FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mabinogion (1)

As t-Earrach am-bliadhna, ghabh mi cuairt don Chuimrigh. Bha mi

Audio is playing in pop-over.

Mabinogion (1)

As t-Earrach am-bliadhna, ghabh mi cuairt don Chuimrigh. Bha mi anns a’ cheann a tuath, ann an Eryri, no ‘Snowdonia’ mar a chanar ann am Beurla.

Bha fear as aithne dhomh a’ ruith cùrsa deireadh-sheachdaineach, a’ toirt sùil air tè de sgeulachdan nam Mabinogion. ’S iad seann sgeulachdan na Cuimrigh, car coltach ri Mòr-sgeulachdan Innis Tìle. Buinidh iad do na Meadhan-Aoisean.

B’ e fàth mo thurais a bhith a’ faicinn nan àiteachan far an do thachair na diofar phàirtean dhen sgeulachd. Tha iad air an comharrachadh is air an ainmeachadh air aghaidh na tìre. Agus, ann an aon àite, air grunnd na mara!

Bha mi airson faicinn mar a tha sàr-sgeulaiche a’ dèiligeadh ri a leithid sa Chuimrigh. Oir bu mhath leam gun dèanamaid an aon seòrsa rud an seo le ar sgeulachdan Gàidhealach.

B’ e an sgeulachd a chaidh aithris dhuinn ‘Math, Mac Mhathonwy’. Uaireannan, tha eileamaidean anns na stòiridhean Cuimreach a bhios aithnichte do Ghàidheil. Agus, anns an sgeulachd seo, tha caractar air a bheil Lleu. A rèir choltais tha an aon tùs aige ri Lugh, an seann ghaisgeach is dia pàganach Gàidhealach a tha ainmichte againn fhathast anns a’ mhìos – An Lùnastal. Tha Lleu ainmichte ann an grunn àiteachan ann an ceann a tuath na Cuimrigh, leithid Nantlle ‘allt Lleu’.

Tha an stòiridh ro fhada airson innse dhuibh air fad, eadhon geàrr-chunntas dheth. Ach bu mhath leam earrann dheth aithris dhuibh.

Bha Math, mòr-mhaor Gwynedd a’ lorg òigh. Chuir e fios gu Arianrhod, nighean piuthar dha.

A bheil thu nad òigh?’ dh’fhaighnich e.

‘Chan aithne dhomh nach eil,’ fhreagair Arianrhod.

Thug Math a shlat dhraoidheil a-mach agus dh’iarr e air a’ bhoireannach òg ceum a ghabhail thairis oirre. Rinn i sin ach, aig an dearbh àm, rugadh leanabh-gille dhi. ’S e leanabh mòr a bh’ ann, le falt buidhe. Leig e èigh a-mach. Rinn Arianrhod air an doras. Fhad ’s a bha i a’ dèanamh sin, rugadh leanabh-gille eile dhi. Bha am fear sin gu math beag. Chuir bràthair Arianrhod, Gwydion, còmhdach sìoda thairis air, agus chuir e am falach e ann an ciste aig bonn a leapa.

Tuigidh sibh a-nise nach e òigh a bh’ ann an Arianrhod agus gun robh dithis leanabh aice. A’ chiad fhear, ’s e Dylan a chuireadh air mar ainm. Tha sin a’ ciallachadh ‘Cuan’. Cho luath ’s a bha e air a bhaisteadh, rinn e air a’ mhuir. Bha e a’ snàmh cho math ri iasg. Cha do bhris tonn riamh fodha.

Ach an leanabh eile – am fear beag – thill Gwydion thuige. Thug e don bhaile faisg air làimh e. Agus dh’aontaich boireannach an sin an gille a thogail – airson sùim airgid. Cha robh ainm air a’ ghille aig an àm sin.

An-ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu àiteachan air cladach na Cuimrigh, agus gu math faisg air a chèile, far a bheil Arianrhod, Dylan agus an gille beag air an ainmeachadh, far a bheil na stòiridhean fhathast beò air bilean an t-sluaigh agus air aghaidh na tìre.

Litir 831 Litir 831 Litir 833 Litir 833

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!