean bhòidheach.

An cuala sibh a-riamh mu Ghille Dubh Thangusdail dha robh an t-òran sin air a dhèanamh? ’S ann à Tangusdal ann am Barraigh a bha e. ’S e creachadair a bh’ ann ri linn nan creach.

Bha dà rud annasach mu dheidhinn, ge-tà. Bha a’ chuid a bu mhotha de na creachadairean a’ togail creach air a’ Ghàidhealtachd no air talamh ìosal na Galltachd. Ach chaidh an Gille Dubh a Shealtainn. Agus dhiùlt e an fheudail a thoirt dhachaigh. Seo agaibh an stòiridh:

Bha MacNèill Bharraigh a’ dèanamh air Sealtainn airson creach a thogail, agus thug e leis fear mòr làidir à Tangusdal. B’ esan an Gille Dubh. Mus do dh’fhàg iad Barraigh, dh’inns an ceann-cinnidh do chàch gum biodh aige ri sabaid an aghaidh fear ann an Sealtainn. ’S e am Boc Sealtainneach am far-ainm a bh’ air. Bhiodh esan a’ dìon crodh Shealtainn bho na creachadairean Barrach.

Ràinig iad Sealtainn. Agus nochd am Boc Sealtainneach. Thòisich sabaid eadar am Boc is MacNèill Bharraigh. Bha a’ chùis a’ dol leis an t-Sealtainneach. An uair sin, leum an Gille Dubh a-steach agus mharbh e am Boc Sealtainneach. Dh’òrdaich MacNèill air na Barraich an crodh a thrusadh agus a chur air bòrd na bìrlinn aca.

Ach bha an Gille Dubh a’ meòrachadh air na rinn e. Bha e a’ gabhail aithreachas airson am Boc Sealtainneach a mharbhadh. Thuirt an Gille Dubh ri MacNèill a chasan a thoirt leis no gun dèanadh e an aon rud airsan ’s a rinn e air a’ Bhoc. Bhiodh aig MacNèill ri falbh às aonais a’ chruidh. Ach bha an t-eagal air ron Ghille Dhubh, agus dh’fhalbh e.

Dh’fhuirich an Gille Dubh ann an Sealtainn agus phòs e nighean a’ Bhuic Shealtainnich. Tha an sliochd aca ann an Sealtainn chun an latha an-diugh. Agus ’s ann dhàsan a chaidh an t-òran Till an crodh, Dhòmhnaill a sgrìobhadh. Feumaidh gun robh ‘Dòmhnall’ air a’ Ghille Dhubh mar ainm-baistidh.

Till an crodh, Dhòmhnaill, ’s gheibh thu bean bheadarach,

Till an crodh, Dhòmhnaill, ’s gheibh thu bean bhòidheach,

Till an crodh, fair an crodh, ruaig an crodh, lean an crodh,

Till an crodh, Dhòmhnaill, ’s gheibh thu bean bhòidheach.

Tha an naidheachd sin mu Ghille Dubh Thangusdail a’ nochdadh ann an leabhar a thàinig a-mach am-bliadhna. ’S e leabhar prìseil a th’ ann, leis an tiotal Ri Luinneig mun Chrò. Tha e mu dheidhinn ‘Crodh ann am Beatha agus Dualchas nan Gàidheal’. ’S i Seònaid Ghriogair, tidsear à Dùn Èideann, an t-ùghdar, agus abair gun do rinn i rannsachadh mòr.

Tha cha mhòr trì cheud òran is dàn ann, agus na briathran gu lèir air an son, eadar feadhainn ceangailte ri bleoghann, an àirigh, dròbhaireachd, creach is eile. Tha an leabhar gu lèir ann an Gàidhlig bhrèagha, shiùbhlach. Ma tha ùidh agaibh ann an dualchas nan Gàidheal co-cheangailte ri crodh, feumaidh sibh lethbhreac fhaighinn dhuibh fhèin! Mo bheannachd air Seònaid chòir agus air Grace Note Publications ann an Siorrachd Pheairt airson an leabhar a chur ann an clò. Agus air a’ Ghille Dhubh airson an crodh Sealtainneach a thilleadh!

Litir 840 Litir 840 Litir 842 Litir 842

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!