FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte

‘Tha sinn dhen bheachd gu bheil na puingean fìrinneach seo

Audio is playing in pop-over.

Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte

‘Tha sinn dhen bheachd gu bheil na puingean fìrinneach seo follaiseach annta fhèin, gu bheil a h-uile duine air a chruthachadh co-ionann, gu bheil iad a’ faighinn chòirichean àraidh nach gabh àicheadh bhon Chruithear, agus am measg sin tha Beatha, Saorsa agus a bhith an tòir air Sonas.’ ’S dòcha gur e eadar-theangachadh truagh a rinn mi ach tha mi an dòchas gum bi cuid agaibh ag aithneachadh an teacsa thùsail – Agairt Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte. B’ e Tòmas Jefferson prìomh ùghdar an teacsa.

Chaidh a sgrìobhadh ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776). San latha an-diugh bhiodh mòran ann am Breatainn a’ taobhadh leis na briathran sin. Bha na h-Ameireaganaich a’ strì an aghaidh aintighearnas Bhreatainn. Cò nar measg – co-dhiù am measg nan Gàidheal – a chanadh nach eil daoine air an cruthachadh co-ionann? Fàgaidh sinn an dàrna taobh an-dràsta nach robh Jefferson agus càch a’ gabhail a-steach còirichean nan tràillean dubha mar bu chòir agus mar sin gun robh beachd claon aig mòran aca air ‘co-ionannachd’.

Cha b’ fhada gus an robh Breatainn air freagairt a thoirt seachad do na h-Ameireaganaich. Thàinig leabhran beag a-mach leis an tiotal mhòr: ‘The Rights of Great Britain Asserted against the Claims of America: Being an Answer to the Declaration of the General Congress’. Ge brìth dè tha sibh fhèin a’ smaoineachadh mu chòirichean Bhreatainn, tha an leabhran air a dheagh sgrìobhadh ann an deagh Bheurla.

Carson a tha mi ag innse seo dhuibh? Uill, dh’ionnsaich mi o chionn ghoirid gun deach an leabhran a sgrìobhadh le Gàidheal! Fear a bha gu math ainmeil ann an mòran dùthchannan. Innsidh mi dhuibh cò bh’ ann aig deireadh na Litreach. ’S dòcha gun cuir e iongnadh air cuid agaibh.

Anns an leabhran, tha an t-ùghdar a’ cur air adhart na h-argamaid gu bheil cumhachd air nach gabh smachd a thoirt anns a h-uile stàit san t-saoghal. Ann an Ìmpireachd Bhreatainn tha an cumhachd ‘far as sàbhailte a b’ urrainn a bhith’ ann an Rìgh, Cumantan is Morairean anns an Reachdadaireachd no Legislature.

Bha na h-Ameireaganaich an aghaidh cìsean a phàigheadh mura biodh iad air an riochdachadh anns an Reachdadaireachd. Uill, nach èist sibh ris an argamaid an aghaidh sin. ‘Air a’ phrionnsapal seo,’ tha ùghdar an leabhrain ag ràdh, ‘cha mhòr gu bheil aon duine ann an còig air fhichead ann am Breatainn air a riochdachadh. A-mach à còrr is seachd millean, tha còir aig nas lugha na trì cheud mìle na buill pàrlamaid a thaghadh.’ Tha e ag ràdh – chan eil deamocrasaidh ceart againne (cha robh no aig na Ròmanaich) – mar sin, carson a bu chòir a leithid a bhith agaibh fhèin?!

Tha e cuideachd ag ràdh – ‘don ùghdarras seo (ùghdarras na Reachdadaireachd) feumaidh an Ìmpireachd gu lèir a bhith a’ gèilleadh’. Dhòmhsa, mar dheamocratach anns an aonamh linn air fhichead, tha e piantail gun robh Gàidheal a’ cur seachad bheachdan mar sin. Ach sin mar a bha an saoghal.

Agus cò e a sgrìobh an leabhran? Cò ach Seumas MacMhuirich à Bàideanach (James MacPherson ann am Beurla) – am fear a bha connspaideach airson a bhith a’ cur seann dàin Oisein air beulaibh an t-sluaigh (mas fhìor). Bidh tuilleadh agam airsan an-ath-sheachdain.

Litir 834 Litir 834 Litir 836 Litir 836

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!