’S i mo rùn Beinn Eighe, dh’fhalbhadh i leam is dh’fhalbhainn leatha.
Nuair a chaidh mi seachad air Beinn Eighe – tè de bheanntan ainmeil Rois an Iar – sa Ghiblean, ’s ann mar sin a bha e. Abair gun robh i brèagha, le sneachd
mòr oirre. Bha a’ choille aig bonn na beinne a’ coimhead brèagha cuideachd, agus na breacain-bheithe air sgeith mu mo thimcheall.
Bha caraid à Sasainn cuide rium. Dh’fhaighnich e dhìom gu dè bu chiall don ainm ‘Beinn Eighe’. Thuirt mi ‘file mountain’ ris. ’S e sin a thathar
ag ràdh anns an taisbeanadh ùr aig Dualchas Nàdair na h-Alba faisg air Ceann Loch Iù. Agus tha a’ bheinn coltach ri eighe – an seòrsa le trì taobhan oirre,
nuair a tha thu a’ coimhead oirre bho Cheann Loch Iù.
‘Feumaidh nach eil an t-ainm sean, ma-thà,’ thuirt mo charaid. ‘Chan eil a leithid de bhall-acfhainn air a bhith ann am bith uabhasach
fada.’ Uill, cha robh fios agam dè chanainn. An uair sin smaoinich mi air mapa Bhlaeu a chaidh a dhèanamh ann an sia ceud deug, seasgad ’s a còig (1665).
Am biodh an t-ainm air a’ mhapa sin?
’S iomadh rud luachmhor a th’ air mapa Bhlaeu. Mar eisimpleir, ’s e Loch Ew a th’ aige airson Loch Ma-ruibhe, a’ sealltainn nach robh ainm an
locha air atharrachadh fhathast. ’S e sin as coireach gu bheil Ceann Loch Iù agus Leitir Iù co-cheangailte ri Loch Ma-ruibhe. Tha Blaeu ag ainmeachadh
Leitir Iù agus cuideachd Glas-leitir, far a bheil taigh-taisbeanaidh SNH.
Ach, gu mì-fhortanach, chan eil Beinn Eighe air a h-ainmeachadh! Faisg oirre tha dà ainm beinne – Bin Rowastack – ’s e sin an Ruadh-stac a tha mar
phàirt de Bheinn Eighe. Agus tha Bin Inachan ann. An e sin Beinn Eunachan ‘mountain of little birds’? Tha dìreach aon bheinn faisg air
làimh le ainm car coltach ri sin an-diugh – Beinn an Eòin. Bha mi an dùil gun robh sin a’ ciallachadh ‘Beinn na h-Iolaire’ ach ’s dòcha nach eil sin ceart.
Rinn Uilleam Roy mapaichean dhen Ghàidhealtachd ceud bliadhna an dèidh Blaeu. Tha esan ag ainmeachadh Beinn Eighe (Ben Eay) agus Beinn an Eòin (Ben Neaun).
Tha e cuideachd a’ cur an ainm ùir air Loch Ma-ruibhe.
Thionndaidh mi chun na ceiste, ma-thà – an robhar a’ dèanamh eighean, gu h-àraidh feadhainn trì-thaobhach, ro mheadhan an ochdamh linn deug? Uill, a rèir
choltais, bha – ach ma tha fiosrachadh mionaideach agaibh fhèin air a’ chùis, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
Bha, agus tha, eighean dhen t-seòrsa sin feumail airson na fiaclan air sàbhan a gheurachadh. Tha mi a’ smaoineachadh gu sònraichte air an t-sàbh mhòr a
bhathar a’ cleachdadh airson craobhan a ghearradh. Bhiodh muinntir Cheann Loch Iù gu math eòlach air a leithid oir bha gnìomhachas mòr aca co-cheangailte
ris a’ choille a bha a’ fàs mu thimcheall orra. Gu dearbh, bha gnìomhachas iarainn anns an sgìre sin uaireigin, agus an gual-fiodha air a dhèanamh às na
craobhan a bha a’ fàs ri taobh Loch Ma-ruibhe.
Ach, ma tha ceist sam bith ann mu ainmean-àite air Teàrmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe, chan eil againn ach a dhol don obair sgoilearaich a rinn Roy
Wentworth nach maireann. Chaidh fhoillseachadh o chionn seachd bliadhn’ deug. Bha Roy còir dhen bheachd dha-rìreabh gur e ciall an ainm ‘file mountain’. Chan urrainnear àicheadh.