Air an latha mu dheireadh dhen Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis an-uiridh, chuala mi beagan fealla-dhà a chòrd rium. Bha cuideigin a’ bruidhinn mun Òban,
far am bi am Mòd am-bliadhna. Bha e ag ràdh gun robh fras no dhà ann fhad ’s a bha am Mòd ann an Inbhir Nis, ged a bha an aimsir an ìre mhath tioram. Nam
biodh daoine a’ coimhead airson a leithid de dh’aimsir–fras no dhà–anns an Òban, bha deagh theans ann gum faigheadh iad i.
Dh’inns e naidheachd mu fhear Ameireaganach a bh’ anns an Òban airson ceala-deug. Cha mhòr nach robh an t-uisge ann fad na h-ùine. Bha am fear air an
t-sràid agus chunnaic e balach òg a bhuineadh don bhaile. Nach bi an turadh ann an seo uair sam bith?’ dh’fhaighnich e dhen ghille.
Ciamar a bhiodh fios agamsa?’ fhreagair an gille. Chan eil mi ach còig bliadhna a dh’aois!’
Tha e a’ cur nam chuimhne ro-shealladh na h-aimsir a chuala mi airson a’ Ghearasdain. Coimhead a-mach air an uinneig,’ chaidh innse dhomh. Mura faic thu
Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann. Ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann!’ Tha mi an dòchas gun gabh muinntir a’ Ghearasdain
mo leisgeul airson sin!
Aig an àm seo dhen bhliadhna, bidh an aimsir, mar as trice, fuar. Ach an coimeas, can, ris na dùthchannan Lochlannach no Canada no an Ruis, chan eil Alba
cho fuar sin. Faodaidh aiteamh a bhith ann uair sam bith anns a’ gheamhradh.
A bheil sibh eòlach air an fhacal sin–aiteamh thaw’? Bidh sinn ag ràdh tha an latha ris an aiteamh’ no tha i ag aiteamh’. Uill, seo agaibh dà
sheanfhacal co-cheangailte ris:
Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas
no thaw lasts except one from the north, and no snowfall lasts except one from the south’.
Cha mhair aiteamh ach bhon tuath, ’s cha mhair cur ach bhon deas. Tha e a’ ciallachadh gum mair blàths anns a’ gheamhradh airson ùine a-mhàin nuair a tha
a’ ghaoth a’ tighinn bhon àird a tuath. Ma thig àiteamh bhon deas, ’s dòcha gun tig reothadh a-rithist cho luath ’s a dh’atharraicheas a’ ghaoth gu bhith
a’ tighinn bhon àird-a-tuath.
Seo seanfhacal eile a tha gu math eadar-dhealaichte. Aiteamh na gaoithe tuath air an t-sneachd–tuilleadh a chur na cheann the north wind's way of thawing the snow is to add more to it’. Nise, tha mi an dùil gu bheil am fear seo a-mach air daoine, seach air an aimsir.
Tha e a’ buntainn ri feadhainn a bhios a’ feuchainn ri rudan a dhèanamh nas fheàrr, ach a nì nas miosa e. Aiteamh na gaoithe tuath air an
t-sneachd–tuilleadh a chur na cheann.
Airson crìoch a chur air an Litir, tha mi a’ dol a thoirt tòimhseachan dhuibh. Bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain. Tha e co-cheangailte ris a’
gheamhradh:
Cailleach bheag a’ chòta bhàin,
Mar as tighe thig i bhàn,
’S ann as fheàrr a laigheas i.
Tha [a]-bhàn a’ ciallachadh sìos’. Tha an abairt nas cumanta air dualchainntean tìr-mòr, seach anns na h-eileanan. Tha an tòimhseachan furasta gu leòr,
nach eil? Cailleach bheag a’ chòta bhàin, mar as tighe thig i bhàn, ’s ann as fheàrr a laigheas i. Dè tha anns a’ chaillich? Beannachd leibh.