FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gàire agus Fiamh-ghàire

Dè a’ Ghàidhlig air smile? Ciamar a chanas sinn she

Audio is playing in pop-over.

Gàire agus Fiamh-ghàire

Dè a’ Ghàidhlig air smile? Ciamar a chanas sinn she was smiling? An cleachdadh sibh fhèin gàire? Bha i a’ dèanamh gàire ? Uill, ’s dòcha gu bheil sin a’ ciallachadh she was laughing. An canadh tu gu bheil am Mona Lisa aig Leonardo da Vinci a’ dèanamh gàire? Cha chreid mi gun canadh.

Bha mi fortanach gu leòr a dhol don Louvre ann am Paris turas. Cha robh e cus ro thrang. Uill, bha sin fìor gus an do ràinig sinn am Mona Lisa! Bha an seòmar sin loma-làn daoine agus thug e ùine mhòr fhaighinn faisg gu leòr air an dealbh airson gnùis a’ bhoireannaich fhaicinn. Agus dè an tuairisgeul a dhèanainn dhith?

’S iomadh facal a th’ againn airson smile ann an Gàidhlig – mar eisimpleir fiamh-ghàire, faite-gàire agus snodha-gàire. Cuideachd, tha mìog, snodha, leamh-ghàire, niamh-ghàire, plìonas agus braoisg ann. ’S dòcha gur e fiamh-ghàire a chanadh tu a th’ air aodann a’ Mhona Lisa. Ach, leis an fhìrinn innse, nuair a bha mi a’ coimhead air an dealbh, cha robh mi buileach cinnteach an robh i a’ dèanamh gàire de sheòrsa sam bith!

Tha an diofar eadar gàire agus, can, fiamh-ghàire, gu litreachail ‘the hint of a laugh’ agus faite-gàire, gu litreachail ‘a shy or timid laugh’ nam cheann an-dràsta oir chunnaic mi dealbh ainmeil eile o chionn ghoirid.

Bha mi ann an Cruinneachadh Uallais ann am meadhan Lunnainn. ’S e seann taigh mòr a th’ ann a tha a làn dealbhan is àirneis is buill-airm a tha iongantach fhèin prìseil. Bhuineadh cuid dhen stuth do Mharie Antoinette, banrigh na Frainge aig àm an ar-a-mach. Chaill i a ceann air a’ ghuillotine ann am Paris agus thàinig mòran dhen stuth aice air a’ mhargaidh an dèidh sin.

’S dòcha gur e an dealbh as ainmeile anns a’ chruinneachadh fear leis an Dùitseach Frans Hals a chaidh a dhèanamh ann an sia ceud deug, fichead ’s a ceithir (1624). ’S e an tiotal a th’ air The Laughing Cavalier. Cleas a’ Mhona Lisa, thog mi ceist sa mhionaid mu a ghnùis. Chan e lachanaich no gàire mhòr a tha e a’ dèanamh ach fiamh-ghàire de sheòrs’ air choreigin. ’S e The Smiling no The Smirking Cavalier a bu chòir a bhith air, chanainn, seach The Laughing Cavalier. Tha a stais, a tha a’ dol an-àirde aig gach ceann, a’ toirt a’ chreidsinn gu bheil cumadh a bheòil ann an cumadh fiamh-ghàire barrachd na bhitheadh e às aonais stais. Ach feumaidh mi aideachadh gu bheil nàdar de dh’fhiamh-ghàire na shùilean cuideachd.

Chan eil fios le cinnt cò e am fear anns an dealbh. Ach chanainn gun robh e beartach. Tha a chuid aodaich, a th’ air a dhèanamh de shìoda, dìreach àlainn. Anns an dòigh sin, tha an dealbh nas tarraingiche na ’m Mona Lisa. Ach tha aon rud sa chumantas eadar an dà dhealbh. Co-dhiù tha na cuspairean ri fiamh-ghàire gus nach eil, tha na sùilean aca a’ coimhead gu dìreach air an neach-amhairc eadhon nuair a ghluaiseas e bho thaobh gu taobh, no suas is sìos. Tha iad le chèile nan sàr-dhealbhan le sàr-dhealbhadairean.

Litir 833 Litir 833 Litir 835 Litir 835

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!