FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Tèine Mòr (6)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh

Audio is playing in pop-over.

An Tèine Mòr (6)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh – ‘An Gobha agus an Droch Fhear’ – a tha a’ mìneachadh mar a thàinig an Teine Mòr, no Teine Sionnachain, gu bith.

‘Tha iad ag ràdh,’ thuirt an gobha ris an Droch Fhear, ‘gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu.’

‘Tha sin fìor,’ ars an Droch Fhear.

‘Cha chreid mi e gus am faic mi e,’ thuirt an gobha. ‘Mas urrainn dhut, cuir thu fhèin ann an riochd bonn airgid.’

Sa mhionaid, chuir an Droch Fhear e fhèin ann an riochd bonn airgid. Thog an gobha am bonn. Sparr e gu teann cruaidh na sporan e. B’ e an treas iarrtas aige air an t-seann duine liath nach fhaigheadh bonn a-mach às an sporan aige ach a-mhàin nan togadh a làmh fhèin e. Bha an Droch Fhear a-nise an sàs aige. Bha e a’ sgreadail ’s a’ sgreuchail mar gur e muc a bh’ ann. Ach cha d’ fhuair e a-mach às an sporan.

Ach dè bha an gobha a’ dol a dhèanamh leis an Droch Fhear? Chuir e roimhe an sporan a phronnadh leis na h-ùird air an innean. Dh’iarr e air dithis ghillean làidir a b’ aithne dha am pronnadh a dhèanamh. Thilg iad an sporan pronn don teine, agus dh’fhalbh an Droch Fhear na shradagan a-mach air an luidhear.

Ach, le bàs an Droch Fhir, thòisich cùisean air a dhol an aghaidh a’ ghobha. Bha an sprèidh aige a’ faighinn bàs. Ged a rinn e curachd as t-earrach, cha robh toradh a b’ fhiach anns a’ bhàrr aige as t-fhoghar. Bha e air òr is airgead a chur ma seach ann an cisteachan is sluic. Ach, nuair a dh’fhosgail e na cisteachan ’s na sluic, cha robh annta ach buachar eich!

Chaidh cùisean an aghaidh a theaghlaich cuideachd. Bha a’ chlann gu lèir leisg agus làn droch bheusan. Nuair a dh’eug a bhean, bhiodh an gobha a’ falbh o dhoras gu doras na chripleach truagh, ag iarraidh na dèirce.

Mar bu shine ’s mar bu truaighe a bha e a’ fàs, ’s ann a bu mhiosa a bha a nàdar a’ dol. Cha robh beannachd Dhè no dhaoine air a cheann. On a bha e gun charaid, is gann a bha duine ann a bheireadh fasgadh na h-oidhche dha. Mu dheireadh, fhuaradh a chorp marbh ann an seann tobhta. Cha chuireadh na daoine ann an cladh e. Thilg iad a chorp ann an sloc faisg air bruaich na h-aibhne.

Nuair a dh’fhàg e an saoghal, chaidh e gu dìreach a dh’ionnsaigh an droch àite. Nuair a ràinig e an doras, cò choinnich e ach a sheann charaid.

‘Thàinig thu mu dheireadh,’ ars an Droch Fhear, ‘ach cha ghabh mise a-steach thu. Tha mi a’ fadadh teine nach mùchar a-chaoidh nad bhroilleach. Tha mi ag òrdachadh dhut a bhith ag imeachd sìos is suas air an talamh gu latha a’ bhreitheanais. Cha bhi fois oidhche no tàmh latha agad. Bidh thu nad chulaidh-ghràin dhut fhèin agus nad chulaidh-eagail do gach creutair beò a chì thu.

’S ann mar sin a thàinig an Teine Mòr gu bith. Ma chì sibh e, cuimhnichibh air eachdraidh a’ ghobha agus mar a dh’fhuiling e a chionn ’s gun do rinn e bargan leis an Droch Fhear.

Litir 829 Litir 829 Litir 831 Litir 831

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!