FaclairDictionary EnglishGàidhlig

MacMhuirich agus MacIain

Chan eil mi cinnteach, nuair a chaidh an t-Oll. Somhairle

Audio is playing in pop-over.

MacMhuirich agus MacIain

Chan eil mi cinnteach, nuair a chaidh an t-Oll. Somhairle MacIain a thiodhlacadh ann an Abaid Westminster ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1784), an deach a bhata daraich a thiodhlacadh na chois. Bha e air a bhith iomchaidh nan deach, oir bhiodh e a’ dol a laighe na sheann aois leis a’ bhata san leabaidh ri a thaobh.

Carson? Uill, bha an t-eagal air, bha e ag ràdh, ro Sheumas MacMhuirich no ‘Ossian MacPherson’ mar a th’ aig cuid air. Bha MacMhuirich air sgrìobhadh gu MacIain, a’ maoidheadh air. B’ e litreachas a bh’ air cùl an eas-aonta.

Bha mi aig co-labhairt mu MhacMhuirich ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-Earrach am-bliadhna. ’S ann à Bàideanach a bha MacMhuirich, agus thog e taigh mòr ann. Bha e gu math ainmeil air feadh na Roinn Eòrpa, agus gu math beartach leis.

Bha mi a’ faighneachd de na sàr-eòlaichean a bha an làthair an do thachair MacMhuirich is MacIain ri chèile riamh. Bha iad a’ fuireach ann an Lunnainn aig an aon àm. Bha caraidean anns a’ chumantas aca. Ach cha robh freagairt aig gin de na h-eòlaichean dhomh. Bha iad an amharas gur ann tro litrichean a chumadh an naimhdeas a’ dol. Agus ’s e a bha guineach, a rèir choltais.

Smaoinich mi – nach biodh e math nan sgrìobhadh cuideigin sgileil dealbh-chluich mu dheidhinn coinneamh eadar an dithis! Saoil am biodh i sradagach, no am biodh an dithis a’ gabhail deoch-slàinte do chèile?! Dithis uaislean no dithis thrustairean? No an dà chuid eadhon? Bidh beachd agaibh fhèin, tha fhios.

’S dòcha nach e fear dòigheil a bh’ ann an Somhairle MacIain, ach tha e coltach gun robh e ceart mu na sgrìobhaidhean aig MacMhuirich. Bha an t-Albannach a’ cumail a-mach gun robh na dh’fhoillsich e air a chruthachadh le Oisean (agus nach iomadh rud a thachair bho linn Oisein!) Ach tha e coltach gur e MacMhuirich fhèin a sgrìobh a’ chuid a bu mhotha dheth, ged a bha e stèidhichte air beul-aithris a bha fhathast beò air bilean an t-sluaigh.

Cha chreid mi gun cuala MacIain a’ bheul-aithris sin nuair a bha air chuairt air a’ Ghàidhealtachd ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a trì (1773). Agus cha tuigeadh e a leithid co-dhiù. Bha e a’ coimhead airson làmh-sgrìobhainnean a dhearbhadh nach robh MacMhuirich air na sgrìobhaidhean a chruthachadh. Agus cha d’ fhuair e lorg air gin.

Nuair a thill e dhachaigh, thuirt e gur e slaightear a bh’ ann am MacMhuirich agus gun robh na leabhraichean aige foilleil. Dh’èirich naimhdeas eadar an dithis a mhair fichead bliadhna gus an do chaochail MacIain ann an seachd ceud deug, naochad ’s a ceithir (1794). Chaochail MacMhuirich dà bhliadhna an dèidh sin.

Nach annasach e, ma-thà, gun robh an dithis air an cur cha mhòr còmhla an dèidh am bàis. Tha iad le chèile air an tiodhlacadh ann an Oisean nam Bàrd ann an Abaid Westminster, dìreach trì ceumannan-coise deug air falbh bho chèile. Chan eil mi an dùil gun tug MacIain a bhata leis oir cha bhiodh fios aige gum biodh a nàmhaid a’ dol don uaigh anns an aon àite. Ach ’s dòcha gu bheil e iomchaidh gu bheil MacMhuirich air a thiodhlacadh an sin. Bàrd Oisein, mar gum bitheadh, ann an Oisean nam Bàrd.

Litir 835 Litir 835 Litir 837 Litir 837

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!